Ester 16
16
CAIB. XVI.
1Tha ʼn rìgh mòr Artacsercses, aʼ cur fàilte air prionnsaibh agus air uachdaranaibh nan sèa fichead agus seachd mòr‑roinn, o na h‑Innsibh gu Etiopia, agus air ar n‑ìochdaranaibh dìleas uile:
2Tha mòran, mar a ʼs trice a chuirear urram orra le mòr thòirbheartas nan prionnsa tròcaireach aca fein, ʼsann a ʼs uaibhriche a dhʼ fhàsas iad,
3Agus nì iad dìchioll, chum dochunn a dheanamh, cha ʼn ann air ar n‑ìochdaranaibh a mhàin, ach, mì‑chomusach air cur suas le pailteas, gabhaidh iad os làimh cleachdadh mar an ceudna nan aghaidhsan a ta ʼdeanamh maith dhoibh;
4Agus bheir iad cha ʼn ʼe mhàin taingeileachd air falbh o mheasg dhaoine, ach mar an ceudna, air doibh a bhi air an togail suas le briathraibh atmhor dhaoine an‑diadhaidh nach robh riamh maithe, tha iad aʼ smuaineachadh gu ʼn seachainn iad ceartas Dé, a ta ʼfaicinn nan uile nithe, agus aʼ fuathachadh an uile.
5Is minic mar an ceudna bha cainnt sheòlta na muinntir sin dʼ an tugadh air chùram gnothuichean an càirdean fein, aʼ toirt air mòran ann an ùghdarras làmh a bhi aca ann am fuil neo‑chiontaich, agus a bhi air an cuairteachadh le truaighibh do‑leigheas;
6Aʼ mealladh, le fàllsachd agus ceilg an nàdair an‑diadhaidh fein, neo‑chiontais agus maitheis phrionnsa.
7A nis feudaidh sibh so fhaicinn, mar a chuir sinn an céill, cha ʼn ann co mòr le seann eachdraidhibh, ʼsa dhʼ fheudas sibh, ma rannsaicheas sibh na nithe a rinneadh gu h‑aingidh o cheann ghoirid le giùlain mhilltich na muinntir sin a ta gu neo‑airidh air an suidheachadh ann an ùghdarras.
8Agus feumaidh sinn an aire a thoirt ʼsan àm ri teachd, chum gu ʼm bi ar rìoghachd sàmhach agus sìochail do na h‑uile,
9An dà chuid le ʼr rùintean atharrachadh, agus le bhi aʼ toirt breith an còmhnuidh air nithibh a ta follaiseach, le giùlan ni ʼs cothromaiche.
10Oir fhuair Aman, Macedonach, mac Amadata, air da a bhi ʼna choigreach o fhuil nam Persach, agus fad as o ʼr maitheas, agus mar choigreach ris an do ghabhadh leinne,
11Aʼ mheud do ʼn deagh‑ghean a ta sinn aʼ nochdadh do gach uile chinneach, ʼs gu ʼn tugadh ar n‑athair mar ainm air, ʼs gu ʼn do chuireadh urram air leis na h‑uile dhaoinibh, mar an tì a ʼs faigse do ʼn rìgh.
12Ach chaidh esan, gun a bhi giùlan a mhòir urraim fein, mu ʼn cuairt a thoirt air falbh uainn ar rìoghachd agus ar beatha fein;
13Air da, le cuilbheartaibh lìonmhor agus seòlta, iarraidh oirnne, sgrios a thoirt an dà chuid air Mardoceus, a theasairg ar beatha, agus a rinn an còmhnuidh maith dhuinn, agus mar an ceudna air Ester neo‑chiontaich, aig am bheil co‑roinn dʼ ar rìoghachd, maille rʼ an cinneach gu léir.
14Oir smuainich e leis na nithibh sin, aʼ faotuinn nach robh càirdean againn, air an rìoghachd aiseag o na Persaich chum nam Macedonach.
15Ach tha sinn aʼ faicinn gu ʼm bheil na h‑Iudhaich, a thug an truaghan aingidh so thairis do léir‑sgrios, ʼnam muinntir nach ʼeil ʼdeanamh an uile, ach aʼ teachd beò le laghannaibh ro cheart:
16Agus gu ʼm bheil iad ʼnan cloinn do ʼn Dia bheò a ʼs àirde agus a ʼs cumhachdaiche, a dhʼ òrduich an rìoghachd, araon duinne agus dʼ ar roimh‑aithrichibh anns an t‑seòl a ʼs urramaiche.
17Air an aobhar sin nì sibh gu maith, gun na litrichean sin a chur an céill, a chuireadh dʼ ur n‑ionnsuidh le h‑Aman mac Amadata.
18Oir tha esan, a chuir na nithe sin an gnìomh, air a chrochadh aig geataibh Shusa, le a theaghlaich uile: rinn Dia, a ta ʼriaghladh nan uile nithe, dìoghaltas gu h‑ealamh air, a réir a thoilltinneis.
19Air an aobhar sin, sgaoilidh sibh a mach dùblachadh na litireach so air feadh gach àite, chum gu ʼm bi saor‑bheatha aig na h‑Iudhaich a réir an laghanna fein.
20Agus nì sibh cuideachadh leò, a chum air an là cheudna, eadhon an treas là deug do Adar an dara mìosa deug, gu ʼn dean iad dìoghaltas orrasan a leagas orra ann an àm na h‑àmhghair aca.
21Oir thionndaidh an Dia Uile‑chumhachdach gu h‑aoibhneas doibh‑san an là air an robh am pobull taghta gu bhi air an sgrios.
22Uime sin, cumaibh e am measg bhur féillte sòlaimte, mar là mòr cuirme:
23Chum eadhon a nis agus an déigh so, gu ʼm bi tèaruinteachd ann dhuinne, agus do na Persaich a ta deagh‑rùnach: ach dhoibh‑san a ta ʼg éiridh ʼnar ʼn‑aghaidh bithidh e ʼna chuimheachan air léir‑sgrios.
24Air an aobhar sin, sgriosar gun tròcair le teine agus claidheamh, gach uile bhaile agus dhùthaich, nach dean a réir nan nithe sin, agus nithear iad cha ʼn e mhàin gun shlighe rompa do dhaoinibh, ach mar an ceudna ro oillteil gu bràth do na fiadh‑bheathaichibh agus do ʼn eunlaith.
دیاریکراوەکانی ئێستا:
Ester 16: MacGAP
بەرچاوکردن
لەبەرگرتنەوە
بەراوردکردن
هاوبەشی بکە
دەتەوێت هایلایتەکانت بپارێزرێت لەناو ئامێرەکانتدا> ? داخڵ ببە
© Scottish Bible Society 2017
© Comann Bhìoball na h-Alba 2017