Sailm Dhaibhidh 84

84
Salm 84
1Cia mòr an airidh-ghràidh do theach,
Iehòbhah mhòir nan sluagh!
Cia taitneach dhòmhsa d'àros naomh,
O Thighearna nam buadh!
2Tha m'anam fann, aig meud a mhiann
air cùirtean Dhè gach lò:
Mo chrìdh' is m'fheòil ri sgairteachd chruaidh
'n geall air an Dia tha beò.
3Feuch fhuair an siud an gealbhan beag
taigh-còmhnaidh math na fheum,
'S an gòbhlan-gaoithe mar an ceudn'
do sholair nead dhi fhèin.
Is taisgidh i an sin a h‑eòin,
's a h‑àlach beag gun chlì:
Aig d'altair fhèin, O Dhia nan sluagh,
mo Thighearn, is mo Rìgh.
4'S beannaicht' an dream an còmhnaidh tha
ad àros naomh, a Dhè,
Oir bheir iad, (mar as cubhaidh dhaibh,)
mòr-mholadh dhut gach rè.
5'S beannaicht' an duine sin ga bheil
annads' a neart gach là:
An dream ga bheil nan cridhe staigh
do shlighe fhèin a‑ghnàth.
6An dream sin tre ghleann Baca thèid,
nì tobair ann, nam feum:
Is lìonaidh 'n t‑uisge thig a‑nuas
na sluic gu ruig am bèil.
7Sìor ghluaisidh iad mar sin gun sgìos,
a' dol o neart gu neart:
An Sion nochdar iad fa‑dheòidh
an làthair Dhè nam feart.
8O Dhia nan sluagh, cluinn m'ùrnaigh fhèin,
Dhè Iàcoib, èisd gu grad.
9O Dhia ar sgiath, feuch 's amhairc air
gnùis d'ungaidh fhèin gun stad.
10'S fheàrr là ad chùirt na mìle là:
b'fheàrr leam bhith dorsaireachd
An àros Dhè, na 'm chòmhnaidh fòs
am pàillean aingidheachd.
11Oir 's grian 's is sgiath Iehòbhah Dia,
is bheir e gràs is glòir;
'S cha chùm e math air bith on dream
ghluaiseas gu dìreach còir.
12O Thighearn is a Dhia nan sluagh
is beannaicht' e gun cheist,
An duine sin, gu muinghinneach,
don dòchas thu am feasd.

Айни замон обунашуда:

Sailm Dhaibhidh 84: SD1992

Лаҳзаҳои махсус

Паҳн кунед

Нусха

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in

YouVersion uses cookies to personalize your experience. By using our website, you accept our use of cookies as described in our Privacy Policy