Marcas 4

4
Cosamhlachd Fear‑Cuir an t‑Sìl
1A‑rithist thòisich e air teagasg ri taobh na mara. Chruinnich sluagh fìor mhòr timcheall air, a dh'fhàg gun deach e a‑steach do dh'eathar, agus shuidh e innte air a' mhuir, agus bha an sluagh gu lèir ri taobh na mara air an tìr. 2Agus bha e a' teagasg mòran rudan dhaibh ann an cosamhlachdan, agus na theagasg thuirt e riutha, 3“Èistibh! Chaidh fear‑cuir sìl a‑mach a chur sìl 4agus fhad 's a bha e a' cur, thuit cuid ri taobh an rathaid, agus thàinig na h‑eòin agus dh'ith iad e. 5Thuit cuid eile air àite creagach, far nach robh mòran talmhainn aige, agus sa bhad dh'fhàs e suas, a chionn 's nach robh doimhne talmhainn aige. 6Agus nuair a dh'èirich a' ghrian chaidh a losgadh, agus a chionn 's nach robh freumh aige, shearg e às. 7Thuit cuid eile am measg dhroigheann, agus dh'fhàs na droighinn suas agus thachd iad e, agus cha tug e toradh a‑mach. 8Agus thuit cuid eile air talamh math is thug e toradh a‑mach, a' fàs suas agus a' meudachadh, is ghiùlain e a thrithead, a sheasgad 's a cheud uiread.”
9Agus thuirt e, “An neach aig a bheil cluasan airson cluinntinn, cluinneadh e.”
10Nuair a bha e na aonar, dh'fhaighnich iadsan a bha mun cuairt air, còmhla ris an dà fhear dheug, mu dheidhinn na cosamhlachd. 11Thuirt e riutha, “Dhuibhse chaidh dìomhaireachd rìoghachd Dhè a thoirt, ach dhaibhsan a th' air an taobh a‑muigh tha a h‑uile rud ann an cosamhlachdan 12airson 's:
“a' faicinn, gum faiceadh iad, ach nach toireadh iad fa‑near,
agus a' cluinntinn, gun cluinneadh iad
ach nach tuigeadh iad;
air eagal 's gun tionndaidheadh iad agus
gum faigheadh iad mathanas!”#Isa. 6:9‑10
13An uair sin thuirt e riutha, “Nach eil sibh a' tuigsinn na cosamhlachd seo? Ciamar mar sin a thuigeas sibh na cosamhlachdan air fad? 14Tha am fear‑cuir a' cur an fhacail. 15Is iad seo an fheadhainn ri taobh an rathaid, far a bheil am facal air a chur: nuair a chluinneas iad, tha an Sàtan a' tighinn sa bhad agus a' toirt air falbh an fhacail a chaidh a chur annta. 16Agus is iad seo an fheadhainn a th' air an cur air àite creagach: an fheadhainn, nuair a chluinneas iad am facal, a ghabhas e sa bhad le gàirdeachas. 17Agus chan eil freumh aca annta fhèin, ach mairidh iad ùine ghoirid. An uair sin, nuair a dh'èireas àmhghar no geur‑leanmhainn air sgàth an fhacail, sa bhad tha iad a' tuiteam air falbh. 18Agus tha feadhainn eile air an cur am measg dhroigheann: is iad sin an fheadhainn a chluinneas am facal; 19ach tha cùraman an t‑saoghail agus mealltaireachd beairteis agus na miannan airson rudan eile a' tighinn a‑steach is a' tachdadh an fhacail, agus tha e fàs neo-thorrach. 20Ach is iadsan a chaidh a chur ann an talamh math an fheadhainn a chluinneas am facal agus a ghabhas e is a bheir a‑mach toradh – a thrithead, a sheasgad agus a cheud uiread.”
Lampa air Lampair
21Thuirt e riutha, “A bheil lampa air a toirt a‑steach airson 's gun tèid a cur fo shoitheach, no fo leabaidh? Nach ann airson a cur air an lampair? 22Oir chan eil rud sam bith falaichte ach airson 's gum bi e air fhoillseachadh; cha mhotha a tha rud sam bith dìomhair ach airson 's gun tig e am follais. 23Ma tha cluasan airson èisteachd aig neach sam bith, èisteadh e.” 24Agus thuirt e riutha, “Thoiribh an aire dha na chluinneas sibh. Leis an tomhas a chleachdas sibh, thèid a thomhas dhuib' fhèin, agus thèid tuilleadh a chur ribhse. 25Oir an neach aig a bheil, thèid toirt dha, agus an neach aig nach eil, thèid fiù 's na th' aige a thoirt uaithe.”
Cosamhlachd an t‑Sìl a Tha a' Fàs
26Thuirt e cuideachd, “Tha rìoghachd Dhè mar gun sgaoileadh duine sìol air an talamh. 27Caidlidh is èiridh e a dh'oidhche 's a latha, agus bòrcaidh is fàsaidh an sìol air dhòigh 's nach aithne dha. 28Bheir an talamh a‑mach toradh leis fhèin – an toiseach a' bhileag‑fheòir, an uair sin an dias, às dèidh sin an làn‑ghràinne san dèis. 29Ach nuair a tha a' ghràinne abaich, sa bhad cuiridh e an corran a‑steach, a chionn 's gu bheil am fogharadh air tighinn.”
Cosamhlachd an t‑Siol Mustaird
30A‑rithist thuirt e, “Dè ris an samhlaich sinn rìoghachd Dhè, no dè a' chosamhlachd a chleachdas sinn air a son? 31Tha i coltach ri gràinne mustaird, rud – nuair a thèid a chur san talamh – as lugha dhe na sìl gu lèir a th' air thalamh, 32ach às dèidh a cur, fàsaidh i suas agus thig i gus a bhith nas motha na na lusan‑gàrraidh uile, agus cuiridh i geugan cho mòr a‑mach is gun urrainn do dh'eòin an adhair neadan a dhèanamh fo a sgàil. 33Le mòran chosamhlachdan dhen leithid sin bhruidhinn e am facal riutha, a rèir mar a b' urrainn dhaibh èisteachd. 34Cha do bhruidhinn e riutha gun chosamhlachd, ach gu prìobhaideach bha e a' mìneachadh a h‑uile rud dha dheisciobail fhèin.”
Ìosa a' Socrachadh an Stoirm
35Air an latha sin, nuair a bha am feasgar air tighinn, thuirt e riutha, “Rachamaid thairis chun an taoibh eile.” 36Agus a' fàgail an t‑sluaigh, thug iad leotha san eathar e, dìreach mar a bha e; agus bha eathraichean eile còmhla ris. 37An uair sin dh'èirich sgal mòr gaoithe agus bha na tonnan a' slaiceadh air an eathar, air chor 's gun robh i mu thràth ga lìonadh. 38Ach bha esan san deireadh, na chadal air a' chluasaig. Dhùisg iad e, agus thuirt iad, “Fhir‑Teagaisg, nach eil dragh idir agad gu bheil sinn gu bhith caillte?”
39Agus dhùisg esan, agus chronaich e a' ghaoth agus thuirt e ris a' mhuir, “Sàmhach! Bi nad thost!” Agus stad a' ghaoth, agus bha ciùine mhòr ann.
40Thuirt e riutha, “Carson a tha an t‑eagal oirbh? Nach eil creideamh fhathast agaibh?”
41Agus chaidh an lìonadh le eagal mòr agus thuirt iad ri chèile, “Cò mar sin a tha seo, agus gu bheil fiù 's a' ghaoth 's a' mhuir umhail dha?”

നിലവിൽ തിരഞ്ഞെടുത്തിരിക്കുന്നു:

Marcas 4: ATN

ഹൈലൈറ്റ് ചെയ്യുക

പങ്ക് വെക്കു

പകർത്തുക

None

നിങ്ങളുടെ എല്ലാ ഉപകരണങ്ങളിലും ഹൈലൈറ്റുകൾ സംരക്ഷിക്കാൻ ആഗ്രഹിക്കുന്നുണ്ടോ? സൈൻ അപ്പ് ചെയ്യുക അല്ലെങ്കിൽ സൈൻ ഇൻ ചെയ്യുക