Sailm Dhaibhidh 102

102
Salm 102
1Rim ùrnaigh èisd, Iehòbhah Rìgh;
is ruigeadh ort mo ghlaodh.
2Na falaich uam do ghnùis san là
thig trioblaid orm gach taobh:
San là an gairm mi ort gu geur,
crom thugam fhèin do chluas;
Is freagair mi gu deifireach,
a' furtachd air mo chruas.
3Do bhrìgh gu bheil mo làith' mar cheò
a' teireachdainn a‑ghnàth;
Mar lic an teinntein 's amhlaidh sin
mo chnàmhan loisgte tha.
4Trom-bhuailte tha mo chridhe bochd,
is shearg e mar am feur;
Ionnas nach cuimhne leam gu beachd
greim arain chur am bheul.
5Le guth mo chaoidh, mo chnàmhan lean
rim chraiceann fhèin gu teann:
6Mar phelican an fhàsaich mi,
's mar chaillich-oidhch' nam beann.
7Ri faire tàim gu furachair,
is cosmhail mi a‑ghnàth
Ri gealbhan beag na aonar fòs
air mullach taighe tha.
8Ri fad an là mo naimhdean garg'
gam mhaslachadh gu geur;
'S an dream a tha air boile rium
am aghaidh mhionnaich iad.
9Lem dheuran cho-measg mi mo dheoch;
mar aran dh'ith mi luath,
10Tre lasan d'fheirg'; oir thog thu mi
is leag thu rìs gu truagh.
11Mar sgàile chlaon mo làithean sìos;
is shearg mi fhèin mar fheur.
12Ach mairidh tus' am feasd, a Dhè,
's do chuimhne fhèin gu sìor.
13Nis èiridh tu a dhèanamh gràis
air Sion naomh gu dlùth:
Oir àm a cobhair tha air teachd,
seadh, 'n t‑àm a dh'òrdaich thu.
14Oir d'òglaich tha a' gabhail tlachd
na clachan brèagh' gach uair;
Tha deagh thoil aig do sheirbhisich
da luaithre is da h‑ùir.
15Mar sin bidh air na fineachan
eagal ro ainm an Triath:
Is air gach rìgh air thalamh tha
bidh ro do ghlòir-sa fiamh.
16Nuair thogar Sion suas le Dia
taisbeanar e na ghlòir.
17Ùrnaigh nam bochd bheir e fa‑near,
's cha diùlt e iad le tàir.
18Don àl a tha ri teachd nar dèidh,
siud sgrìobhar dhaibh gu beachd:
'S an dream a ghinear o seo suas,
molaidh iad Dia nam feart.
19Oir dh'amhairc e a‑nuas gu beachd,
o àird a naomhachd fhèin;
Is air an talamh dh'amhairc Dia,
a‑nuas o nèamh nan speur;
20A chluinntinn osnaich ghearanach
a' phrìosanaich tha 'n sàs;
Chum fuasgladh air a' mhuinntir sin
a dh'òrdaicheadh chum bàis.
21An Sion chum a chur an cèill
ainm uasal àrd ar Dia,
'S a dh'innse an Ierusalem
moladh is cliù an Triath.
22An t‑àm a bhios na fineachan
air cruinneachadh le chèil';
'S gu seirbhis Dhè tràth thionailear
na rìoghachdan gu lèir.
23Air feadh na slighe is an ròid
mo threòir do lagadh leis:
Mo làithean chuir an giorrad fòs.
24'S mar seo do labhair mis':
Mo Dhia, na glacar mi le bàs,
mu thimcheall leth mo là:
O aois gu aois gu maireannach,
do bhliadhnaidh buan a ta.
25O chian leag thusa bunaitean
na talmhainn seo, a Dhè;
Is iad na nèamhan fìorghlan àrd'
oibrean do làmhan fhèin.
26Teirigidh iadsan 's thèid iad as,
ach mairidh tusa, Dhè:
Seadh, teirgidh iadsan 's gabhaidh seach
mar aodach sean gu lèir:
Feuch caochlaidh tu mar thrusgan iad,
is caochlar iad gun cheist.
27Tha thus' a‑mhàin gun chaochladh ort,
's do bhliadhnaidh buan am feasd.
28Bidh clann do sheirbhiseach, a Dhè,
maireannach buan a‑ghnàth:
Is ann ad fhianais socraichear
an gineal-san gu bràth.

Айни замон обунашуда:

Sailm Dhaibhidh 102: SD1992

Лаҳзаҳои махсус

Паҳн кунед

Нусха

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in

YouVersion uses cookies to personalize your experience. By using our website, you accept our use of cookies as described in our Privacy Policy