Sailm Dhaibhidh 62

62
Salm 62
1Le foighidinn tha m'anam bochd
feitheamh air Dia gu beachd:
'S ann uaith' tha furtachd agus fòir
orm air gach taobh a' teachd.
2'S e mhàin as carraig dhìdein dhomh,
is m'fhurtachd e ro‑dheas:
Mo thèarmann dìleas e faraon,
gu mòr cha ghluaisear mis'.
3Cia fhad a dhealbhar aimhleas leibh?
Làn-mharbhar sibh gu beachd,
Mar bhall' air chrith, 's mar ghàrradh dh'aom
tha leagadh oirbh a' teachd.
4O urram àrd ga thilgeadh sìos
tha 'n comhairlean a' ruith:
'S i 's miann leo breug: beannachd nam beul,
ach mallachd an taobh staigh.
5O m'anam, feith gu foighidneach
ri Dia a‑mhàin mar chleachd:
Oir annsan tha mo mhuinghinn threun,
's mo dhòchas fhèin gu beachd.
6'S e mhàin as carraig dhìleas dhomh,
's e mhàin mo shlàinte dheas:
Mo thèarmann daingeann e faraon,
mar sin cha ghluaisear mis'.
7Mo shlàinte tha 's mo ghlòir an Dia,
ris earbam fhèin a‑ghnàth:
Carraig mo neirt, 's mo thèarmann treun,
's e Dia, gu buan 's gu bràth.
8O phoball, cuiribh ann an Dia
ur dòchas anns gach àm;
Na fhianais dòirtibh mach ur crìdh';
's e Dia ar tèarmann ann.
9'S nì dìomhain daoine beag' gu fìor,
tha daoine mòr' nam brèig:
Air meidh rin tomhas, 's aotroim' iad
na dìomhanas gu lèir.
10Na earb à fòirneart, 's na dèan uaill
à reubainn no droch-bheairt:
Na socraich fòs do chrìdh' air stòr,
'n tràth chinneas saoibhreas leat.
11Do labhair Dia aon uair a‑mach:
siud chualas uair no dhà,
Gur leis an Dia tha cumhachdach
treis agus neart gach là.
12Tròcair, a Thighearn, buinidh dhut,
is gràsan mòr faraon:
Oir bheir thu rèir a ghnìomharan,
a luigheachd do gach aon.

Айни замон обунашуда:

Sailm Dhaibhidh 62: SD1992

Лаҳзаҳои махсус

Паҳн кунед

Нусха

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in

YouVersion uses cookies to personalize your experience. By using our website, you accept our use of cookies as described in our Privacy Policy