Marcas 14
14
Ìosa air Ungadh aig Betani
1A‑nis bha a' Chàisg agus Fèill an Arain Neo‑Ghortaichte dà latha air falbh, agus bha na h‑àrd‑shagartan is na sgrìobhaichean a' sireadh ciamar a chuireadh iad an greim e tro fhoill, agus a chuireadh iad e gu bàs. 2Oir thuirt iad, “Chan ann air an Fhèill, air eagal 's gun èirich aimhreit am measg an t‑sluaigh.” 3Agus fhad 's a bha e ann am Betani ann an taigh Shìmoin an lobhar, nuair a bha e na shuidhe aig bòrd, thàinig boireannach le crogan alabastair de dh'acfhainn fìor chosgail, agus bhris i an crogan agus dhòirt i air a cheann i. 4Ach bha cuid ann a thuirt gu diombach nam measg fhèin, “Carson a tha an acfhainn air a cosg mar seo? 5Oir dh'fhaodadh an acfhainn seo a bhith air a reic airson barrachd air tuarastal bliadhna#14:5 Gu lit.: “300 denarius” no “300 bonn airgid” agus air a toirt dha na bochdan.” Agus chronaich iad i.
6Ach thuirt Ìosa, “Leigibh leatha. Carson a tha sibh a' cur dragh oirre? Rinn i gnìomh àlainn dhòmhsa. 7Oir tha na bochdan an‑còmhnaidh agaibh còmhla ribh, agus uair sam bith a thoilicheas sibh, faodaidh sibh math a dhèanamh dhaibh. Ach cha bhi mise an‑còmhnaidh agaibh. 8Rinn i na b' urrainn dhi: thàinig i ro‑làimh a dh'ungadh mo chuirp airson adhlacadh. 9Gu deimhinn tha mi ag ràdh ribh, ge b' e càit an tèid an soisgeul a shearmonachadh air feadh an t‑saoghail gu lèir, bidh an rud a rinn i air innse mar chuimhneachan oirre.”
10An uair sin chaidh Iùdas Iscariot, a bh' air àireamh am measg an dà fhear dheug, gu na h‑àrd‑shagartan airson esan a bhrath dhaibh. 11Agus nuair a chuala iad, bha iad toilichte 's gheall iad airgead a thoirt dha. Agus bha e a' sireadh cothrom iomchaidh airson esan a bhrath.
Suipear an Tighearna
12Air a' chiad latha de dh'Fhèill an Arain Neo‑Ghortaichte, nuair a bhiodh iad ag ìobradh uan na Càisge, thuirt deisciobail Ìosa ris, “Càit am bu toigh leat sinn a dhol a dh'ullachadh airson 's gun itheadh tu a' Chàisg?”
13Chuir e dithis dhe dheisciobail air falbh, agus thuirt e riutha, “Thallaibh dhan bhaile, agus coinnichidh duine ribh a' giùlain soitheach uisge. Leanaibh e, 14agus ge b' e àite dhan tèid e a‑steach, canaibh ri fear an taighe, ‘Tha am Fear‑Teagaisg ag ràdh: Càit a bheil mo sheòmar aoigheachd, far an ith mi a' Chàisg còmhla rim dheisciobail?’ 15Agus seallaidh esan dhuibh seòmar mòr, shuas an staidhre, uidheamaichte is deiseil; an sin ullaichibh air ar son.”
16Chaidh na deisciobail a‑mach agus thàinig iad dhan bhaile, agus fhuair iad e dìreach mar a thuirt e riutha, is dh'ullaich iad a' Chàisg. 17Nuair a bha am feasgar air tighinn, thàinig esan còmhla ris an dà fhear dheug. 18Agus fhad 's a bha iad nan suidhe aig bòrd agus ag ithe, thuirt Ìosa, “Gu deimhinn tha mi ag ràdh ribh gum brath aon agaibhse mise, fear a tha ag ithe còmhla rium.”
19Thòisich iad air a bhith tùrsach, 's air a ràdh ris, fear mu seach, “Cha mhise e, am mi?”
20Ach thuirt e riutha, “Is e fear dhen dà fhear dheug a th' ann, a tha a' bogadh arain còmhla riumsa san t‑soitheach. 21Oir thèid Mac an Duine air falbh dìreach mar a tha e sgrìobhte ma dheidhinn, ach is mairg dhan fhear sin leis an tèid Mac an Duine a bhrath: bhiodh e na b' fheàrr dhan duine sin mura robh e air a bhreith riamh.”
22Agus fhad 's a bha iad ag ithe, ghabh Ìosa thuige aran, agus às dèidh a bheannachadh, bhris e e agus thug e dhaibh e, agus thuirt e, “Gabhaibh, is e seo mo chorp‑sa.”
23Agus ghabh e thuige cupa, agus às dèidh dha taing a thoirt, thug e dhaibh e, agus dh'òl iad uile às.
24Agus thuirt e riutha, “Is e seo m' fhuil‑sa, fuil a' chùmhnaint, a th' air a dòrtadh a‑mach airson mhòrain. 25Gu deimhinn tha mi ag ràdh ribh, chan òl mi tuilleadh de thoradh an fhìonain gus an latha sin nuair a dh'òlas mi nuadh e ann an rìoghachd Dhè.”
26Nuair a bha iad air laoidh a sheinn chaidh iad a‑mach gu Beinn nan Crann‑Ola.
Ìosa a' Fàidheadaireachd mu Àicheadh Pheadair
27Agus thuirt Ìosa riutha, “Bidh sibh uile air ur sgainnealachadh asam, oir tha e sgrìobhte:
“‘Buailidh mi am buachaille,
agus sgapar na caoraich.#Sech. 13:7’
28“Ach às dèidh m' aiseirigh, thèid mi romhaibh do Ghalile.”
29Ach thuirt Peadar ris, “Ged a thèid iadsan uile a sgainnealachadh, cha tèid mise.”
30Agus thuirt Ìosa ris, “Gu deimhinn tha mi ag ràdh riut, an‑diugh fhèin air a' cheart oidhche seo, mun gairm an coileach dà thuras, àicheidh tu mi trì tursan.”
31Ach thuirt e gu làidir, “Ged a dh'fheumainn bàsachadh còmhla riut, chan àichinn thu.” Agus thuirt a h‑uile duine aca an aon rud.
Getsemane
32Chaidh iad gu àite dham b' ainm Getsemane, agus thuirt Ìosa ri a dheisciobail, “Suidhibh‑se an seo, fhad 's a nì mise ùrnaigh.” 33Agus thug e leis Peadar, Seumas is Eòin, agus thòisich e air a bhith fo mhòr‑àmhghar 's air a bhuaireadh. 34Agus thuirt e riutha, “Tha m' anam ro bhrònach, fiù 's gu bàs. Fuirichibh an seo agus dèanaibh faire.”
35Agus a' dol beagan na b' fhaide air adhart, thuit e air an talamh is rinn e ùrnaigh – nam biodh e comasach, gun deigheadh an uair seo seachad air. 36Agus thuirt e, “Abba, Athair, tha gach rud an comas dhutsa. Thoir an cupa seo air falbh uam. Ach chan e na 's toigh leamsa, ach na 's toigh leatsa.”
37An uair sin thàinig e agus fhuair e iadsan nan cadal, agus thuirt e ri Peadar, “A Shìmoin, a bheil thu nad chadal? Nach b' urrainn dhut faire a dhèanamh airson uair a thìde? 38Dèanaibh faire is ùrnaigh airson 's nach tuit sibh ann am buaireadh. Tha an spiorad gu deimhinn deònach, ach tha an fheòil lag.”
39Agus a‑rithist dh'fhalbh e agus rinn e ùrnaigh, ag ràdh nan aon bhriathran. 40Agus a‑rithist thàinig e agus fhuair e nan cadal iad, oir bha an sùilean fìor throm, agus cha robh fhios aca ciamar a fhreagradh iad e.
41Agus thàinig e an treas turas agus thuirt e riutha, “A bheil sibh fhathast a' cadal 's a' gabhail fois? Tha sin gu leòr; thàinig an uair. Seall, tha Mac an Duine air a bhrath do làmhan pheacach. 42Èiribh! Thallamaid! Seallaibh, tha mo neach‑brathaidh air tighinn faisg!”
Ìosa air a Chur an Grèim
43Agus fhad 's a bha e fhathast a' bruidhinn, thàinig Iùdas, aon dhen dà fhear dheug, agus sluagh còmhla ris le claidheamhan is cuaillean, o na h‑àrd‑shagartan, na sgrìobhaichean agus na h‑èildearan.
44A‑nis bha an neach‑brathaidh air comharra a thoirt dhaibh, ag ràdh, “Am fear dhan toir mise pòg, 's e sin e; glacaibh e agus thoiribh leibh e, fo gheàrd.” 45Agus nuair a thàinig e, chaidh e dìreach thuige agus thuirt e, “A Rabaidh!” Agus phòg e e. 46Agus chuir iad an làmhan air agus ghlac iad e. 47Ach tharraing aon fhear dhiubhsan a bha an làthair a chlaidheamh agus bhuail e seirbheiseach an àrd‑shagairt agus gheàrr e a chluas dheth.
48Agus fhreagair Ìosa iad, “An tàinig sibh a‑mach le claidheamhan agus le cuaillean gam ghlacadh‑sa mar gum b' e gadaiche a bh' annam? 49Bha mi còmhla ribh gach latha san teampall a' teagasg, agus cha do ghlac sibh mi. Ach biodh na Sgriobtairean air an coileanadh.” 50Agus dh'fhàg iad uile e agus theich iad.
51Agus lean òganach àraidh e, gun dad air ach aodach anairt. Agus ghlac iad e, 52ach dh'fhàg e aca an t‑aodach anairt agus theich e rùisgte.
Mu choinneamh na Comhairle
53Thug iad Ìosa leotha chun an àrd‑shagairt, agus chruinnich na h‑àrd‑shagartan agus na h‑èildearan agus na sgrìobhaichean uile còmhla. 54Agus lean Peadar e pìos air falbh, eadhon a‑steach do chùirt‑lios an àrd‑shagairt. Agus bha e na shuidhe còmhla ri na seirbheisich, agus ga bhlàthachadh fhèin aig an teine.
55A‑nis bha na h‑àrd‑shagartan agus a' Chomhairle gu lèir a' sireadh fianais an aghaidh Ìosa airson a chur gu bàs, ach cha d' fhuair iad sìon. 56Oir bha mòran a' toirt fianais bhrèige na aghaidh, ach cha robh aonta nan cuid fianais.
57Sheas cuid suas agus thug iad fianais bhrèige na aghaidh, ag ràdh, 58“Chuala sinne e ag ràdh, ‘Sgriosaidh mi an teampall seo a chaidh a dhèanamh le làmhan, agus ann an trì latha togaidh mi fear eile, nach deach a thogail le làmhan.’” 59Ach fiù 's mu dheidhinn sin cha robh aonta nan cuid fianais.
60An uair sin sheas an t‑àrd‑shagart suas nam measg agus cheasnaich e Ìosa: “Nach eil freagairt idir agad? Dè an fhianais a tha iad seo a' togail nad aghaidh?” 61Ach dh'fhan esan sàmhach; cha tug e freagairt sam bith.
A‑rithist cheasnaich an t‑àrd‑shagart e, ag ràdh, “An tusa an Crìosd, Mac an Aoin Bheannaichte?”
62Agus thuirt Ìosa, “Is mi, agus chì sibh Mac an Duine na shuidhe air deas‑làimh a' Chumhachd, agus a' tighinn cuide ri neòil nèimh.#14:62 Salm 110:1; Dan. 7:13”
63Agus shrac an t‑àrd‑shagart aodach‑uachdair, agus thuirt e, “Dè am feum a th' againn tuilleadh air fianaisean? 64Chuala sibh an toibheum. Dè ur barail‑se?”
Agus dhìt iad uile e mar airidh air bàs. 65Agus thòisich cuid air smugaidean a thilgeil air, is air aodann a chòmhdachadh, is air a bhualadh, ag ràdh ris, “Dèan fàidheadaireachd!” Agus ghabh na seirbheisich dha le sgailcean.
Peadar ag Àicheadh Ìosa
66Fhad 's a bha Peadar gu h‑ìosal sa chùirt‑lios, thàinig aon de bhana‑sheirbheisich an àrd‑shagairt, 67agus a' faicinn Pheadair ga gharadh fhèin, sheall i gu geur air agus thuirt i, “Bha thusa cuideachd còmhla ri Ìosa o Nàsaret.”
68Ach dh'àich esan e, ag ràdh, “Chan eil fios agam agus chan eil mi a' tuigsinn dè a tha thu ag ràdh.” Agus chaidh esan a‑mach dhan phoirdse, agus ghairm coileach.
69Agus ga fhaicinn, thòisich a' bhana‑sheirbheiseach air a ràdh a‑rithist riuthasan a bha nan seasamh mun cuairt, “'S e fear dhiubh a tha seo.” 70Ach a‑rithist dh'àich e e.
Agus às dèidh greiseig thuirt iadsan a bha nan seasamh mun cuairt a‑rithist ri Peadar, “Gu fìrinneach is e fear dhiubh a th' annad, oir is Galilèach thu.”
71Ach thòisich esan air mallachadh 's air mionnachadh, “Chan aithne dhomh an duine seo air a bheil sibh a' bruidhinn.”
72Agus sa bhad ghairm coileach an dara h‑uair. Is chuimhnich Peadar air dè a thuirt Ìosa ris: “Mun gairm coileach dà uair, àicheidh tu mi trì tursan.” Agus bhris e sìos is chaoin e.
നിലവിൽ തിരഞ്ഞെടുത്തിരിക്കുന്നു:
Marcas 14: ATN
ഹൈലൈറ്റ് ചെയ്യുക
പങ്ക് വെക്കു
പകർത്തുക

നിങ്ങളുടെ എല്ലാ ഉപകരണങ്ങളിലും ഹൈലൈറ്റുകൾ സംരക്ഷിക്കാൻ ആഗ്രഹിക്കുന്നുണ്ടോ? സൈൻ അപ്പ് ചെയ്യുക അല്ലെങ്കിൽ സൈൻ ഇൻ ചെയ്യുക
© Comann Bhìoball na h‑Alba 2017, 2024
© Scottish Bible Society 2017, 2024

: