Marcas 5

5
Leigheas Duine anns an Robh Deamhan
1Thàinig iad gu taobh eile na mara, gu dùthaich nan Gerasèanach. 2Nuair a chaidh e a‑mach às an eathar, sa bhad, o na tuaman, thachair duine ris anns an robh spiorad neòghlan, 3aig an robh a dhachaigh anns na tuaman, agus cha b' urrainn neach sam bith a cheangal tuilleadh, fiù 's le sèinichean. 4Oir chaidh a cheangal gu tric le slabhraidhean agus le sèinichean, ach tharraing e na sèinichean‑coise às a chèile, agus bhris e na slabhraidhean nam pìosan beaga. Cha robh an neart aig neach sam bith airson a cheannsachadh. 5A latha 's a dh'oidhche, am measg nan tuam 's air na beanntan, bha e an‑còmhnaidh ag èigheach 's ga ghearradh fhèin le clachan.
6Nuair a chunnaic e Ìosa o fhad' às, ruith e agus thilg e e fhèin sìos ma choinneamh. 7Agus dh'èigh e le guth àrd, is thuirt e, “Dè mo ghnothach riutsa, Ìosa, a Mhic an Dè as ro àirde? Tha mi a' guidhe ort, tro Dhia, gun mo chur fo àmhghar.” 8Oir bha e ag ràdh ris, “Thig a‑mach às an duine, a spioraid neòghlain!”
9Agus bha Ìosa a' faighneachd dha, “Dè an t‑ainm a th' ort?”
Fhreagair esan, “Is e Lègion an t‑ainm a th' orm, oir tha mòran againn ann.” 10Agus ghuidh e air gu dùrachdach gun an cur a‑mach às an dùthaich.
11A‑nis bha treud mòr mhuc an sin ag ionaltradh faisg air làimh air cliathaich na beinne. 12Ghuidh na deamhain air Ìosa, “Cuir sinne dha na mucan; leig leinn a dhol a‑steach annta.” 13Mar sin thug e cead dhaibh, agus thàinig na spioradan neòghlan a‑mach, agus chaidh iad a‑steach dha na mucan; agus ruith an treud, timcheall air dà mhìle dhiubh, sìos gu luath air leathad cas dhan mhuir; agus chaidh am bàthadh sa mhuir.
14Agus theich iadsan a bha gam biathadh agus dh'aithris iad e sa bhaile agus san dùthaich. Agus thàinig daoine airson faicinn dè an rud a bh' air tachairt. 15Thàinig iad gu Ìosa agus chunnaic iad an duine anns an robh na deamhain, am fear aig an robh an Lègion, na shuidhe an sin, air èideadh agus ceart sa cheann; agus bha an t‑eagal orra. 16Agus iadsan a chunnaic e, dh'aithris iad dhaibh mar a thachair dhan duine san robh na deamhain, agus mu na mucan. 17Agus thòisich iad a' guidhe air Ìosa a dhol a‑mach às a' cheàrnaidh aca.
18Fhad 's a bha e a' dol a‑steach dhan eathar, ghuidh an duine anns an robh na deamhain air Ìosa am faodadh e a bhith còmhla ris. 19Ach cha do leig e leis, is thuirt e ris, “Thalla dhachaigh gu do chuideachd, agus innis dhaibh na rinn an Tighearna dhut, agus mar a rinn e tròcair ort.” 20Agus dh'fhalbh esan, agus thòisich e air aithris san Decapolis#5:20 Na Deich Bailtean – sgìre ri taobh Abhainn Iòrdain. B' e Gerasa aon dhe na bailtean. na rinn Ìosa dha. Agus ghabh iad uile iongnadh.
Nighean Mharbh is Boireannach Tinn
21Nuair a bha Ìosa air a dhol thairis a‑rithist san eathar chun an taoibh eile, chruinnich sluagh mòr timcheall air, agus bha e ri taobh na mara. 22An uair sin thàinig aon de riaghladairean an t‑sionagoig, dham b' ainm Iàirus, agus nuair a chunnaic e esan, thuit e aig a chasan. 23Agus ghuidh e gu dùrachdach air, ag ràdh, “Tha mo nighean bheag ri uchd bàis. Thig, tha mi a' guidhe ort, agus cuir do làmhan oirre airson 's gun tèid a slànachadh, agus gum bi i beò.” 24Agus chaidh Ìosa còmhla ris.
Lean sluagh mòr e agus bhrùth iad a‑steach air. 25Agus bha boireannach ann air an robh sruth fala dà bhliadhna dheug. 26Bha i air mòran fhulang fo iomadh lighiche, agus bha i air na bh' aice a chosg, agus cha robh i dad na b' fheàrr, ach dh'fhàs i na bu mhiosa. 27Bha i air cluinntinn mu Ìosa agus thàinig i suas air a chùlaibh am measg an t‑sluaigh, agus bhean i ris an aodach aige. 28Oir smaoinich i, “Ma bheanas mi fiù 's ris an aodach aige thèid mo shlànachadh”. 29Agus sa bhad chaidh a sruth fala a thiormachadh, agus dh'aithnich i na corp fhèin gun deach a leigheas on tinneas aice.
30Sa bhad dh'aithnich Ìosa ann fhèin gun robh cumhachd air a dhol a‑mach às, agus thionndaidh e mun cuairt am measg an t‑sluaigh, agus thuirt e, “Cò a bhean rim aodach?”
31Agus thuirt a dheisciobail ris, “Tha thu a' faicinn an t‑sluaigh a' bruthadh a‑steach ort, agus tha thu ag ràdh, ‘Cò a bhean rium?’”
32Ach choimhead e mun cuairt airson a faicinn‑se a rinn seo. 33An uair sin, agus fios aice dè a thachair dhi, thàinig am boireannach, fo eagal 's air chrith, is thuit i sìos ma choinneamh agus dh'innis i an fhìrinn air fad dha. 34Agus thuirt esan rithe, “A nighean, shlànaich do chreideamh thu. Thalla ann an sìth, agus bi slàn od thinneas.”
35Fhad 's a bha e fhathast a' bruidhinn, thàinig feadhainn o thaigh riaghladair an t‑sionagoig a thuirt, “Tha do nighean air bàsachadh; carson a chuireadh tu dragh air an Fhear‑Teagaisg tuilleadh?”
36Ach a' cluinntinn na thubhairt iad, thuirt Ìosa ri riaghladair an t‑sionagoig, “Na bi fo eagal; dìreach creid.”
37Agus cha do leig e le neach sam bith a leantainn ach Peadar, Seumas is Eòin bràthair Sheumais. 38Thàinig iad gu taigh riaghladair an t‑sionagoig, agus chunnaic Ìosa an ùpraid, feadhainn a' caoineadh 's a' burralaich. 39Agus nuair a chaidh e a‑steach, thuirt e riutha, “Carson a tha sibh a' dèanamh ùpraid 's a' caoineadh? Cha do bhàsaich an leanabh, ach tha i na cadal.” 40Agus rinn iadsan gàire magaidh air. Ach às dèidh dha iadsan uile a chur a‑mach, thug e leis athair is màthair an leanaibh 's iadsan a bha còmhla ris, agus chaidh e a‑steach far an robh an leanabh. 41A' gabhail grèim air an leanabh air làimh, thuirt e rithe, “Talitha cùm,” a tha a' ciallachadh, “A chaileag, tha mise ag ràdh riut, èirich.” 42Sa bhad dh'èirich a' chaileag agus choisich i (bha i dà bhliadhna dheug a dh'aois). Agus sa bhad ghabh iad uile iongnadh anabarrach mòr. 43Agus thug e òrdugh teann dhaibh nach bu chòir fios a bhith aig neach sam bith air a seo, agus thuirt e riutha rudeigin a thoirt dhi ri ithe.

നിലവിൽ തിരഞ്ഞെടുത്തിരിക്കുന്നു:

Marcas 5: ATN

ഹൈലൈറ്റ് ചെയ്യുക

പങ്ക് വെക്കു

പകർത്തുക

None

നിങ്ങളുടെ എല്ലാ ഉപകരണങ്ങളിലും ഹൈലൈറ്റുകൾ സംരക്ഷിക്കാൻ ആഗ്രഹിക്കുന്നുണ്ടോ? സൈൻ അപ്പ് ചെയ്യുക അല്ലെങ്കിൽ സൈൻ ഇൻ ചെയ്യുക