Marcas 15
15
Ìosa mu choinneamh Phìlait
1Cho luath 's a thàinig a' mhadainn chùm na h‑àrd‑shagartan, còmhla ri na h‑èildearan, na sgrìobhaichean agus a' Chomhairle gu lèir, co‑chomhairle. Cheangail iad Ìosa agus thug iad air falbh e is thug iad thairis do Phìlat e.
2Agus dh'fhaighnich Pìlat dha, “An tusa Rìgh nan Iùdhach?”
Agus fhreagair esan e, “Tha thu ga ràdh.”
3Agus chuir na h‑àrd‑shagartan mòran chasaidean air. 4Agus cheasnaich Pìlat a‑rithist e: “Nach eil freagairt agad? Seall na tha iad a' cur de chasaidean ort.”
5Ach cha do fhreagair Ìosa sìon tuilleadh, air chor is gun robh Pìlat fo iongnadh.
6Aig gach fèill bhiodh e a' leigeil ma sgaoil dhaibh aon phrìosanach a dh'iarradh iad.
7A‑nis bha fear dham b' ainm Barabas sa phrìosan còmhla ri na reubaltaich a bh' air murt a dhèanamh san ar‑a‑mach. 8Agus thàinig an sluagh suas agus thòisich iad air iarraidh air Pìlat gun dèanadh e dhaibh mar a b' àbhaist dha.
9Fhreagair Pìlat iad ag ràdh, “Am bu toigh leibh gun leiginn mu sgaoil dhuibh Rìgh nan Iùdhach?” 10Oir thuig e gum b' ann air sgàth an fharmaid a bha na h‑àrd‑shagartan air a thoirt thairis. 11Ach bhrosnaich na h‑àrd‑shagartan an sluagh airson 's, an àite sin, gun leigeadh e mu sgaoil Barabas.
12Agus a‑rithist thuirt Pìlat riutha, “Dè ma‑thà a bu toigh leibh#15:12 Chan eil na faclan “a bu toigh leibh” ann an cuid dhe na làmh‑sgrìobhainnean as tràithe. a dhèanainn leis an duine ris an can sibh#15:12 Chan eil na faclan “ris an can sibh” ann an cuid dhe na làmh‑sgrìobhainnean as tràithe. Rìgh nan Iùdhach?”
13Ach dh'èigh iad air ais, “Ceus e!”
14Agus thuirt Pìlat riutha, “Carson, dè an t‑olc a rinn e?”
Ach 's ann bu mhotha a dh'èigh iadsan, “Ceus e!”
15Mar sin, ag iarraidh an t-sluaigh a shàsachadh, leig e mu sgaoil Barabas dhaibh, agus às dèidh do dh'Ìosa a bhith air a sgiùrsadh, thug e thairis e airson 's gum biodh e air a cheusadh.
Na Saighdearan a' Magadh air Ìosa
16Agus thug na saighdearan air falbh e a‑steach dhan lùchairt (is e sin am Praetorium#15:16 'S e sin prìomh àros an riaghladair no prìomh àite‑riaghlaidh an airm no gearastan.), agus ghairm iad còmhla am buidheann shaighdearan gu lèir. 17Agus chuir iad aodach purpaidh air, agus às dèidh dhaibh droighinn fhighe nan crùn, chuir iad air e. 18Agus thòisich iad air fhàilteachadh, ag ràdh, “Fàilte dhut, a Rìgh nan Iùdhach!” 19Agus bhuail iad a cheann le cuilc agus thilg iad smugaidean air, agus a' lùbadh an glùinean thug iad ùmhlachd dha. 20Agus às dèidh dhaibh magadh air, thug iad dheth an t‑aodach purpaidh is chuir iad a chuid aodaich fhèin air. Agus thug iad a‑mach e airson a cheusadh.
Ìosa air a Cheusadh
21Cho‑èignich iad duine a bha a' dol seachad, Sìmon o Chirène, athair Alecsandair is Rùfais, a bha a' tighinn a‑steach bhon dùthaich, airson crann‑ceusaidh Ìosa a ghiùlain. 22Agus thug iad e chun an àite dham b' ainm Golgota, a tha a' ciallachadh Àite Claiginn. 23Agus thabhainn iad fìon air a mheasgachadh le mirr dha, ach cha do ghabh esan e. 24Agus cheus iad e agus roinn iad a chuid aodaich, a' tilgeil chrann airson roghnachadh dè a bheireadh iad leotha.
25Bha e naoi uairean sa mhadainn#15:25 Gu lit.: “an treas uair” nuair a cheus iad e. 26Bha sgrìobhadh a' chùis‑dìtidh na aghaidh ag ràdh: RÌGH NAN IÙDHACH. 27Agus còmhla ris cheus iad dithis mhèirleach, aon air an làimh dheis agus aon air a làimh chlì. 28Agus chaidh an sgriobtar a choileanadh a thuirt, “Agus bha e air àireamh am measg nan ciontach.”#15:28 Tha tòrr dhe na làmh‑sgrìobhainnean as tràithe a' fàgail seo às. Faic Isa. 53:12 agus Lùcas 22:37. 29Agus rinn iadsan a bha a' dol seachad magadh air, a' crathadh an cinn agus ag ràdh, “Ha! Thusa a leagadh an teampall agus a thogadh e ann an trì latha, 30sàbhail thu fhèin, is thig a‑nuas on chrann‑cheusaidh!”
31San aon dòigh rinn na h‑àrd‑shagartan le na sgrìobhaichean magadh air nam measg fhèin, ag ràdh, “Shàbhail e daoine eile; chan eil e comasach air e fhèin a shàbhaladh. 32Thigeadh Crìosd, Rìgh Israeil, a‑nis a‑nuas on chrann‑cheusaidh airson 's gum faic is gun creid sinn.” Thug iadsan cuideachd a chaidh a cheusadh còmhla ris droch bheul dha.
Bàs Ìosa
33Nuair a thàinig meadhan‑latha#15:33 Gu lit.: “an t‑siathamh uair”, thàinig dorchadas thairis air an tìr gu lèir gu trì uairean feasgar#15:33 Gu lit.: “an naoidheamh uair”, agus an earrann 34. 34Agus aig trì uairean feasgar dh'èigh Ìosa le guth àrd, “Eloi, Eloi, lema sabachtani?#Salm 22:1” a tha a' ciallachadh, “Mo Dhia, mo Dhia, carson a thrèig thu mi?”
35Nuair a chuala cuid dhiubhsan a bha nan seasamh mun cuairt e, thuirt iad, “Èistibh, tha e ag èigheach air Eliah.”
36Ruith fear dhiubh agus lìon e spong le fìon‑geur, agus chuir e air slat cuilce e; thug e dha e ri òl, ag ràdh, “Leigibh leis, faiceamaid an tig Eliah ga thoirt a‑nuas.”
37Agus leig Ìosa èigh àrd às, is thug e suas an deò.
38Agus chaidh cùirtear an teampaill a shracadh na dhà phìos o mhullach gu bonn. 39Agus nuair a chunnaic an ceannard‑ceud, a bha na sheasamh ma choinneamh, gun tug e suas an deò san dòigh seo, thuirt e, “Gu fìrinneach b' e an duine seo Mac Dhè!”
40Bha boireannaich cuideachd a' coimhead o phìos às; nam measg sin bha Màiri Magdalen, agus Màiri màthair Sheumais a bu lugha, agus Iòseis, agus Salòme. 41Nuair a bha e ann an Galile, lean iadsan e agus rinn iad frithealadh dha, agus bha mòran bhoireannach eile ann a thàinig suas còmhla ris gu Ierusalem.
Adhlacadh Ìosa
42Agus nuair a bha am feasgar air tighinn, on a b' e Latha an Ullachaidh a bh' ann, 's e sin an latha ron t‑Sàbaid, 43thàinig Iòsaph o Arimatèa, ball urramach dhen Chomhairle, a bha e fhèin cuideachd a' feitheamh airson rìoghachd Dhè, agus a' gabhail misneachd chaidh e a‑steach gu Pìlat, is dh'iarr e corp Ìosa. 44Agus bha iongnadh air Pìlat gum biodh e marbh mu thràth. Agus a' gairm air a' cheannard‑ceud, dh'fhaighnich e dha an robh e marbh mu thràth. 45Nuair a fhuair e a‑mach on cheannard‑ceud gu robh, thug e an corp do dh'Iòsaph. 46Cheannaich Iòsaph anart, agus thug e a‑nuas e, agus shuain e ann an anart e, agus chuir e ann an tuam e a bh' air a ghearradh à creig. Agus roilig e clach an aghaidh beul an tuama. 47Agus chunnaic Màiri Magdalen agus Màiri màthair Iòseis far an deach a chur na shìneadh.
നിലവിൽ തിരഞ്ഞെടുത്തിരിക്കുന്നു:
Marcas 15: ATN
ഹൈലൈറ്റ് ചെയ്യുക
പങ്ക് വെക്കു
പകർത്തുക

നിങ്ങളുടെ എല്ലാ ഉപകരണങ്ങളിലും ഹൈലൈറ്റുകൾ സംരക്ഷിക്കാൻ ആഗ്രഹിക്കുന്നുണ്ടോ? സൈൻ അപ്പ് ചെയ്യുക അല്ലെങ്കിൽ സൈൻ ഇൻ ചെയ്യുക
© Comann Bhìoball na h‑Alba 2017, 2024
© Scottish Bible Society 2017, 2024

: