Marcas 11
11
An Dol‑a‑Steach Buadhmhor
1Nuair a thàinig iad faisg air Ierusalem, air Betphage agus Betani, aig Beinn nan Crann‑Ola, chuir Ìosa air falbh dithis dhe dheisciobail, 2agus thuirt e riutha, “Thallaibh dhan bhaile mur coinneamh, agus cho luath 's a thèid sibh a‑steach ann gheibh sibh searrach ceangailte, air nach do shuidh aon duine riamh. Fuasglaibh e agus thoiribh an seo e. 3Ma chanas neach sam bith ribh, ‘Carson a tha sibh a' dèanamh seo?’ canaibh ris, ‘Tha feum aig an Tighearna air agus cuiridh e air ais an seo sa bhad e.’”
4Dh'fhalbh iad agus fhuair iad searrach ceangailte aig doras, a‑muigh air an t‑sràid. Agus fhad 's a bha iad ga fhuasgladh, 5thuirt cuid dhen fheadhainn a bha nan seasamh an sin riutha, “Dè a tha sibh a' dèanamh, a' fuasgladh an t‑searraich?” 6Agus dh'innis iad dhaibh dè a bha Ìosa air a ràdh, agus leig iad leotha falbh. 7Thug iad an searrach gu Ìosa agus thilg iad an cuid aodaich uachdair air, agus shuidh esan air. 8Agus sgaoil mòran an t‑aodach uachdar aca air an rathad, agus sgaoil feadhainn eile geugan duilleagach a bha iad air a ghearradh bho na h‑achaidhean. 9Agus bha iadsan a bha a' dol air thoiseach, 's iadsan a bha a' leantainn ag èigheach,
“Hosanna!”
“Is beannaichte esan a tha a' tighinn ann an ainm an Tighearna!#11:9 Salm 118:25, 26”
10“Is beannaichte an rìoghachd a tha ri thighinn aig ar n‑athair Daibhidh!”
“Hosanna anns na h‑àrdan!”
11Chaidh Ìosa a‑steach a dh'Ierusalem, agus dhan teampall. Nuair a bha e air coimhead mun cuairt air a h‑uile rud, on a bha an uair mu thràth anmoch, chaidh e a‑mach gu Betani còmhla ris an dà fhear dheug.
Ìosa a' Falmhachadh an Teampaill
12An ath latha, nuair a thàinig iad a‑mach à Betani, bha Ìosa acrach. 13A' faicinn o fhad' às craobh‑fhìge air an robh duilleach, chaidh e a dh'fhaicinn an lorgadh e rud sam bith oirre. Nuair a thàinig e thuice, cha do lorg e rud sam bith ach duilleach, oir cha b' e an t‑àm airson fìgean a bh' ann. 14Agus thuirt e rithe, “Na itheadh neach sam bith toradh dhìotsa gu bràth tuilleadh.” Agus chuala a dheisciobail e.
15An uair sin thàinig iad gu Ierusalem. Agus chaidh e a‑steach dhan teampaill is thòisich e air an fheadhainn a bha a' reic 's a' ceannach san teampall a ruaigeadh a‑mach agus chuir e car de bhùird luchd‑malairt an airgid is cathraichean luchd‑reic nan calman. 16Agus cha leigeadh e le neach sam bith dad a ghiùlain tron teampall. 17Agus theagaisg e iad, ag ràdh riutha, “Nach eil e sgrìobhte:
“‘Thèid taigh ùrnaigh airson a h‑uile nàisean a ghabhail air mo thaighsa,#11:17 Isa. 56:7
ach tha sibhse air uamh mhèirleach a dhèanamh dheth.#11:17 Ier. 7:11’”
18Agus chuala na h‑àrd‑shagartan agus na sgrìobhaichean seo agus bha iad ag iarraidh dòigh air a chur gu bàs, oir bha eagal orra uaithe, oir bha an sluagh uile fo mhòr‑iongnadh air sgàth a theagaisg.
19Nuair a thàinig am feasgar, chaidh iad a‑mach às a bhaile.
A' Chraobh‑Fhìge Sheargte
20Anns a' mhadainn, fhad 's a bha iad a' dol seachad, chunnaic iad a' chraobh‑fhìge air crìonadh o a freumhan. 21Chuimhnich Peadar, agus thuirt e ris, “A Rabaidh, seall! Tha a' chraobh‑fhìge a mhallaich thu air crìonadh.”
22Agus fhreagair Ìosa, “Biodh creideamh agaibh ann an Dia. 23Gu deimhinn tha mi ag ràdh ribh, ge b' e cò a chanas ris a' bheinn seo, ‘Bi air do thogail agus air do thilgeil dhan mhuir,’ agus nach bi fo amharas‑cridhe, ach a chreideas gun tachair an rud a chanas e, thèid a dhèanamh dha. 24Mar sin tha mi ag ràdh ribh, ge b' e dè na rudan a dh'iarras sibh ann an ùrnaigh, creidibh gum faigh sibh iad, agus thèid a dhèanamh dhuibh. 25Agus ge b' e cuin a sheasas sibh ag ùrnaigh, mathaibh, ma tha rud sam bith agaibh an aghaidh neach sam bith, airson 's gum math ur n‑Athair a th' air nèamh ur peacaidhean fhèin dhuibhse. 26Ach mura math sibhse, cha mhotha a mhathas ur n‑Athair a th' air nèamh ur peacaidhean fhèin dhuibhse.”#11:26 Chan eil an earrann seo anns na làmh‑sgrìobhainnean as tràithe. Faic Mata 6:15
Ùghdarras Ìosa air a Cheasnachadh
27Thàinig iad a‑rithist gu Ierusalem, agus fhad 's a bha Ìosa a' coiseachd anns an teampall, thàinig na h‑àrd‑shagartan agus na sgrìobhaichean agus na h‑èildearan thuige, 28agus thuirt iad ris, “Dè an t‑ùghdarras a th' agad airson nan rudan seo a dhèanamh, no cò a thug dhut an t‑ùghdarras seo airson 's gun dèanadh tu iad?”
29Fhreagair Ìosa iad, “Faighnichidh mise aon cheist dhuibhse. Freagraibh mise, agus innsidh mi dhuibhse dè an t‑ùghdarras a th' agamsa airson nan rudan seo a dhèanamh. 30An ann o nèamh no o dhaoine a bha baisteadh Eòin? Freagraibh mi.”
31Agus rinn iad deasbad nam measg fhèin, ag ràdh, “Ma chanas sinne, ‘O nèamh,’ canaidh esan, ‘Carson ma‑thà nach do chreid sibh e?’ 32Ach nan canamaid, ‘O dhaoine …?’” (Bha eagal an t‑sluaigh orra, oir mheas iad uile gum b' e fàidh dha‑rìribh a bh' ann an Eòin.)
33Mar sin fhreagair iad Ìosa, “Chan eil fios againn.”
Agus thuirt Ìosa riutha, “Cha mhotha a dh'innseas mise dhuibhse dè an t‑ùghdarras a th' agamsa airson nan rudan seo a dhèanamh.”
നിലവിൽ തിരഞ്ഞെടുത്തിരിക്കുന്നു:
Marcas 11: ATN
ഹൈലൈറ്റ് ചെയ്യുക
പങ്ക് വെക്കു
പകർത്തുക

നിങ്ങളുടെ എല്ലാ ഉപകരണങ്ങളിലും ഹൈലൈറ്റുകൾ സംരക്ഷിക്കാൻ ആഗ്രഹിക്കുന്നുണ്ടോ? സൈൻ അപ്പ് ചെയ്യുക അല്ലെങ്കിൽ സൈൻ ഇൻ ചെയ്യുക
© Comann Bhìoball na h‑Alba 2017, 2024
© Scottish Bible Society 2017, 2024

: