Sailm Dhaibhidh 103

103
Salm 103
1O m'anam, beannaich thus' a‑nis
an Dia Iehòbhah mòr:
Moladh gach nì an taobh staigh dhìom
ainm naomha mar as còir.
2O m'anam, beannaich fhèin a‑nis
Iehòbhah mòr do Dhia:
Na dìochuimhnich na tìodhlacan
a dheònaich dhut an Triath.
3'S e mhaitheas dhut gu gràsmhor caoin
gach peacadh annad fhèin:
'S e bheir dhut slàint', is furtachd fòs,
od easlaintean gu lèir.
4Do bheatha fòs o sgrios a' bhàis,
's e dh'fhuasglas dhut gu pailt:
'S e chrùnas thu le coron gràidh,
's le tròcair chaoimh gun airc.
5Le mhaitheas is le thìodhlacan
sàr-lìonaidh e do bheul:
'S tha d'òige air a nuadhachadh
mar iolair luath nan speur.
6Air sgàth na muinntir ud, a tha
le fòirneart air an claoidh,
Ceartas is breitheanas faraon,
's e Dia nì dhaibh gun dìth.
7Do Mhaois an neach a b'òglach dha
a shlighe chuir e 'n cèill:
Is mar an ceudna ghnìomharan
do chlannan Israèil.
8Tha 'n Tighearn iochdmhor tròcaireach,
's mall fhearg, 's is pailt a ghràs.
9Cha bhi e tagradh rinn do shìor
's cha ghlèidh e fhearg gu bràth.
10A rèir ar peacaidh iomarcaich,
dìoghaltas oirnn cha d'rinn;
'S a rèir ar ciont' is easaontais
cha tug e luigheachd dhuinn.
11Oir mar os cionn na talmhainn tha
na speuran àrd gach rè,
Is amhlaidh sin tha thròcair mòr
don dream don eagal e.
12Mar tha an àird an ear 's an iar
a' gabhail fad o chèil';
'S co fhad a chuireas Dia nan gràs
ar peacaidh uainn gu lèir.
13Amhlaidh mar ghabhas athair dàimh
is truas da leanban maoth,
Mar sin da fhìor luchd-eagail fhèin
Dia gabhaidh truas gu caomh.
14Oir 's aithne dhàsan agus 's lèir
ar cruth 's ar dealbh gu ceart;
Gur duslach talmhainn sinn air fad,
is cuimhne leis gu beachd.
15An duine truagh, a ta a làith'
amhlaidh mar fheur a‑ghnàth;
Mar bhàrr na luibh' air machair fòs
a ta e fàs fo bhlàth.
16Oir gabhaidh thairis osag ghaoith',
's cha bhi e idir ann;
'S chan fhaicear e san ionad ud
an robh e fàs gu teann.
17Ach mairidh tròcair Dhè gu sìor
don dream don eagal e,
Is fòs do chloinn an cloinne-san
bidh fhìreantachd gach rè:
18Don aitim ud a chumas ris
an cùmhnant rinn e riu:
'S a chuimhnicheas 'uil' àitheantan,
a‑chum gun dèant' iad leo.
19Dia shocraich anns na nèamhan àrd'
a chathair rìoghail fhèin;
A rìoghachd tha an uachdar fòs
os cionn gach nì fon ghrèin.
20Sìor-bheannaichibh Iehòbhah mòr,
O ainglean treun an neart,
Tha dèanamh 'iarrtais mar as còir;
's a' tabhairt gèill da reachd.
21Gach uile shluagh a bhuineas dha,
beannaichibh Dia a‑nis;
A sheirbhisich len coileanar
gach nì as toileach leis.
22'Uil' oibrean, feadh a thighearnais,
a rinneadh leis an Triath,
An rìgh Iehòbhah beannaichibh:
O m'anam, beannaich Dia.

Айни замон обунашуда:

Sailm Dhaibhidh 103: SD1992

Лаҳзаҳои махсус

Паҳн кунед

Нусха

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in

YouVersion uses cookies to personalize your experience. By using our website, you accept our use of cookies as described in our Privacy Policy