لۆگۆی ئەپی پەرتووکی پیرۆز
ئایکۆنی گەڕان

Gliocas Sholaimh 1

1
CAIB. I.
1Gràdhaichibh fìreantachd, sibhse a bhreitheamhna na talmhainn: smuainichibh air an Tighearna le deagh (chridhe,) agus ann an aon‑fhillteachd cridhe iarraibh e.
2Oir gheibhear e leò‑san nach buair e; agus nochdaidh se e fein dhoibh‑san nach bi eu‑dòchasach as.
3Oir dealaichidh smuainte feargach o Dhia; agus bheir a chumhachd, an uair a dhʼ fheuchar e, achmhasan dʼ an neo‑ghlice.
4Oir cha ʼn inndrinn#1.4 inndrinn teid a steach ‑ enter gliocas do ʼn anam aingidh; ni mò a chòmhnaicheas i anns aʼ chorp a ta buailteach do ʼn pheacadh.
5Oir teichidh spiorad naomh an teagaisg o cheilg, agus fàgaidh e na smuaintean a ta gun tuigse, agus cha ʼn fhan e an uair a thig neo‑fhìreantachd a steach.
6Oir tha gliocas ʼna spiorad gràdhach; agus cha saor i am fear‑toibheim o bhriathraibh fein: oir tha Dia ʼna fhianuis air ʼàirnibh, agus ʼna fhìor fhear‑éisdeachd a theangaidh.
7Oir tha Spiorad an Tighearna aʼ lìonadh an t‑saoghail: agus tha eòlas aig an nì sin a ta ʼcumail suas nan uile nithe, air aʼ ghuth.
8Air an aobhar sin cha ghabh an tì sin foluchadh a ta ʼlabhairt nithe eas‑ionraic: ni mò a théid dìoghaltas, an uair a nì e peanas, seachad air.
9Oir nithear min‑rannsachadh ann an comhairlibh nan aingidh: agus thig fuaim a briathra chum an Tighearna, a dhʼ fhoillseachadh a dhroch gnìomhara.
10Oir cluinidh cluas an fharmaid na h‑uile nithe: agus cha ʼn fholuichear fuaim aʼ ghearain.
11Uime sin bi ʼnad fhaiceall roimh ghearain, a ta mi tharbhach; agus cùm do theanga o chùl‑chàineadh: oir cha ʼn ʼeil focal ann co uaigneach ʼs gun téid e seachad mar neoni: agus tha ʼm beul a nì breug aʼ marbhadh an anama.
12Na iarr am bàs ann am mearachd do bheatha: agus na tugaibh sgrios oirbh fein le oibribh bhur làmh.
13Oir cha dʼ rinn Dia am bàs: mi mò am bheil toilinntinn aige ann an sgrios nam beò.
14Oir dhealbh e na h‑uile nithe, chum bith a bhi aca: agus bha ginealacha an t‑saoghail slàinteil; agus cha ʼn ʼeil nimh an léir‑sgrios annta, no rìoghachd aʼ bhàis air an talamh:
15(Oir tha fìreantachd neo‑bhàsmhor:)
16Ach ghairm daoine an‑diadhaidh air dʼ an ionnsuidh fein, le ʼn oibribh agus le ʼm briathraibh: oir an uair a bha dùil aca ris mar charaid, chrìon iad gu neoni, agus rinn iad cùmhnant ris, do bhrìgh gu ʼm bheil iad airidh air co‑roinn a ghabhail maille ris.

دیاریکراوەکانی ئێستا:

Gliocas Sholaimh 1: MacGAP

بەرچاوکردن

لەبەرگرتنەوە

بەراوردکردن

هاوبەشی بکە

None

دەتەوێت هایلایتەکانت بپارێزرێت لەناو ئامێرەکانتدا> ? داخڵ ببە