Marcas 13

13
Comharraidhean Deireadh na Linne
1Agus fhad 's a bha e a' tighinn a‑mach às an teampall, thuirt aon dhe a dheisciobail ris, “Fhir‑Teagaisg, seall, nach sgoinneil na clachan 's nach sgoinneil na togalaichean!”
2Agus thuirt Ìosa ris, “A bheil thu a' faicinn nan togalaichean mòra seo? Cha tèid aon chlach fhàgail air muin cloiche an seo nach tèid a leagail sìos!” 3Agus fhad 's a bha e na shuidhe air Beinn nan Crann‑Ola mu choinneamh an teampaill, chuir Peadar, Seumas, Eòin agus Anndra, ceist air gu prìobhaideach, ag ràdh, 4“Innis dhuinne, cuin a thachras na rudan seo, agus dè an comharra a bhios ann nuair a tha na rudan seo gu lèir gus a bhith air an coileanadh?”
5Agus thòisich Ìosa air a ràdh riutha, “Thoiribh an aire nach meall neach sam bith sibh. 6Thig mòran nam ainm‑sa, ag ràdh, ‘Is mise Esan,’ agus meallaidh iad mòran. 7Agus nuair a chluinneas sibh mu chogaidhean, agus fathannan mu chogaidhean, na bithibh fo dhragh. Feumaidh seo tachairt, ach chan eil a' chrìoch ann fhathast. 8Oir èiridh nàisean an aghaidh nàisein, agus rìoghachd an aghaidh rìoghachd. Bidh crithean‑talmhainn ann an iomadh àite; bidh gortan ann. Is iad seo toiseach tòiseachaidh phiantan asaid.
9“Ach thoiribh an aire! Oir bheir iad thairis sibh do chomhairlean, agus thèid ur dochann sna sionagogan, agus seasaidh sibh mu choinneamh uachdaran is rìghrean air mo shon‑sa, mar fhianais dhaibhsan. 10Agus feumaidh an soisgeul an toiseach a bhith air a shearmonachadh dhan a h‑uile nàisean. 11Agus nuair a bheir iad leotha sibh agus a bheir iad thairis sibh, na biodh cùram oirbh ro‑làimh a thaobh dè a chanas sibh, ach canaibh ge b' e dè a thèid a thoirt dhuibh aig an àm sin, oir chan e sibhse a tha a' bruidhinn ach an Spiorad Naomh.
12“Bheir bràthair a bhràthair thairis gu bàs, agus athair a leanabh, agus èiridh a' chlann suas an aghaidh am pàrantan, agus bidh iad air an cur gu bàs. 13Fuathaichidh gach neach sibh air sgàth m' ainme‑sa, ach bidh an neach a leanas air chun na crìche air a shàbhaladh.
14“Ach nuair a chì sibh ‘gràinealachd an lèir‑sgrios’#Dan. 9:27; 11:31; 12:11 na seasamh far nach bu chòir dhi a bhith (tuigeadh an leughadair), an uair sin teicheadh iadsan a th' ann an Iudèa gu na beanntan. 15Na tigeadh an neach a th' air mullach an taighe a‑nuas, 's na deigheadh e a‑steach airson rud sam bith a thoirt às a thaigh, 16agus na tilleadh an neach a th' anns an achadh air ais a thogail aodaich uachdair leis. 17Nach truagh dhaibhsan a tha trom agus dhan fheadhainn a tha ag altram leanaban sna làithean sin! 18Dèanaibh ùrnaigh nach tachair e sa gheamhradh. 19Oir sna làithean sin bidh àmhghar ann nach fhacas a leithid o thoiseach a' chruthachaidh a chruthaich Dia gus a‑nis – agus nach bi ann tuilleadh. 20Agus mura biodh an Tighearna air na làithean sin a ghiorrachadh, cha bhiodh neach sam bith air a shàbhaladh. Ach air sgàth na feadhna thaghte, a thagh e fhèin, ghiorraich e na làithean. 21Agus an uair sin ma chanas neach sam bith ribh, ‘Seallaibh, tha an Crìosd an seo!’ no ‘Seallaibh, tha e an sin!’ na creidibh e. 22Èiridh crìosdan brèige agus fàidhean brèige is nì iad comharraidhean agus iongantasan, airson 's, nan robh e an comas, an fheadhainn thaghte fhèin a mhealladh. 23Ach thoiribh‑se an aire; dh'innis mi dhuibh a h‑uile sìon ro‑làimh.
24“Ach sna làithean sin, às dèidh an àmhghair ud,
“‘bidh a' ghrian air a dorchnachadh,
agus cha toir a' ghealach a solas uaipe;
25bidh na rionnagan a' tuiteam o nèamh,
agus bidh cumhachdan nan nèamh air an crathadh.’#Isa. 13:10; 34:4
26“Agus an uair sin chì iad Mac an Duine a' tighinn ann an sgòthan, le mòr‑chumhachd agus glòir. 27Agus an uair sin cuiridh e na h‑ainglean aige a‑mach, agus cruinnichidh e fheadhainn thaghte fhèin o na ceithir gaothan, o chrìochan na talmhainn gu crìochan nèimh.
28“Ionnsaichibh cosamhlachd on chraoibh‑fhìge: cho luath 's a bhios a geug bog, agus a chuireas i a‑mach a duilleach, tha fios agaibh gu bheil an samhradh faisg. 29Mar sin leibhse cuideachd: nuair a chì sibh na rudan seo a' tachairt, biodh fhios agaibh gu bheil e faisg, aig na dorsan fhèin. 30Gu deimhinn tha mi ag ràdh ribh nach tèid an ginealach seo seachad gus an tachair a h‑uile rud a tha seo. 31Thèid nèamh is talamh seachad, ach cha tèid mo bhriathran‑sa seachad idir.
An Latha agus an Uair Neo‑Aithnichte
32“Ach a thaobh an latha sin no na h‑uaire, chan aithne do neach sam bith, fiù 's na h‑ainglean air nèamh, no am Mac, ach dìreach an t‑Athair. 33Thoiribh an aire! Dèanaibh faire! Oir chan eil fios agaibh cuin a thig an t‑àm. 34Tha e coltach ri duine a' dol air turas, nuair a dh'fhàgas e a thaigh fhèin agus a bheir e ùghdarras dha sheirbheisich, is obair fhèin do gach neach, agus a bheir e àithne dhan dorsair faire a dhèanamh.
35“Mar sin dèanaibh faire – oir chan aithne dhuibh cuin a thig maighstir an taighe, an ann feasgar, no aig meadhan‑oidhche, no nuair a ghairmeas an coileach, no sa mhadainn – 36gun fhios nach tig e gu luath 's gun lorg e sibh nur cadal. 37Agus na rudan a tha mi ag ràdh ribhse, tha mi ag ràdh ri na h‑uile: ‘Dèanaibh faire!’”

നിലവിൽ തിരഞ്ഞെടുത്തിരിക്കുന്നു:

Marcas 13: ATN

ഹൈലൈറ്റ് ചെയ്യുക

പങ്ക് വെക്കു

പകർത്തുക

None

നിങ്ങളുടെ എല്ലാ ഉപകരണങ്ങളിലും ഹൈലൈറ്റുകൾ സംരക്ഷിക്കാൻ ആഗ്രഹിക്കുന്നുണ്ടോ? സൈൻ അപ്പ് ചെയ്യുക അല്ലെങ്കിൽ സൈൻ ഇൻ ചെയ്യുക