Sailm Dhaibhidh 49

49
Salm 49
1Èisdibh-se seo, gach uile shluagh,
na bheil sa chruinne-chè:
2Is cluinnibh eadar mhòr is bheag,
mas bochd no beartach e.
3Air tuigse smaoinichidh mo chrìdh',
air gliocas thig mo bheul.
4Aomaidh mo chluas gu samhlaidhean:
nochdam cainnt dhorch air teud.
5Droch làithean cuim' am b'eagal leam
gun cuirinn iad an suim,
Mòr aingidheachd is lochd mo shal
tràth dh'iadh iad orm gu cruinn?
6Na daoine sin 'n saoibhreas mòr
tha dèanamh dòigh is treis',
Is ann an lìonmhorachd an stòir
a tha ro‑bhòsdail leis.
7A bhràth'r chan fhuasgail neach dhiubh siud
à gàbhadh no à pèin,
A thabhairt èirig as do Dhia,
chan fhaodar leis na fheum:
8(Oir saors' an anma 's prìseil e,
sguiridh e 'm feasd gu beachd:)
9Gum maireadh e gu sìorraidh beò,
's nach faiceadh truaillidheachd.
10Oir chì e fòs na daoine glic,
's an dream air dhìobhail cèill;
'S na h‑ùmaidh, fàgail toic do chàch,
is faghail bàis iad fhèin.
11'S e 'n smaoineachadh gum mair an taigh,
's an còmhnaidh feadh gach rè,
A' tabhairt air am fearann ainm,
a rèir an ainme fhèin.
12Gidheadh, an duin' an urram mòr
cha mhair e ann gu buan:
Ach amhlaidh mar an t‑ainmhidh truagh
chum bàis a shiùbhlas uainn.
13An slighe siud ge gòrach i,
taitnidh an cainnt rin sliochd.
14Mar chaoraich dol san uaigh tha iad,
nam biadh don bhàs gun iochd:
Na fìreanaich gheibh os an cionn
làn-uachdranachd gu moch,
'S nan ionad còmhnaidh anns an uaigh,
seargaidh an àill' 's an dreach.
15Bheir Dia dom anam fuasgladh saor
o chumhachd bàis is uaigh',
Oir gabhaidh e mi thuige fhèin,
gam theasairginn le buaidh.
16An uair a nìthear saoibhir neach,
na glacadh faitcheas thu;
'S an t‑àm a chinneas glòir a theach,
na cuireadh siud ort tnù.
17Oir nuair a shiùbhlas e don eug,
aon nì cha toir e leis:
'S an uair a thèid e sìos don uaigh,
a ghlòir cha lean i ris.
18Seadh 'anam ge do bheannaich e
am feadh a bha e beò;
'S thusa, ma nì thu math dhut fhèin,
o dhaoine gheibh thu glòir.
19Gu àl a shinnsir siùbhlaidh e,
solas chan fhaic gu bràth.
20An duin' an urram, 's e gun chèill,
mar ainmhidh gheibh e bàs.

Айни замон обунашуда:

Sailm Dhaibhidh 49: SD1992

Лаҳзаҳои махсус

Паҳн кунед

Нусха

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in

YouVersion uses cookies to personalize your experience. By using our website, you accept our use of cookies as described in our Privacy Policy