Sailm 9
9
1Lem uile chridhe bheir mi dhut
àrd-mholadh binn, a Dhè;
Is d’oibrean mìorbhaileach air fad
sìor chuiridh mi an cèill.
2Fòs nì mi annad aoibhneas ait,
is gàirdeachas gu mòr:
Dod ainm-sa seinnidh mise cliù,
O Thì as àirde glòir.
3A-rìs tràth thillear air an ais
mo naimhdean, thèid gu làr;
Oir tuitidh iad is thèid dhaibh as,
ad fhianais fhèin gun dàil.
4Mo chòir rinn thusa sheasamh dhomh,
gu daingeann is gu treun:
Ad chathair chothroim shuidh thu shuas,
mar bhritheamh ceart am binn.
5Is thug thu air na cinnich smachd,
sgrios thu na daoine daoi:
An ainm do chuir thu as gu glan,
o linn gu linn a-chaoidh.
6(Air sgrios an nàmh chaidh crìoch am feasd:)
leag thu am bailtean treun’;
An iomradh-san ’s an cuimhne fòs
do theirig sin leo fhèin.
7Ach mairidh Dia gu bunaiteach;
chuir cathair suas chum breith.
8Bheir air an domhan cothrom ceart,
le còir don t-sluagh fa leth.
9Mar dhaingneach bithidh Dia nam feart
don tì a tha fo leòn;
An trioblaid, tèarmann dìleas e,
ri faicinn neach fo bhròn.
10Gach neach ga bheil air d’ainm-sa fios
nì dòchas dhìot, is bun;
Oir mheud ’s a tha gad iarraidh, Dhè,
cha trèig thu iad gu tur.
11Don Triath don còmhnaidh Sion naomh,
seinnibh-se cliù gu binn;
Aithrisibh fòs am measg an t-sluaigh
na gnìomharan a rinn.
12Tràth nì e rannsachadh air fuil,
’n sin cuimhneach orra tha;
Cha leig air dearmad glaodh nam bochd,
a ghairmeas air a-ghnàth.
13Fòir orm, a Dhè, is amhairc air
mo thrioblaid o luchd m’fhuath’;
A Dhè, a tha gam thogail suas
o dhorsaibh bàis gu luath.
14An dorsan nighean Shioin chaoimh
gun sgaoilinn d’uile chliù:
Is nì mi gàirdeachas air sgàth
na slàinte dheònaich thu.
15Thuit sìos na cinnich anns an t-sloc
a chladhaich iad do chàch;
Is anns an lìon a dh’fhalaich iad,
tha ’n casan fhèin an sàs.
16Aithnichear Dia sa bhreith a nì,
nuair thuiteas daoi san drip;
Is ann an gnìomh a làmhan fhèin
teann-ghlacar e san rib’.
17Tillear luchd-uilc is aingidheachd
gu ifrinn sìos gu lèir;
’S na fineachan nach cuimhnich Dia,
tillear iad sìos le chèil’.
18An t-ainnis truagh cha tèid am feasd,
air dearmad no air dìth;
Air dòchas fòs an duine bhochd
gu bràth chan fhaicear claoidh.
19A Thighearn, èirich, ’s na leig buaidh
le neach don dual am bàs;
Breith thugar air na cinneachaibh
ad fhianais anns gach càs.
20Cuir eagal orrasan gu mòr,
Iehòbhah Dhia nam feart;
Gun aithnicheadh na slòigh gu lèir
iad fhèin nan daoine meat’.
موجودہ انتخاب:
Sailm 9: SD1826
سرخی
کاپی
موازنہ
شئیر
کیا آپ جاہتے ہیں کہ آپ کی سرکیاں آپ کی devices پر محفوظ ہوں؟ Sign up or sign in
Sailm Dhaibhidh 1826 (le litreachadh ùr 2000)
© Comann Bhìoball na h-Alba (Scottish Bible Society) 2000