Lùcas 1
1
Coisrigeadh an Leabhair do Theophilus
1A chionn 's gu bheil mòran air gabhail os làimh cunntas a chur ri chèile mu na rudan a chaidh a choileanadh nar measg‑ne, 2dìreach mar a dh'earb iadsan rinne iad, a bha nan sùil‑fhianaisean agus nan luchd‑frithealaidh air an fhacal: 3chunnaic mise iomchaidh e cuideachd – on a rannsaich mi a h‑uile rud gu mionaideach on toiseach – eachdraidh òrdail a sgrìobhadh dhut, a Theophiluis as uaisle, 4airson 's gum faod cinnt a bhith agad mu na rudan a chaidh a theagasg dhut.
Fàidheadaireachd mu Bhreith Eòin Baistidh
5Ann an làithean Heroid, rìgh Iudèa, bha sagart ann air an robh an t‑ainm Sachariah, de roinn shagartail Abia. Agus bha a bhean o nigheanan Aaroin, agus b' e Ealasaid an t‑ainm a bh' oirre. 6Agus bha an dithis aca fìreanta mu choinneamh Dhè, gan giùlain fhèin gu neo‑lochdach ann an àithntean is òrduighean an Tighearna gu lèir. 7Ach cha robh leanabh aca, a chionn 's gun robh Ealasaid neo‑thorrach, agus bha an dithis aca suas ann am bliadhnaichean.
8A‑nis, fhad 's a bha esan a' frithealadh mar shagart mu choinneamh Dhè, nuair a bha an roinn aigesan fo dhleastanas frithealaidh – 9a rèir cleachdadh na sagartachd – chaidh a thaghadh tro chrannchur airson a dhol a‑steach do theampall an Tighearna agus tùis a losgadh. 10Agus bha mòr‑bhuidheann an t‑sluaigh gu lèir ag ùrnaigh a‑muigh aig àm na tùise.
11Is nochd aingeal leis an Tighearna ris, na sheasamh air taobh deas altair na tùise. 12Agus bha Sachariah fo dhragh mòr nuair a chunnaic e e, is bhuail eagal e. 13Ach thuirt an t‑aingeal ris, “Na gabh eagal, a Shachariah; oir chaidh d' ùrnaigh a chluinntinn, agus beiridh do bhean Ealasaid mac dhut, agus bheir thu Eòin mar ainm air. 14Agus bidh aoibhneas is toileachas ort; agus nì mòran gàirdeachas aig àm a bhreith. 15Oir bidh e mòr mu choinneamh an Tighearna, agus chan òl e fìon no deoch‑làidir idir; agus bidh e air a lìonadh leis an Spiorad Naomh, fiù 's o bhroinn a mhàthar. 16Agus tillidh e mòran de chloinn Israeil chun an Tighearna an Dia‑san. 17Agus thèid e roimhesan ann an spiorad 's ann an cumhachd Eliah, airson cridheachan nan athraichean a thionndadh chun na cloinne, agus na h‑eas‑umhail gu gliocas nam fìrean, airson sluagh a dhèanamh deiseil dhan Tighearna a th' air an ullachadh.”
18Agus thuirt Sachariah ris an aingeal, “Ciamar a bhios fios agam air a seo? Oir is e seann duine a th' annam, agus tha mo bhean suas ann am bliadhnaichean.”
19Agus fhreagair an t‑aingeal e, “Is mise Gàbriel a tha a' seasamh mu choinneamh Dhè, agus chaidh mo chur airson bruidhinn riutsa agus an naidheachd mhath seo a thoirt thugad. 20Agus, seall, bidh thu balbh is gun chomas bruidhinn gus an latha nuair a thachras na rudan seo, a chionn 's nach do chreid thu m' fhaclan‑sa, a bhios air an coileanadh nan àm fhèin.”
21Agus bha an sluagh a' feitheamh ri Sachariah, agus bha an dàil a rinn e anns an teampall a' cur iongnadh orra. 22Agus nuair a thàinig e a‑mach, cha b' urrainn dha bruidhinn riutha, agus thuig iad gum faca e sealladh anns an teampall, oir chùm e air a' smèideadh riutha, agus dh'fhan e balbh.
23Agus nuair a bha làithean a fhrithealaidh seachad chaidh e dha thaigh fhèin. 24Às dèidh nan làithean sin dh'fhàs a bhean Ealasaid torrach, agus chùm i i fhèin air falach airson còig mìosan, ag ràdh, 25“Is ann mar seo a rinn an Tighearna rium anns na làithean san do sheall e orm, a' toirt mo mhaslaidh am measg dhaoine air falbh uam.”
Fàidheadaireachd mu Bhreith Ìosa
26Anns an t‑siathamh mìos, chaidh an t‑aingeal Gàbriel a chur o Dhia gu baile ann an Galile air an robh an t‑ainm Nàsaret, 27gu òigh a bha fo ghealladh‑pòsaidh aig fear dham b' ainm Iòsaph, de thaigh Dhaibhidh; b' e ainm na h‑òighe Moire, 28agus thàinig e thuice is thuirt e, “Fàilte, O thusa a fhuair fàbhar, tha an Tighearna còmhla riut!”
29Ach bha i fo dhragh mòr air sgàth an fhacail aige, agus dh'fheuch i ri reusanachadh gu dè an seòrsa fàilte a dh'fhaodadh a bhith an seo. 30Agus thuirt an t‑aingeal rithe, “Na bi fo eagal, a Mhoire; oir fhuair thu fàbhar le Dia. 31Agus, seall, fàsaidh tu torrach nad bhroinn, agus beiridh tu mac, agus bheir thu Ìosa mar ainm air. 32Bidh e mòr, agus thèid Mac an Aoin as Àirde a ghabhail air; agus bheir an Tighearna Dia rìgh‑chathair athar, Daibhidh, dha. 33Agus riaghlaidh e thairis air taigh Iàcoib gu sìorraidh, agus air a rìoghachd cha bhi crìoch.”
34Agus thuirt Moire ris an aingeal, “Ciamar as urrainn seo a bhith, on as e òigh a th' annamsa?”
35Agus fhreagair an t‑aingeal i, “Thig an Spiorad Naomh ort, agus cuiridh cumhachd an Aoin as Àirde sgàil ort. Mar sin, an leanabh naomh a bhios air a bhreith, gabhaidh iad Mac Dhè air. 36Agus, seall, do bhanacharaid Ealasaid, na seann aois, tha ise cuideachd torrach le mac; agus is e seo an t‑siathamh mìos dhìse air an deach neo‑thorrach a ghabhail, 37oir cha bhi rud sam bith do‑dhèante do Dhia.”
38Agus thuirt Moire, “Seall, is mise searbhanta an Tighearna; biodh e dèante riumsa a rèir d' fhacail.” Agus dh'fhàg an t‑aingeal i.
Moire a' Tadhal air Ealasaid
39Anns na làithean sin dh'èirich Moire agus chaidh i ann an cabhaig gu dùthaich nam beann, gu baile ann an Iùdah, 40agus chaidh i a‑steach do thaigh Shachariais, agus chuir i fàilte air Ealasaid. 41Agus nuair a chuala Ealasaid fàilte Mhoire, leum an naoidhean na broinn, agus chaidh Ealasaid a lìonadh leis an Spiorad Naomh. 42Agus dh'èigh i a‑mach le guth àrd, “Is beannaichte thu am measg bhoireannach, agus is beannaichte toradh do bhroinne! 43Agus carson a dh'èirich seo dhòmhsa, gun tigeadh màthair mo Thighearna thugam? 44Oir seall, cho luath 's a thàinig fuaim d' fhàilte gu mo chluasan, leum an naoidhean le aoibhneas nam bhroinn. 45Agus is beannaichte ise a chreid gun deigheadh na thuirt an Tighearna rithe a choileanadh.”
Òran Moire
46Agus thuirt Moire,
“Tha m' anam ag àrdachadh an Tighearna,
47agus tha mo spiorad a' dèanamh gàirdeachais ann an Dia mo Shlànaighear:
48oir tha e air sealltainn air staid ìosal a shearbhanta:
oir seall, o seo suas gabhaidh a h‑uile ginealach ‘beannaichte’ orm.
49Oir tha an t‑Aon a tha cumhachdach air rudan mòra a dhèanamh dhomh;
agus is naomh ainm‑san.
50Agus tha a thròcair dhaibhsan dhan eagal e – o ghinealach gu ginealach.
51Nochd e neart le a ghàirdean;
sgap e na h‑uaibhrich ann an smuain an cridhe.
52Tha e air an luchd‑riaghlaidh a thoirt a‑nuas on cathraichean,
agus tha e air iadsan a bha iriosal àrdachadh.
53Lìon e an fheadhainn a bha acrach le rudan matha;
agus na daoine saidhbhir chuir e air falbh falamh.
54Chuidich e a sheirbheiseach Israel gus a thròcair a chuimhneachadh.
55Mar a thuirt e ri ar n‑athraichean, ri Abrahàm agus ri a shliochd gu sìorraidh.”
56Agus dh'fhan Moire còmhla ri Ealasaid mu thrì mìosan, agus thill i dha taigh fhèin.
Àm Breith Eòin Baistidh
57A‑nis thàinig an t‑àm airson leanabh a bhith aig Ealasaid, agus rug i mac. 58Agus chuala a coimhearsnaich 's a càirdean gun robh an Tighearna air mòr‑thròcair a shealltainn dhi: agus rinn iad gàirdeachas còmhla rithe.
59Agus air an ochdamh latha thàinig iad a thimcheall‑ghearradh an leanaibh, agus bha iad a' dol a thoirt ainm athar air, Sachariah, 60ach fhreagair a mhàthair, “Chan e idir; ach thèid Eòin a ghabhail air.”
61Agus thuirt iad rithe, “Chan eil neach am measg do chàirdean air a bheil an t‑ainm seo.”
62Agus smèid iad air athair, a' faighneachd dha dè a bu toigh leis‑san a thoirt air. 63Agus dh'iarr e clàr‑sgrìobhaidh, is sgrìobh e “Is e Eòin ainm.” Agus ghabh iad uile iongnadh. 64Agus anns a' bhad chaidh a bheul fhosgladh is a theanga fhuasgladh, agus bhruidhinn e, a' moladh Dhè. 65Agus thàinig eagal air an coimhearsnaich gu lèir; agus chaidh bruidhinn mu na rudan sin uile air feadh dùthaich àrd Iudèa air fad. 66Agus iadsan uile a chuala iad, ghlèidh iad nan cridhe iad, ag ràdh, “Dè, ma‑thà, an seòrsa leanaibh a bhios an seo?” Oir bha làmh an Tighearna còmhla ris.
Fàidheadaireachd Shachariah
67Agus bha athair, Sachariah, air a lìonadh leis an Spiorad Naomh, is rinn e fàidheadaireachd, ag ràdh:
68“Beannaichte gun robh an Tighearna Dia Israeil,
a chionn 's gun do thadhail e air a shluagh, agus gun do shaor e iad.
69Agus gun do thog e suas adharc sàbhalaidh dhuinne
ann an taigh a sheirbheisich Daibhidh,
70mar a thuirt e tro bheul fhàidhean naomha fhèin, o shean,
71sàbhaladh o ar nàimhdean
agus o làimh na feadhna sin uile aig a bheil fuath dhuinn.
72A dhèanamh tròcair air ar n‑athraichean,
agus an cùmhnant naomh aige a chuimhneachadh,
73a' mhionn a mhionnaich e dhar n‑athair Abrahàm,
thug e dhuinn 74gum biodh sinne,
às dèidh dhuinn a bhith air ar saoradh o làimh ar nàimhdean,
a' dèanamh seirbheis dha às aonais eagail 75ann an naomhachd is ann am
fìreantachd ma choinneamh fad ar làithean.
76Agus thusa, a leanaibh, thèid fàidh an Aoin as àirde a ghabhail ort;
oir thèid thu ron Tighearna, a dh'ullachadh a shlighean,
77a thoirt eòlas sàbhalaidh dha shluagh, tro mhathanas am peacaidhean,
78air sgàth tròcair chaomh ar Dè‑ne,
leis an tadhail èirigh‑na‑grèine oirnn on àirde
79airson solas a thoirt dhaibhsan a tha nan suidhe ann an dorchadas
agus ann an sgàil a' bhàis,
airson ar casan a threòrachadh a‑steach do shlighe na sìthe.”
80Agus dh'fhàs an leanabh, agus chaidh a neartachadh ann an spiorad, agus bha e anns an fhàsach gu latha an fhoillseachaidh phoblaich aige do dh'Israel.
നിലവിൽ തിരഞ്ഞെടുത്തിരിക്കുന്നു:
Lùcas 1: ATN
ഹൈലൈറ്റ് ചെയ്യുക
പങ്ക് വെക്കു
പകർത്തുക

നിങ്ങളുടെ എല്ലാ ഉപകരണങ്ങളിലും ഹൈലൈറ്റുകൾ സംരക്ഷിക്കാൻ ആഗ്രഹിക്കുന്നുണ്ടോ? സൈൻ അപ്പ് ചെയ്യുക അല്ലെങ്കിൽ സൈൻ ഇൻ ചെയ്യുക
© Comann Bhìoball na h‑Alba 2017, 2024
© Scottish Bible Society 2017, 2024

: