Marcas 16
16
An Aiseirigh aig Ìosa
1Nuair a bha an t‑Sàbaid seachad, cheannaich Màiri Magdalen is màthair Sheumais is Salòme spìosraidhean, airson 's gum faodadh iad a dhol ga ungadh. 2Fìor thràth sa mhadainn air a' chiad latha dhen t‑seachdain, nuair a bha a' ghrian air èirigh, chaidh iad chun an tuaim. 3Agus bha iad ag ràdh ri càch‑a‑chèile, “Cò a roiligeas a' chlach dhuinn o bheul an tuaim?”
4A' coimhead suas, chunnaic iad gun robh a' chlach – a bha fìor mhòr – air a rolaigeadh air falbh. 5A' dol a‑steach dhan tuam, chunnaic iad òganach na shuidhe air an làimh dheis, air èideadh ann an culaidh fhada gheal, agus bha eagal mòr orra.
6Ach thuirt e riutha, “Na biodh eagal oirbh. Tha sibh a' sireadh Ìosa o Nàsaret, a chaidh a cheusadh. Dh'èirich e; chan eil e an seo. Seallaibh an t‑àite far an do chuir iad na shìneadh e. 7Ach thallaibh, innsibh dha dheisciobail agus do Pheadar gu bheil e a' dol romhaibh a Ghalile. An sin chì sibh e, mar a thuirt e ribh.”
8Agus chaidh iad a‑mach is theich iad on tuam, oir bha ball‑chrith agus iongnadh air an greimeachadh, agus cha tuirt iad sìon ri neach sam bith, oir bha eagal orra.
[Chan eil Marcas 16:9‑20 sna làmh‑sgrìobhainnean as tràithe no ann an tòrr dhe na fianaisean as sine.]
9A‑nis nuair a dh'èirich e tràth air a' chiad latha dhen t‑seachdain, nochd e an toiseach ri Màiri Magdalen, às an do thilg e seachd deamhain. 10Chaidh ise agus dh'innis i sin dhaibhsan a bh' air a bhith còmhla ris, a bha ri bròn is caoineadh. 11Ach nuair a chuala iadsan gun robh e beò agus gun robh ise air fhaicinn, cha do chreid iad.
12Às dèidh sin nochd e ri dithis dhiubh ann an cruth eile, fhad 's a bha iad a' coiseachd dhan dùthaich. 13Chaidh iad air ais agus dh'innis iad do chàch, ach cha do chreid iad iadsan na bu mhotha.
14Às dèidh sin nochd e ris an aon fhear dheug fhad 's a bha iad nan suidhe aig bòrd, agus chronaich e iad airson an eas‑creideimh agus an cruas cridhe, a chionn 's nach do chreid iad iadsan a chunnaic e às dèidh dha èirigh.
15Agus thuirt e riutha, “Thallaibh air feadh an t‑saoghail gu lèir agus searmonaichibh an soisgeul dhan chruthachadh gu lèir. 16Ge b' e cò a chreideas agus a th' air a bhaisteadh, thèid a shàbhaladh, ach ge b' e cò nach creid, thèid a dhìteadh. 17Leanaidh na comharraidhean seo an fheadhainn a chreideas: nam ainm‑sa tilgidh iad a‑mach deamhain; bruidhinnidh iad le teangannan ùra; 18togaidh iad nathraichean len làmhan; agus ma dh'òlas iad puinnsean marbhteach sam bith, cha dèan e cron orra; cuiridh iad an làmhan air daoine tinn, agus bidh iad gu math.”
19Mar sin an uair sin, às dèidh dhan Tighearna Ìosa bruidhinn riutha, chaidh a thoirt suas gu nèamh agus shuidh e air deas‑làimh Dhè. 20Agus chaidh iadsan a‑mach is shearmonaich iad anns gach àite, agus bha an Tighearna a' co‑obrachadh leotha agus a' dearbhadh an fhacail le na comharraidhean a thàinig leis.
നിലവിൽ തിരഞ്ഞെടുത്തിരിക്കുന്നു:
Marcas 16: ATN
ഹൈലൈറ്റ് ചെയ്യുക
പങ്ക് വെക്കു
പകർത്തുക

നിങ്ങളുടെ എല്ലാ ഉപകരണങ്ങളിലും ഹൈലൈറ്റുകൾ സംരക്ഷിക്കാൻ ആഗ്രഹിക്കുന്നുണ്ടോ? സൈൻ അപ്പ് ചെയ്യുക അല്ലെങ്കിൽ സൈൻ ഇൻ ചെയ്യുക
© Comann Bhìoball na h‑Alba 2017, 2024
© Scottish Bible Society 2017, 2024

: