Marcas 6
6
Fàidh gun Urram
1Chaidh e air falbh às a sin, agus thàinig e gu a bhaile fhèin, agus lean a dheisciobail e. 2Agus nuair a thàinig an t‑Sàbaid, thòisich e air teagasg san t‑sionagog, agus ghabh mòran iongnadh nuair a chuala iad e, ag ràdh, “Cò às a fhuair am fear seo na rudan seo? Dè an gliocas seo a chaidh a thoirt dha, 's gu bheil a leithid seo de dh'obraichean cumhachdach air an dèanamh le a làmhan? 3Nach e seo an saor, mac Moire agus bràthair Sheumais is Iòsais is Iùdais is Shìmoin? Agus nach eil a pheathraichean an seo còmhla rinn?” Agus ghabh iad oilbheum ma dheidhinn.
4Thuirt Ìosa riutha, “Chan eil fàidh gun urram ach na dhùthaich fhèin agus am measg a chàirdean, 's na thaigh fhèin.” 5Agus cha b' urrainn dha obair chumhachdach sam bith a dhèanamh an sin, a bharrachd air gun do chuir e a làmhan air beagan de mhuinntir a bha tinn agus gun do leighis e iad. 6Agus ghabh e iongnadh mun eas‑creideamh.
Ìosa a' Cur a‑mach an Dà Fhear Dheug
An uair sin chaidh e timcheall nam bailtean a' teagasg. 7Agus ghairm e an dà fhear dheug thuige agus thòisich e air an cur a‑mach dithis is dithis, agus thug e cumhachd dhaibh thairis air spioradan neòghlan.
8Dh'àithn e dhaibh gun rud sam bith a thoirt leotha airson na slighe, ach bata a‑mhàin – gun aran, gun bhaga, gun airgead nan sporain – 9ach cuarain a cheangal orra agus gun dà lèine‑fhada a bhith aca airson an cur orra. 10Agus thuirt e riutha, “Ge b' e cuin a thèid sibh a‑steach do thaigh, fanaibh an sin gus am falbh sibh às an àite sin. 11Agus mura gabh àite sam bith ribh is nach èist iad ribh, nuair a dh'fhàgas sibh crathaibh an dust a tha for casan mar fhianais dhaibh.”
12Chaidh iad a‑mach agus shearmonaich iad gum bu chòir do dhaoine aithreachas a dhèanamh. 13Agus thilg iad a‑mach mòran dheamhan agus dh'ung iad le ola mòran a bha tinn agus leighis iad iad.
An Ceann air a Thoirt far Eòin Baistidh
14Chuala an rìgh Herod ma dheidhinn, oir bha ainm Ìosa air fàs iomraiteach. Bha cuid ag ràdh, “Chaidh Eòin Baistidh a thogail o na mairbh agus is ann air sgàth sin a tha na cumhachdan mìorbhaileach seo ag obrachadh ann.”
15Ach thuirt cuid eile, “Is e Eliah a th' ann.”
Agus thuirt cuid eile, “Is e fàidh a th' ann, mar aon dhe na fàidhean.”
16Ach nuair a chuala Herod mu dheidhinn, thuirt e, “Chaidh Eòin, dhen tug mise an ceann, a thogail o na mairbh!”
17Oir b' e Herod fhèin a chuir feadhainn a‑mach airson 's gum biodh Eòin air a chur an grèim, agus cheangail e ann am prìosan e, air sgàth Heròdiais, bean Philip a bhràthair fhèin, a chionn 's gun robh e air a pòsadh. 18Oir bha Eòin air a bhith ag ràdh ri Herod, “Chan eil e laghail dhut bean do bhràthar a bhith agad.” 19Mar sin bha Heròdias diombach ma dheidhinn agus bha i ag iarraidh a chur gu bàs. Ach cha b' urrainn dhi, 20oir bha eagal air Herod o Eòin, a chionn 's gun robh fios aige gum b' e duine ionraic is naomh a bh' ann, agus chùm e sàbhailte e. Nuair a chuala Herod e, bha e fo imcheist mhòr, ach chòrd e ris èisteachd ris.
21Ach thàinig cothrom nuair a rinn Herod, air a cho‑là‑breith, bangaid dha na h‑uaislean 's na ceannardan‑armailt aige agus do phrìomh dhaoine Ghalile. 22Oir nuair a thàinig nighean Heròdiais a‑steach agus a rinn i dannsa, thoilich i Herod agus na h‑aoighean aige.
Agus thuirt an rìgh ris a' chaileig, “Iarr nì sam bith as miann leat uamsa, agus bheir mi dhut e.” 23Agus thug e mionnan dhi: “Ge b' e dè a dh'iarras tu orm, bheir mi dhut, suas gu leth mo rìoghachd.”
24Chaidh i a‑mach agus thuirt i ri a màthair, “Dè a dh'iarras mi?”
Agus thuirt ise, “Ceann Eòin Baistidh.”
25Sa bhad thàinig i ann an cabhaig chun an rìgh agus dh'iarr i, ag ràdh, “Tha mi airson 's gun toir thu dhomh, gun dàil, ceann Eòin Baistidh air truinnsear mòr.”
26Agus bha an rìgh ro dhuilich, ach a thaobh nam mionnan 's air sgàth nan aoighean aige cha robh e ag iarraidh an fhacail aige dhi a bhriseadh. 27Sa bhad chuir an rìgh a‑mach bàsaire le òrdugh ceann Eòin a thoirt thuige. Dh'fhalbh e agus thug e dheth an ceann sa phrìosan, 28agus thug e a cheann leis air truinnsear mòr is thug e dhan chaileig e is thug a' chaileag dha màthair e. 29Nuair a chuala a dheisciobail mu dheidhinn, thàinig iad agus thug iad a chorp leotha is chuir iad ann an tuam e.
Ìosa a' Biathadh nan Còig Mìle
30Chruinnich na h‑abstoil timcheall air Ìosa agus dh'innis iad dha a h‑uile rud a rinn iad agus na theagaisg iad. 31Agus thuirt e riutha, “Thigibh‑se air falbh leib' fhèin gu àite fàsail is gabhaibh fois airson ùine bhig.” Oir bha mòran a' tighinn 's a' falbh, agus cha robh ùine aca fiù 's airson ithe.
32Agus chaidh iad air falbh san eathar gu àite fàsail leotha fhèin. 33Ach chunnaic mòran iad a' falbh agus dh'aithnich iad iad, agus ruith iad ann air chois às na bailtean gu lèir agus ràinig iad air thoiseach orra. 34Nuair a chaidh e air tìr chunnaic e sluagh mòr, agus bha truas aige riutha, a chionn 's gun robh iad mar chaoraich gun bhuachaille. Agus thòisich e air mòran rudan a theagasg dhaibh.
35Mun àm seo bha e anmoch san latha; mar sin thàinig a dheisciobail thuige agus thuirt iad, “'S e àite fàsail a tha an seo agus tha an uair a‑nis anmoch. 36Cuir air falbh iad airson 's gun tèid iad dhan tìr mun cuairt 's dha na bailtean, agus gun ceannaich iad dhaib' fhèin rudeigin ri ithe.”
37Ach fhreagair esan iad, “Thugaibhse dhaibh rudeigin a dh'itheas iad!”
Agus thuirt iadsan ris, “An tèid sinn a cheannach luach ochd mìosan tuarastail#6:37 Gu lit.: “dà cheud denarius” de dh'aran agus gun toir sinn dhaibh e ri ithe?”
38Ach thuirt esan riutha, “Cia mheud lof a th' agaibh? Thallaibh 's faicibh!”
Agus nuair a fhuair iad a‑mach thuirt iad, “Còig, agus dà iasg.”
39An uair sin dh'àithn e dhaibh uile suidhe sìos nam buidhnean air an fheur uaine. 40Mar sin shuidh iad sìos ann am buidhnean, nan ceudan agus nan caogadan. 41Agus a' gabhail nan còig lofaichean agus an dà iasg, sheall e suas gu nèamh, bheannaich e 's bhris e na lofaichean is thug e iad dha dheisciobail airson an cur mu choinneamh nan daoine. Agus roinn e cuideachd an dà iasg nam measg gu lèir. 42Dh'ith iad uile agus bha iad air an sàsachadh. 43Agus thog iad dà bhasgaid dheug làn de chriomagan agus dhen iasg. 44Agus b' iad an fheadhainn a dh'ith na lofaichean còig mìle fear.
Ìosa a' Coiseachd air an Uisge
45Sa bhad thug e air a dheisciobail a dhol dhan eathar agus a dhol roimhe chun an taoibh thall, gu Betsaida, fhad 's a chuir e fhèin an sluagh air falbh. 46Às dèidh dha beannachd fhàgail aca, chaidh e suas dhan bheinn a dh'ùrnaigh.
47Nuair a thàinig am feasgar, bha an t‑eathar am meadhan na mara, agus bha esan leis fhèin air tìr. 48Chunnaic e iadsan a' strì ag iomradh a chionn 's gun robh a' ghaoth nan aghaidh. Mus do dh'èirich a' ghrian#6:48 Gu lit.: “an ceathramh faire dhen oidhche”, thàinig e thuca, a' coiseachd air a' mhuir, agus bha e gus a dhol seachad orra, 49ach nuair a chunnaic iad e a' coiseachd air a' mhuir, shaoil iad gum b' e taibhs a bh' ann, is dh'èigh iad, 50oir chunnaic iad uile e, agus bha iad fo oillt.
Ach sa bhad bhruidhinn e riutha ag ràdh, “Biodh deagh mhisneach agaibh, is mise a th' ann; na biodh eagal oirbh.” 51An uair sin chaidh e a‑steach dhan eathar còmhla riutha, agus sguir a' ghaoth. Agus bha iad uile‑gu‑lèir fo mhòr‑iongnadh, 52bho nach robh iad air tuigsinn mu na lofaichean, oir bha an cridheachan air an cruadhachadh.
53Nuair a bha iad air a dhol thairis, thàinig iad gu tìr aig Genesaret, agus dh'acraich iad air an tràigh. 54Agus nuair a thàinig iad a‑mach às an eathar, sa bhad dh'aithnich na daoine e. 55Ruith iad mun cuairt a' cheàrnaidh sin gu lèir agus thòisich iad air an fheadhainn a bha tinn a ghiùlain air leapannan gu far an cuala iad esan a bhith. 56Ge b' e càit an deach e, bailtean beaga, bailtean mòra, dhan dùthaich, chuir iad na daoine a bha tinn nan laighe sna h‑ionadan‑margaidh agus ghuidh iad air gum faodadh iad beantainn fiù 's ri iomall aodaich. Agus na h‑uimhir 's a bhean ris, chaidh an leigheas.
നിലവിൽ തിരഞ്ഞെടുത്തിരിക്കുന്നു:
Marcas 6: ATN
ഹൈലൈറ്റ് ചെയ്യുക
പങ്ക് വെക്കു
പകർത്തുക

നിങ്ങളുടെ എല്ലാ ഉപകരണങ്ങളിലും ഹൈലൈറ്റുകൾ സംരക്ഷിക്കാൻ ആഗ്രഹിക്കുന്നുണ്ടോ? സൈൻ അപ്പ് ചെയ്യുക അല്ലെങ്കിൽ സൈൻ ഇൻ ചെയ്യുക
© Comann Bhìoball na h‑Alba 2017, 2024
© Scottish Bible Society 2017, 2024

: