Marcas 3

3
Ìosa a' Leigheas air an t‑Sàbaid
1A‑rithist chaidh e a‑steach dhan t‑sionagog, agus bha duine an sin le làimh sheargte. 2Agus rinn iad faire air airson faicinn an leighiseadh e air an t‑Sàbaid e, airson 's gum b' urrainn dhaibh cùis‑dhìtidh a thoirt na aghaidh. 3Thuirt e ris an duine, am fear leis an làimh sheargte, “Èirich dhan mheadhan.”
4Agus thuirt e riutha, “A bheil e ceadaichte air làithean na Sàbaid math a dhèanamh no olc, anam a shàbhaladh no a sgrios?” Ach dh'fhan iadsan sàmhach.
5Sheall e mun cuairt orra le feirg, air a chràdh gu domhainn air sgàth cruas an cridhe, agus thuirt e ris an duine, “Sìn a‑mach do làmh.” Shìn e a‑mach i, agus chaidh a làmh aiseag slàn dha. 6Sa bhad chaidh na Pharasaich a‑mach còmhla ri na Heròdianaich agus bha iad a' gabhail comhairle le chèile na aghaidh‑san mu mar a sgriosadh iad e.
Slòigh a' Leantainn Chrìosd
7Tharraing Ìosa air ais chun na mara còmhla ri a dheisciobail, agus lean sluagh mòr e o Ghalile agus o Iudèa, 8o Ierusalem agus o Idumèa, o thaobh thall Iòrdain agus o mu thimcheall Thìruis agus Shìdoin. Nuair a chuala an sluagh mòr mun a h‑uile rud a bha e a' dèanamh, thàinig iad thuige. 9Agus thuirt e ri a dheisciobail eathar bheag a dheisealachadh air a shon air sgàth an t‑sluaigh, airson 's nach bruthadh iad e. 10Oir bha e air mòran a leigheas, leis a' bhuil gun do theann iadsan uile ris air an robh tinneasan, airson 's gum beanadh iad ris. 11Agus uair sam bith a chunnaic na spioradan neòghlan e, thuiteadh iad sìos ma choinneamh agus ghlaodhadh iad a‑mach, “Is tusa Mac Dhè.” 12Ach thug e òrdugh teann dhaibh nach dèanadh iad aithnichte e.
An Dà Abstol Dheug
13Agus chaidh e suas chun na beinne agus ghairm e thuige fhèin an fheadhainn sin a bha e ag iarraidh, agus thàinig iad thuige. 14Agus shuidhich e dà fhear dheug – a dh'ainmich e cuideachd mar abstoil – airson 's gum biodh iad còmhla ris agus gun cuireadh e a‑mach iad a shearmonachadh, 15agus airson 's gum biodh ùghdarras aca deamhain a thilgeil a‑mach. 16Shuidhich e an dà fhear dheug: Sìmon (dhan tug e an t‑ainm Peadar); 17Seumas mac Shebede agus Eòin bràthair Sheumais (dhan tug e an t‑ainm Boanerges, 's e sin Mic nan Tàirneanach); 18Anndra, Philip, Bartolomèus, Mata, Tòmas, Seumas mac Alphèuis, Tadèus, Sìmon an Canàanach; 19agus Iùdas Iscariot, a bhrath esan.
Ìosa agus Beelsebul
20An uair sin chaidh e dhachaigh, agus chruinnich an sluagh a‑rithist, air chor 's nach robh e an comas dhaibh fiù 's aran ithe. 21Nuair a chuala a chàirdean seo, chaidh iad a‑mach airson grèim a ghabhail air, oir bha iad ag ràdh, “Tha e às a chiall.”
22Agus bha na sgrìobhaichean a thàinig a‑nuas o Ierusalem ag ràdh, “Tha seilbh aig Beelsebul air! Is ann tro uachdaran nan deamhan a tha e a' tilgeil a‑mach dheamhan.”
23Agus ghairm e thuige iad agus thuirt e riutha ann an cosamhlachdan, “Ciamar as urrainn dhan t‑Sàtan an Sàtan a thilgeil a‑mach? 24Ma bhios rìoghachd roinnte na h‑aghaidh fhèin, chan urrainn dhan rìoghachd sin seasamh. 25Agus ma bhios taigh roinnte na aghaidh fhèin, chan urrainn dhan taigh sin seasamh. 26Agus ma tha an Sàtan air èirigh suas na aghaidh fhèin agus gu bheil e roinnte, chan urrainn dha seasamh, tha e crìochnaichte. 27Ach chan urrainn do neach sam bith a dhol a‑steach do thaigh duine làidir agus a sheilbh a chreach mura ceangail e an duine làidir an toiseach, agus an uair sin creachaidh e a thaigh. 28Gu deimhinn tha mi ag ràdh ribh gun tèid a h‑uile peacadh a mhathadh do chloinn nan daoine, agus ge b' e dè na toibheuman a chanas iad; 29ach ge b' e cò a chanas toibheum an aghaidh an Spioraid Naoimh, chan fhaigh e mathanas a‑chaoidh, ach tha e ciontach de pheacadh sìorraidh”, 30airson 's gun tuirt iad, “Tha spiorad neòghlan aige.”
Màthair agus Bràithrean Ìosa
31An uair sin thàinig a mhàthair agus a bhràithrean agus, a' seasamh a‑muigh, chuir iad fios thuige agus ghairm iad air. 32Bha sluagh nan suidhe timcheall air, agus thuirt iad ris, “Tha do mhàthair agus do bhràithrean#3:32 Tha cuid dhe na làmh‑sgrìobhainnean cuideachd ag ràdh “agus do pheathraichean”. a‑muigh, gad shireadh.”
33Agus fhreagair e iad, “Cò iad mo mhàthair agus mo bhràithrean?”
34Agus a' coimhead mun cuairt orrasan a bha nan suidhe timcheall air, thuirt e, “Seallaibh, mo mhàthair agus mo bhràithrean! 35Oir ge b' e a nì toil Dhè, is esan mo bhràthair agus mo phiuthar agus mo mhàthair.”

നിലവിൽ തിരഞ്ഞെടുത്തിരിക്കുന്നു:

Marcas 3: ATN

ഹൈലൈറ്റ് ചെയ്യുക

പങ്ക് വെക്കു

പകർത്തുക

None

നിങ്ങളുടെ എല്ലാ ഉപകരണങ്ങളിലും ഹൈലൈറ്റുകൾ സംരക്ഷിക്കാൻ ആഗ്രഹിക്കുന്നുണ്ടോ? സൈൻ അപ്പ് ചെയ്യുക അല്ലെങ്കിൽ സൈൻ ഇൻ ചെയ്യുക