Sailm Dhaibhidh 64

64
Salm 64
1Tràth nì mi ùrnaigh riut, a Dhè,
thoir èisdeachd dhomh gu luath;
O eagal nàmhaid coimhead fòs,
gu tèaraint' m'anam truagh.
2O chomhairl' dhiamhair dhaoine daoi,
o ionnsaigh ghairbh faraon,
Luchd-dèanamh uilc is aingidheachd,
cuir falach orm gu caoin.
3An teanga fhèin do gheuraich iad,
mar chlaidheamh guineach geur;
Tha 'm bogh' air lagh, 's an saighdean deas,
's iad briathran searbh am bèil;
4Gun caitheadh iad an diamhaireachd
an neach sin foirfe tha;
Gu h‑obann tàid ga chaitheamh fòs,
gun eagal is gun sgàth.
5A' gabhail misnich tàid san olc,
's a labhairt tric le chèil'
Mu leagadh lìon an uaignidheas,
ag ràdh, Cò 'n tì don lèir?
6Gach olc do rannsaich iad a‑mach;
seadh rinn iad sgrùdadh geur,
An rùn a‑staigh 's ro‑dhomhain e,
's an cridhe mar an ceudn'.
7Ach saighead tilgidh orra Dia,
bhios guineach agus geur;
Grad-bhuailear agus lotar iad,
gan gortachadh gu lèir.
8Mar sin bheir iadsan orra fhèin
toradh an teang' gu grad:
Gach uile neach don lèir an dòigh
teichidh iad uap' am fad.
9Mòr-eagal bithidh air gach neach
is nochdaidh obair Dhè:
Oir bheirear leo gu glic fa‑near
an gnìomh ud a rinn e.
10Nì 'm fìrean aoibhneas mòr an Dia,
a' cur a dhòchais ann:
'S gach neach ga bheil an cridhe ceart
nì gàirdeachas nach gann.

Айни замон обунашуда:

Sailm Dhaibhidh 64: SD1992

Лаҳзаҳои махсус

Паҳн кунед

Нусха

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in

YouVersion uses cookies to personalize your experience. By using our website, you accept our use of cookies as described in our Privacy Policy