Marcas 12

12
Cosamhlachd nan Droch Thuathanach
1Agus thòisich Ìosa air bruidhinn riutha ann an cosamhlachdan: “Chuir duine fìon‑lios, agus chuir e balla timcheall air agus chladhaich e amar‑fìona, agus thog e tùr; agus thug e air mhàl do thuathanaich e agus dh'fhàg e an dùthaich. 2Aig an àm cheart chuir e seirbheiseach gu na tuathanaich airson 's gum faigheadh e cuid de thoradh an fhìon‑lios uapa. 3Ach ghlac iad e agus dhochainn iad e agus chuir iad uapa falamh e. 4A‑rithist chuir e seirbheiseach eile thuca, agus bhuail iad air a' cheann e, agus làimhsich iad gu maslach e. 5Agus chuir e fear eile thuca is mharbh iad esan. Agus mar seo le mòran a bharrachd: bhuail iad cuid dhiubh agus mharbh iad cuid eile.
6“Bha fhathast aon fhear eile aige, mac a bu ghràdhach leis. Mu dheireadh chuir e esan thuca, ag ràdh, ‘Bheir iad urram dham mhac.’
7“Ach thuirt na tuathanaich ud ri càch‑a‑chèile, ‘Is e seo an t‑oighre. Thigibh, marbhamaid e, agus bidh an oighreachd leinn fhèin.’ 8Rug iad air, agus mharbh iad e, agus thilg iad a‑mach às an fhìon‑lios e.
9“Dè a nì am fear leis an robh am fìon‑lios? Thig e agus sgriosaidh e na tuathanaich agus bheir e am fìon‑lios do dh'fheadhainn eile. 10Nach do leugh sibh an Sgriobtar seo:
“‘A' chlach a dhiùlt na clachairean,
chaidh ceann an oisein a dhèanamh dhith;
11chaidh seo a dhèanamh leis an Tighearna,
agus is iongantach e nar sùilean‑ne’#Salm 118:22‑23?”
12Agus bha iad a' sireadh cothrom a chur an grèim ach bha eagal an t‑sluaigh orra, oir thuig iad gum b' ann nan aghaidh fhèin a thuirt e a' chosamhlachd. Mar sin dh'fhàg iad e agus chaidh iad air falbh.
A' Pàigheadh Chìsean do Chèasar
13An uair sin chuir iad cuid dhe na Pharasaich is dhe na Heròdianaich thuige airson 's gun glacadh iad na chainnt e. 14Thàinig iad agus thuirt iad ris, “Fhir‑Teagaisg, tha fios againn gu bheil thusa fìrinneach agus nach eil dragh ort mu bheachd neach sam bith; oir chan eil thu a' gabhail suim de choltas dhaoine ach a' teagasg slighe Dhè ann am fìrinn. A bheil e laghail cìs a thoirt do Chèasar no nach eil? Am bu chòir dhuinn pàigheadh no nach bu chòir?”
15Ach, a' tuigsinn an cuid cealgaireachd, thuirt e riutha, “Carson a tha sibh gam bhuaireadh? Thoiribh thugam bonn airgid agus leigibh leam coimhead air.” 16Agus thug iad fear thuige, agus thuirt e riutha. “Cò leis a tha an coltas agus an sgrìobhadh seo?”
Agus thuirt iadsan, “Le Cèasar.”
17Thuirt Ìosa riutha, “Thugaibh do Chèasar na rudan a tha le Cèasar agus do Dhia na rudan a tha le Dia.” Agus ghabh iad iongnadh ris.
Pòsadh san Aiseirigh
18Agus thàinig Sadusaich thuige, a tha ag ràdh nach eil aiseirigh ann, agus cheasnaich iad e, ag ràdh, 19“Fhir‑Teagaisg, sgrìobh Maois dhuinne nam bàsaicheadh bràthair duine is gum fàgadh e bean, ach nach fàgadh e clann, gun gabhadh a bhràthair a' bhean thuige fhèin, agus gun togadh e sliochd dha bhràthair. 20Bha seachdnar bhràithrean ann; agus ghabh a' chiad fhear dhiubh bean is nuair a chaochail e cha do dh'fhàg e sliochd. 21Agus ghabh an dara fear i, agus chaochail esan, gun shliochd fhàgail; agus an treas fear cuideachd. 22Agus cha do dh'fhàg an t‑seachdnar sliochd. Mu dheireadh chaochail am boireannach cuideachd. 23San aiseirigh, nuair a dh'èireas iad a‑rithist,#12:23 Chan eil na faclan “nuair a dh'èireas iad a‑rithist” anns na làmh‑sgrìobhainnean as tràithe. cò aca aig am bi i mar bhean? Oir bha i aig an t‑seachdnar mar bhean.”
24Thuirt Ìosa riutha, “Nach e seo an t‑adhbhar gu bheil sibh ceàrr, a chionn 's nach aithne dhuibh na Sgriobtaran no cumhachd Dhè? 25Oir nuair a dh'èireas iad o na mairbh, cha phòs iad, 's cha mhotha a thèid an toirt ann am pòsadh, ach tha iad mar ainglean air nèamh. 26Ach a thaobh nam marbh a bhith air an togail, nach do leugh sibh ann an leabhar Mhaois, sa chunntas mun phreas, mar a bhruidhinn Dia ris, ag ràdh, ‘Is mise Dia Abrahàim, agus Dia Ìsaaic, agus Dia Iàcoib#Ecs. 3:6’? 27Chan esan Dia nam marbh, ach nam beò. Tha sibhse gu math fada ceàrr!”
An Àithne as Motha
28Agus thàinig fear dhe na sgrìobhaichean, agus nuair a chuala e iadsan a' deasbad ri chèile, agus a' faicinn gun do fhreagair e gu math iad, dh'fhaighnich e dha, “Cò i a' phrìomh àithne dhiubh uile?” 29Fhreagair Ìosa, “Is i seo a' phrìomh thè: ‘Èist, O Israeil, an Tighearna ar Dia, is aon Tighearna e. 30Agus gràdhaichidh tu an Tighearna do Dhia led uile chridhe, agus led uile anam agus led uile inntinn, agus led uile neart.’#Deut. 6:4‑5 31Is i seo an dara tè, ‘Gràdhaichidh tu do choimhearsnach mar thu fhèin.’#Lebh. 19:18 Chan eil àithne eile ann a tha nas motha na iad seo.” 32Agus thuirt an sgrìobhaiche ris, “Ceart, fhir‑teagaisg. Is fìrinneach a thuirt thu gur e aon a th' annsan, agus nach eil aon eile ann ach esan. 33Agus a bhith ga ghràdhachadh leis a' chridhe gu lèir 's leis an tuigse gu lèir 's leis an neart gu lèir, agus a bhith a' gràdhachadh a choimhearsnaich mar e fhèin, tha sin fada nas motha na na tabhartasan‑loisgte 's na h‑ìobairtean gu lèir.”
34Agus nuair a chunnaic Ìosa gun do fhreagair e gu glic, thuirt e ris, “Chan eil thu fada o rìoghachd Dhè.” Agus às dèidh sin cha robh de mhisneachd aig neach sam bith an còrr cheistean a chur air.
Cò Dha a Tha an Crìosd na Mhac?
35Agus fhad 's a theagaisg Ìosa san teampall thuirt e, “Ciamar as urrainn dha na sgrìobhaichean a ràdh gur e an Crìosd Mac Dhaibhidh? 36Oir thuirt Daibhidh fhèin tron Spiorad Naomh:
“‘Thuirt an Tighearna rim Thighearna:
“Suidh aig mo dheas‑làimh
gus an cuir mi do nàimhdean
fod chasan.”’#Salm 110:1
37“Tha Daibhidh fhèin a' gabhail ‘Tighearna’ air. Ciamar mar sin a tha e na mhac dha?”
Agus dh'èist am mòr‑shluagh gu toilichte ris.
Rabhadh an aghaidh Luchd‑Teagaisg an Lagha
38Agus na theagasg thuirt e, “Bithibh air ur faiceall o na sgrìobhaichean, leis an toigh l' a bhith a' coiseachd mun cuairt ann an culaidhean fada agus fàilte fhaighinn sna margaidhean, 39agus na prìomh chathraichean fhaighinn sna sionagogan, agus na h‑àiteachan urramach fhaighinn aig na cuirmean, 40a tha ag ithe suas taighean bhanntrach, agus, airson a bhith a' leigeil orra, a nì ùrnaighean fhada. Gheibh iad sin an dìteadh as motha.”
Tabhartas na Banntraich
41Agus shuidh Ìosa sìos mu choinneamh àite an ionmhais, agus bha e a' sealltainn air an t‑sluagh a' tilgeil an airgid dhan chiste‑ionmhais, is thilg tòrr dhaoine beairteach mòran innte. 42Thàinig banntrach bhochd agus thilg i dà bhonn bheag innte, luach sgillinn. 43Agus ghairm e a dheisciobail thuige is thuirt e riutha, “Gu fìrinneach tha mi ag ràdh ribh gun do thilg a' bhanntrach bhochd seo barrachd dhan chiste‑ionmhais na iadsan uile a thilg innte. 44Oir thilg iadsan uile às am mòr‑phailteas, ach thilg ise às a gainne a h‑uile rud bh' aice, fiù 's a bith‑beò gu lèir.”

നിലവിൽ തിരഞ്ഞെടുത്തിരിക്കുന്നു:

Marcas 12: ATN

ഹൈലൈറ്റ് ചെയ്യുക

പങ്ക് വെക്കു

പകർത്തുക

None

നിങ്ങളുടെ എല്ലാ ഉപകരണങ്ങളിലും ഹൈലൈറ്റുകൾ സംരക്ഷിക്കാൻ ആഗ്രഹിക്കുന്നുണ്ടോ? സൈൻ അപ്പ് ചെയ്യുക അല്ലെങ്കിൽ സൈൻ ഇൻ ചെയ്യുക