YouVersion Logo
Search Icon

Mata 27

27
Iùdas ga Chrochadh Fhèin
1Nuair a thàinig a' mhadainn, ghabh na h‑àrd‑shagartan agus èildearan an t‑sluaigh uile comhairle le chèile an aghaidh Ìosa airson a chur gu bàs. 2Cheangail iad e agus thug iad air falbh e is thug iad thairis do Phìlat an riaghladair e.
3An uair sin, nuair a chunnaic Iùdas, a bhrath e, gun deach Ìosa a dhìteadh, dh'atharraich e inntinn agus thug e air ais an trithead bonn airgid dha na h‑àrd‑shagartan agus dha na h‑èildearan, 4ag ràdh, “Pheacaich mi tro bhith a' brath fuil neoichiontach.”
Ach thuirt iadsan, “Dè tha sin dhuinne? Seall thusa ris!”
5Agus a' tilgeil sìos nam bonn airgid dhan teampall, dh'fhalbh e, agus chaidh e is chroch e e fhèin.
6Ach a' gabhail nan bonn airgid, thuirt na h‑àrd‑shagartan, “Chan eil e laghail an cur do chiste‑ionmhas an teampaill, on as e airgead fala a th' ann.” 7Mar sin ghabh iad comhairle is cheannaich iad leotha achadh a' chrèadhadair, airson a bhith na àite‑adhlaic do choigrich. 8Mar sin tha Achadh na Fala air a bhith air a ghabhail air an achadh sin gus an latha an‑diugh. 9An uair sin choileanadh an rud a chaidh a ràdh leis an fhàidh Ieremiah: “Agus ghabh iad an trithead bonn airgid, prìs an aoin air an deach luach a shuidheachadh le cloinn Israeil, 10agus thug iad seachad iad airson achadh a' chrèadhadair, mar a dh'òrdaich an Tighearna dhòmhsa.”#Sech. 11:12, 13; Ier. 19:1‑13; 32:6‑9
Ìosa mu choinneamh Phìlait
11A‑nis sheas Ìosa mu choinneamh an riaghladair, agus cheasnaich an riaghladair e: “An tusa Rìgh nan Iùdhach?”
Agus thuirt Ìosa ris, “Tha thu ga ràdh.”
12Ach nuair a chuir na h‑àrd‑shagartan agus na h‑èildearan casaidean air, cha do fhreagair e sìon. 13An uair sin thuirt Pìlat ris, “Nach eil thu a' cluinntinn cia mheud rud leis a bheil iad a' toirt fianais nad aghaidh?” 14Ach cha tug e freagairt sam bith dha, cha tug fiù 's aon fhacal, air chor is gun robh an riaghladair fo iongnadh mòr.
15A‑nis aig gach fèill bha e na chleachdadh aig an riaghladair aon phrìosanach a bha iad ag iarraidh a leigeil ma sgaoil dhan t‑sluagh. 16Aig an àm sin bha prìosanach iomraiteach aca dham b' ainm Barabas#27:16 An seo, agus ann an rann 17 tha “Ìosa Barabas” ann an cuid bheag dhe na làmh‑sgrìobhainnean. 17Mar sin, nuair a bha iad air cruinneachadh còmhla, thuirt Pìlat riutha, “Cò a bu toigh leibh a leiginn mu sgaoil dhuibh: Barabas, no Ìosa ris an canar Crìosd?” 18Oir bha fhios aige gum b' ann air sgàth an fharmaid a thug iad thairis e.
19Fhad 's a bha e na shuidhe air cathair a' bhreitheanais, chuir a bhean fios thuige, ag ràdh, “Na gabh gnothach sam bith ris an fhìrean sin, oir tha mi air mòran fhulang an‑diugh ann am bruadar air a sgàth‑san.”
20Ach chuir na h‑àrd‑shagartan agus na h‑èildearan ìmpidh air an t‑sluagh gus Barabas iarraidh, agus Ìosa a sgrios.
21Fhreagair an riaghladair iad, “Cò dhen dithis a bu toigh leibh a leiginn mu sgaoil dhuibh.”
Thuirt iadsan, “Barabas.”
22Thuirt Pìlat riutha, “Dè ma‑thà a nì mi le Ìosa, ris an canar Crìosd?”
Thuirt iad uile ris, “Biodh e air a cheusadh!”
23Agus thuirt e, “Carson, dè an t‑olc a rinn e?”
Ach dh'èigh iadsan na bu mhotha buileach, “Biodh e air a cheusadh!”
24Nuair a chunnaic Pìlat nach robh e a' dèanamh adhartais sam bith, ach an àite sin gun robh aimhreit a' tòiseachadh, ghabh e uisge, agus nigh e a làmhan mu choinneamh an t‑sluaigh, ag ràdh, “Tha mise neoichiontach de dh'fhuil an fhir seo. Seallaibh fhèin ris!”
25Agus fhreagair an sluagh gu lèir, “Biodh fhuil oirnne agus air ar cloinne!”
26An uair sin leig e mu sgaoil Barabas dhaibh, ach às dèidh do dh'Ìosa a bhith air a sgiùrsadh, thug e thairis e airson 's gum biodh e air a cheusadh.
Na Saighdearan a' Magadh air Ìosa
27An uair sin thug saighdearan an riaghladair Ìosa leotha do lùchairt an riaghladair, agus chruinnich iad còmhla am buidheann shaighdearan gu lèir mun cuairt air. 28Agus thug iad an t‑aodach dheth agus chuir iad cleòc sgàrlaid timcheall air, 29agus às dèidh dhaibh droighinn fhighe nan crùn, chuir iad air a cheann e, agus chuir iad cuilc na làimh dheis, agus lùb iad an glùinean ma choinneamh, agus rinn iad magadh air, ag ràdh, “Fàilte dhut, a Rìgh nan Iùdhach!” 30Agus thilg iad smugaidean air agus ghlac iad a' chuilc agus bhuail iad air a cheann i. 31Agus às dèidh dhaibh magadh air, thug iad dheth an cleòc agus chuir iad a chuid aodaich fhèin air. Agus thug iad air falbh e airson a cheusadh.
Ìosa air a Cheusadh
32Fhad 's a bha iad a' dol a‑mach, fhuair iad duine o Chirène, dham b' ainm Sìmon. Cho‑èignich iad an duine seo gus crann‑ceusaidh Ìosa a ghiùlain. 33Agus nuair a thàinig iad gu àite dham b' ainm Golgota, a tha a' ciallachadh Àite Claiginn, 34thug iad fìon dha ri òl, measgte le domblas, ach às dèidh dha a bhlasad, chan òladh e e. 35Agus nuair a bha iad air a cheusadh, roinn iad a chuid aodaich eatarra, tro chrannchur a thilgeil. 36Agus a' suidhe sìos chùm iad faire air an sin. 37Agus os cionn a chinn chuir iad a' chùis‑dìtidh na aghaidh, IS E SEO ÌOSA, RÌGH NAN IÙDHACH. 38An uair sin chaidh dithis mhèirleach a cheusadh còmhla ris, aon air a làimh dheis agus aon air a làimh chlì. 39Agus rinn iadsan a bha a' dol seachad magadh air, a' crathadh an cinn 40agus ag ràdh, “Thusa a leagadh an teampall agus a thogadh e ann an trì latha, sàbhail thu fhèin: mas tu Mac Dhè, thig a‑nuas on chrann‑ceusaidh!”
41Anns an aon dòigh rinn na h‑àrd‑shagartan le na sgrìobhaichean agus le na h‑èildearan magadh air, ag ràdh, 42“Shàbhail e daoine eile; chan eil e comasach air e fhèin a shàbhaladh. Is esan Rìgh Israeil! Thigeadh e a‑nuas a‑nis on chrann‑ceusaidh, agus creididh sinn e. 43Tha earbsa aige ann an Dia; sàbhaileadh Dia a‑nis e, ma tha e ga iarraidh#Salm 22:8. Oir thuirt e, ‘Is mise Mac Dhè.’” 44Agus thug na mèirlich a chaidh a cheusadh còmhla ris droch bheul dha san aon dòigh.
Bàs Ìosa
45A‑nis o mheadhan‑latha#27:45 Gu lit.: “an t‑siathamh uair” thàinig dorchadas thairis air an tìr gu lèir, gu trì uairean feasgar#27:45 Gu lit.: “an naoidheamh uair”, agus rann 46 . 46Agus mu thrì uairean feasgar dh'èigh Ìosa le guth àrd, “Eli, Eli, lama sabachtani?#Salm 22:1” 'S e sin, “Mo Dhia, mo Dhia, carson a thrèig thu mi?”
47Nuair a chuala cuid dhiubhsan a bha nan seasamh mun cuairt e, thuirt iad, “Tha an duine seo ag èigheach air Eliah.”
48Agus ruith aon dhiubh sa bhad agus ghabh e spong agus lìon e le fìon‑geur e agus chur e air slat cuilce e, agus thug e dha e ri òl. 49Ach thuirt càch, “Leigibh leis, faiceamaid an tig Eliah airson a shàbhaladh.”
50Agus dh'èigh Ìosa a‑mach a‑rithist le guth àrd, agus thug e suas an deò.
51Agus seall, chaidh cùirtear an teampaill a shracadh na dhà phìos o mhullach gu bhonn, agus chaidh an talamh air chrith, agus chaidh na creagan a sgoilteadh. 52Chaidh na tuaman fhosgladh, agus chaidh mòran de chuirp nan naomh a bha nan cadal a thogail, 53agus a' tighinn a‑mach às na tuaman às dèidh na h‑aiseirigh aigesan chaidh iad a‑steach dhan bhaile naomh, agus nochd iad ri mòran.
54Nuair a chunnaic an ceannard‑ceud is iadsan a bha còmhla ris, a bha a' cumail faire air Ìosa, a' chrith‑thalmhainn agus na thachair, ghabh iad oillt mhòr, agus thuirt iad, “Gu fìrinneach b' e an duine seo Mac Dhè!”
55Bha tòrr bhoireannaich an sin a' coimhead o phìos às. Bha iad air Ìosa a leantainn o Ghalile airson frithealadh dha; 56nam measg bha Màiri Magdalen, agus Màiri màthair Sheumais agus Iòsaiph, agus màthair mic Shebede.
Adhlacadh Ìosa
57Nuair a thàinig am feasgar thàinig duine beairteach o Arimatèa, dham b' ainm Iòsaph, a bha e fhèin cuideachd na dheisciobal do dh'Ìosa. 58Chaidh esan gu Pìlat, agus dh'iarr e corp Ìosa. An uair sin dh'àithn Pìlat an corp a thoirt dha. 59Agus ghabh Iòsaph an corp agus shuain e ann an anart glan e 60agus shìn e na thuam nuadh fhèin e, a gheàrr e às a' chreig. Agus roilig e clach mhòr gu beul an tuama, agus dh'fhalbh e. 61Bha Màiri Magdalen agus a' Mhàiri eile nan suidhe an sin mu choinneamh an tuama.
An Geàrd aig an Tuam
62An ath latha, is e sin às dèidh Latha an Ullachaidh, chruinnich na h‑àrd‑shagartan agus na Pharasaich mu choinneamh Phìlait, 63ag ràdh, “A thighearna, tha cuimhn' againn nuair a bha am mealltair ud fhathast beò, gun tuirt e, ‘Às dèidh trì latha èiridh mi.’ 64Mar sin òrdaich gum bi an tuam air a dhèanamh tèarainte gus an treas latha, air eagal 's gun tig a dheisciobail agus gun goid iad air falbh e, agus gun can iad ris an t‑sluagh, ‘Dh'èirich e o na mairbh,’ agus bidh am mealladh mu dheireadh nas miosa na a' chiad mhealladh.” 65Thuirt Pìlat riutha, “Tha geàrd agaibh. Thallaibh, dèanaibh e cho tèarainte 's as aithne dhuibh.” 66Mar sin dh'fhalbh iad agus rinn iad an tuam tèarainte le bhith a' seulachadh na cloiche agus leis a' gheàrd.

Currently Selected:

Mata 27: ATN

Highlight

Share

Copy

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in

YouVersion uses cookies to personalize your experience. By using our website, you accept our use of cookies as described in our Privacy Policy