Sailm Dhaibhidh 70

70
Salm 70
1Iehòbhah Dhia, gum theasairginn
's gum chòmhnadh, deifrich ort.
2Biodh nàir' is amhluadh air an dream
tha 'g iarraidh m'anam' bhochd:
Tillear an dream ud air an ais,
lem miann mo lochd a‑ghnàth,
Mòr amhluadh gu robh orra siud,
is rudhadh gruaidh gach là.
3Gun tillear iadsan air an ais,
mar thuarasdal dan nàir',
An dream a their gu fanaideach,
Ahà, ahà, le tàir.
4Aoibhneas is aighear, do gach neach
gad iarraidh fhèin a tha:
Is abradh iad len toigh do shlàint',
Dia guma mòr, a‑ghnàth.
5Ach mise tha gu h‑ainnis bochd,
am ionnsaigh greas, a Dhia:
Mo chobhair thu, 's mo shlànaighear;
moille na dèan, mo Thriath.

Айни замон обунашуда:

Sailm Dhaibhidh 70: SD1992

Лаҳзаҳои махсус

Паҳн кунед

Нусха

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in

YouVersion uses cookies to personalize your experience. By using our website, you accept our use of cookies as described in our Privacy Policy