YouVersion Logo
Search Icon

Mata 23

23
Rabhadh an Aghaidh Ceilg
1An uair sin thuirt Ìosa ris an t‑sluagh agus ri a dheisciobail, 2“Tha na sgrìobhaichean agus na Pharasaich nan suidhe air cathair Mhaois. 3Air an adhbhar sin, a h‑uile rud a dh'iarras iad oirbh, dèanaibh agus cumaibh, ach na dèanaibh mar a nì iadsan, oir canaidh iad, ach cha dèan iad. 4Ceanglaidh iad eallaichean troma agus cuiridh iad air guailnean dhaoine iad, ach chan eil iad fhèin deònach an gluasad len corraig.
5“Ach tha iad a' dèanamh an obraichean gu lèir airson a bhith air am faicinn le daoine. Oir nì iad na philactaraidhean#23:5 Bogsaichean beaga le earrannan Sgriobtair annta ceangailte air am bathaisean 's air an gàirdeanan aca leathann agus iomallan an aodaich mòr. 6Is gràdh leotha an t‑àite urramach aig na cuirmean agus na prìomh chathraichean sna sionagogan, 7agus fàilte fhaighinn anns na margaidhean agus ‘Rabaidh’ a bhith air a ghabhail orra le daoine.
8“Ach na biodh ‘Rabaidh’ air a ghabhail oirbhse, oir tha aon fhear‑teagaisg agaibh, agus is e bràithrean a th' annaibh uile. 9Agus na gabhaibh ur n‑athair air duine sam bith air thalamh, oir tha aon athair agaibh, a th' air nèamh. 10Cha mhotha a thèid ‘tidsear’ a' ghabhail oirbh, oir tha aon tidsear agaibh, an Crìosd. 11Bidh an neach as motha nur measg na sheirbheiseach dhuibh. 12Ge b' e cò a dh'àrdaicheas e fhèin, thèid ìsleachadh, agus ge b' e cò a dh'ìslicheas e fhèin, thèid àrdachadh.
Seachd Truaighean
13“Nach truagh dhuibhse, a sgrìobhaichean agus Pharasacha, a bhreug‑chràbhaichean! Oir tha sibh a' dùnadh rìoghachd nèimh ann an aghaidhean dhaoine. Oir cha tèid sibh fhèin a‑steach, agus cha leig sibh leis an fheadhainn a tha a' dol a‑steach a dhol ann.
14“Nach truagh dhuibhse, a sgrìobhaichean agus Pharasacha, a bhreug‑chràbhaichean! Oir tha sibh ag ithe suas taighean bhanntrach, agus airson a bhith a' leigeil oirbh nì sibh ùrnaighean fhada. Mar sin gheibh sibh an dìteadh as motha.#23:14 Chan eil an rann seo ann an cuid dhe na làmh‑sgrìobhainnean.
15“Nach truagh dhuibhse, a sgrìobhaichean agus Pharasacha, a bhreug‑chràbhaichean! Oir siubhlaidh sibh thar muir is tìr airson aon iompaiche a dhèanamh, agus nuair a thachras sin, nì sibh a dhà uimhir de mhac Ifrinn dheth 's a th' annaibh fhèin.
16“Nach truagh dhuibhse, a luchd‑treòrachaidh dhalla, a chanas, ‘Ma bheir sibh mionnan air an teampall, is neoni sin, ach ma bheir neach sam bith mionnan air òir an teampaill, feumaidh e a choileanadh.’ 17Amadain dhalla! Oir cò dhiubh as motha, an t‑òr no an teampall a tha a' naomhachadh an òir? 18Agus canaidh sibh, ‘Ge b' e cò a bheir mionnan air an altair, is neoni sin, ach ge b' e cò a bheir mionnan air an tiodhlac a th' oirre, feumaidh e a choileanadh.’ 19A dhaoine dhalla! Oir cò dhiubh as motha, an tiodhlac no an altair a tha a' naomhachadh an tiodhlaic? 20Mar sin, an neach a mhionnaicheas air an altair, tha e a' mionnachadh oirre, agus air a h‑uile rud a th' oirre. 21Agus an neach a mhionnaicheas air an teampall, tha e a' mionnachadh air, agus air an Aon a tha a' còmhnaidh ann. 22Agus an neach a mhionnaicheas air nèamh, tha e a' mionnachadh air rìgh‑chathair Dhè, agus airsan a tha na shuidhe oirre.
23“Nach truagh dhuibhse, a sgrìobhaichean agus Pharasacha, a bhreug‑chràbhaichean! Oir tha sibh a' toirt an deicheamh às a' mhionnt agus às an dile agus às a' chumin, agus rinn sibh dearmad air rudan cudromach an lagha: ceartas, tròcair agus dìlseachd. Bu chòir dhuibh iad seo a dhèanamh, gun an fheadhainn eile a dhearmad. 24A luchd‑treòrachaidh dhalla, a shìolaidheas a' chuileag‑bheag, agus a shluigeas an càmhal.
25“Nach truagh dhuibhse, a sgrìobhaichean agus Pharasacha, a bhreug‑chràbhaichean! Oir glanaidh sibh taobh a‑muigh a' chupa agus an truinnseir, ach tha an taobh a‑staigh làn sannt agus fèin‑thoileachaidh. 26Pharasacha dhalla! An toiseach glan taobh a‑staigh a' chupa, airson 's gum bi an taobh a‑muigh glan cuideachd.
27“Nach truagh dhuibhse, a sgrìobhaichean agus Pharasacha, a bhreug‑chràbhaichean! Oir tha sibh coltach ri tuaman gealaichte, a tha a' coimhead brèagha air an taobh a‑muigh, ach air an taobh a‑staigh a tha làn de chnàmhan dhaoine marbha, agus dhen uile neòghlaine. 28Mar sin, tha sibhse cuideachd, air an taobh a‑muigh a' coimhead coltach ri fìreanan do dh'fheadhainn eile, ach air an taobh a‑staigh tha sibh làn ceilg agus mì‑riaghailteachd.
29“Is mairg dhuibh, a sgrìobhaichean agus Pharasacha, a bhreug‑chràbhaichean! Oir tha sibh a' togail thuaman nam fàidhean, agus a' sgeadachadh carraighean‑cuimhne nam fìrean, 30agus ag ràdh, ‘Nan robh sinne air a bhith beò ann an làithean ur n‑athraichean, cha bhiodh sinn air compàirteachadh leotha ann am fuil nam fàidhean.’ 31Mar sin tha sibh nur fianaisean nur n‑aghaidh fhèin gur sibh clann na feadhna a mhurt na fàidhean. 32Coileanaibh mar sin tomhas obraichean ur n‑athraichean.
33“A nathraichean! A shìol nan nathraichean‑nimhe! Ciamar a tha sibh a' dol a theicheadh o bhith air ur dìteadh a dh'Ifrinn? 34Mar sin, seallaibh, tha mi a' cur thugaibh fàidhean is daoine glice is sgrìobhaichean, cuid dhiubh a mharbhas agus a cheusas sibh, agus cuid dhiubh a' sgiùrsas sibh nur sionagogan, is a gheur‑leanas sibh o bhaile gu baile. 35Agus airson 's gum bi sibh ciontach dhe na chaidh a dhòrtadh air an talamh de dh'fhuil fhìreanta, o fhuil Abeil fhìreanta gu fuil Shachariah mhic Bharachiah, a mhurt sibh eadar an teampall agus an altair. 36Gu fìrinneach, tha mi ag ràdh ribh, thig na rudan seo uile air a' ghinealach seo.
37“A Ierusaleim, a Ierusaleim, a mharbhas na fàidhean, agus a chlachas an fheadhainn a chaidh a chur thugad! Dè cho tric 's a bu mhiann leam do chlann a chruinneachadh còmhla, mar a chruinnicheas cearc a h‑iseanan fo a sgiathan, ach cha robh sibh deònach. 38Seall, tha ur taigh air fhàgail agaibh na fhàsach. 39Oir tha mi ag ràdh ribh, nach fhaic sibh mise tuilleadh gus an can sibh, ‘Is beannaichte Esan a tha a' tighinn ann an ainm an Tighearna.’#Salm 118:26

Currently Selected:

Mata 23: ATN

Highlight

Share

Copy

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in

YouVersion uses cookies to personalize your experience. By using our website, you accept our use of cookies as described in our Privacy Policy