N. Matu 1
MACETN

N. Matu 1

1
I. CHAIB.
Sinnsreadh Chriosta, a ghineadh leis an Spiorad Naomh, ʼsa rugadh le Moire Oigh.
1Leabhar gineamhuinn Iosa Criosta, mac Dhài, mac Abrahaim.
2Bho Abraham ghineadh Isaac. Agus bho Isaac ghineadh Iacob. Agus bho Iacob ghineadh Iudas, agus a bhraithrean.
3Agus bho Iudas ghineadh Phares agus Sara le Tamar. Agus bho Phares ghineadh Esron. Agus bho Esron ghineadh Aram.
4Agus bho Aram ghineadh Aminadab. Agus bho Aminadab ghineadh Naason. Agus bho Naason ghineadh Salmon.
5Agus bho Shalmon ghineadh Boos le Rahab. Agus bho Bhoos ghineadh Obed le Buth. Agus bho Obed ghineadh Iesse.
6Agus bho Iesse ghineadh righ Dài. Agus bho righ Dài ghineadh Solomon leatha-sa, a bhʼaig Urias.
7Agus bho Sholomon ghineadh Roboam. Agus bho Roboam ghineadh Abia. Agus bho Abia ghineadh Asa.
8Agus bho Asa ghineadh Iosaphat. Agus bho Iosaphat ghineadh Ioram. Agus bho Ioram ghineadh Osias.
9Agus bho Iosias ghineadh Ioatham. Agus bho Ioatham ghineadh Achas. Agus bho Achas ghineadh Esechias.
10Agus bho Esechias ghineadh Manasses. Agus bho Mhanasses ghineadh Amon, Agus bho Amon ghineadh Iosias.
11Agus bho Iosias ghineadh Iechonias ʼs a bhraithrean ann an imrich Bhabiloin.
12Agus an deigh an giulan do Bhabilon, bho Iechonias ghineadh Salathiel. Agus bho Shalathiel ghineadh Sorobabel.
13Agus bho Shorobabel ghineadh Abiud. Agus bho Abiud ghineadh Eliasim. Agus bho Eliasim ghineadh Asor.
14Agus bho Asor ghineadh Sadoc. Agus bho Shadoc ghineadh Achim. Agus bho Achim ghineadh Eliud.
15Agus bho Eliud ghineadh Eleasar. Agus bho Eleasar ghineadh Mathan. Agus bho Mhathan ghineadh Iacob.
16Agus bho Iacob ghineadh Ioseph céile Moire, bhoʼn dʼrugadh Iosa ris an canar Criosta.
17Mar sin na linntean uile bho Abraham gu Dài, ʼsiad ceithir linntean diag: ʼs bho Dhài gu imrich Bhabiloin, ceithir linntean diag: agus bho imrich Bhabiloin gu Criosta, ceithir linntean diag.
18A nis ʼsann mar so a bha gineamhuinn Chriosta. Nuair a bha mhathair Moire aig Ioseph fo cheangal-posaidh, mun deachaidh iad cuideachd, fhuaradh i lethtromach leis an Spiorad Naomh.
19Ach bho na bha Ioseph a céile ʼna dhuine ceart, ʼs gun toil aige a cur fo mhasladh follaiseach, bha mhiann air a cur air falbh fos n-iosail.
20Ach mar bha e smaoineachadh air so, seall, thaisbean aingeal an Tighearna e fhein dha ʼna chadal, a g-radh: Ioseiph, a mhic Dhài, na biodh eagal ort do bhean Moire a ghabhail ga tʼionnsuidh; oir na tha air a giulan, ʼsann bhoʼn Spiorad Naomh a tha e.
21Agus beiridh i mac, us bheir thu Iosa mar ainm air: oir saoraidh e a phobull bhoʼm peacannan.
22A nis rinneadh so uile los gun coimhlionteadh na labhair an Tighearna leis an fhaidh, a g-radh:
23 Seall, bithidh oigh leth-tromach, agus beiridh i mac, us bheir iad Emmanuel mar ainm air, se sin air eadar-theangachadh, Dia maille ruinn.
24Agus Ioseph a g-eirigh á chadal, rinn e mar dhʼàithn aingeal an Tighearna air, us ghabh e ga ionnsuidh a bhean.
25Agus cha dʼaithnich e i gus an dʼ rug i a ciadghin mic: agus thug e Iosa mar ainm air.#1.25 I. CHAIB., 25 rann. gus an dʼ rug i a ciadghin mic: Bho na briathran so bha Helbhidius agus eiricich eile dianamh mach gu h-aindiadhaidh gun robh aig an Oigh bheannaichte Moire clann eile a bharrachd air Criosta. Ach tha N. Ierom a fiachuinn le ioma samhla gum bʼe am facal so san t-soisgeul doigh labhairt gnathaichte measg nan Iudhach, los chomharrachadh leis an fhacal gus na bha air tachairt, gun tighinn idir air na bha ri tachairt: Mar so tha air a radh, Gen. 8.6, 7. Guna, chuir Noë fitheach a mach, a dhʼ fhalbh, ʼs nach do thill, gus na thiormaich na h-uisgeachan air an talamh; se sin, nach do thill idir. Mar so, Isaias 46.4. Tha mise, arsa Dia, gus am fas thu sean. Co ghabhas air a radh nach mair Dia ach gu sin. Anns a chiad leabhar de I. Mhacab. 5.54. Agus chaidh iad suas gu Beinn Shioin le aoibhneas ʼs le aigheart agus thairg iad iobairtean loisgte chionn nach do mharbhadh a h-aon diubh gus na thill iad an sith: se sin nach do mharbhadh fear dhiubh roimh no an deigh tilleadh. Suidh air mo laimh dheis, arsa Dia ri Mhac, gus an dian mi do naimhdean ʼnan stol-chas dhut. Nach suidh e nas fhaide na gus an toirear buaidh air a naimhdean. Suidhidh agus gu dilinn. Tha N. Ierom a dearbhadh cuideachd le samhlaichean as an Sgriobtur, gun abrar ri aona-ghin mic a chiad-bhreith, no chiadghinte: Chionn air reir an lagha gun robh a h-uile ciad-bhreith de leanabh-gille a bheirteadh ri choisrigeadh do Dhia: Naomhaich dhomhsa, arsʼ an Tighearna, a h-uile dad-ghin a dhʼ fhosglas a bhru de chloinn Israil, &c. Ecsod. 13.2.

© Scottish Bible Society 2017

© Comann Bhìoball na h-Alba 2017

Mehr über die Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875 erfahren