Sailm Dhaibhidh 40

40
Salm 40
1Dh'fheith mi le foighid mhaith ri Dia,
chrom thugam, dh'èisd mo ghuth:
2Is thug e à slochd uamhainn mi,
à clàbar criadha tiugh:
Air carraig chòmhnaird chuir mo chos;
mo cheuman shocraich e;
3Is òran nuadh chuir e am bheul,
gum b'e siud moladh Dhè.
Chì mòran e, 's fo eagal bi'd,
is earbaidh iad à Dia.
4'S beannaicht' an duine sin gu dearbh
nì dòchas as an Triath,
Is nach gabh tlachd no toil air bith
do luchd an àrdain mhòir,
No fòs don dream a thèid a thaobh
gu ceilg, le saobhadh glòir'.
5Is lìonmhor d'oibrean iongantach,
a Thighearn is a Dhè,
'S do smuaintean oirnn: chan àirmhear iad
an òrdagh dhut gu rèidh:
Nan cuirinn iad an cèill gu mìn,
no fòs nan innsinn iad,
An àireamh rachadh thar mo neart,
aig lìonmhorachd is meud.
6Ofrail no ìobairt leat cha mhiann,
dh'fhosgail thu fhèin mo chluas:
Lochd-ìobairt agus ìobairt-loisgt'
cha d'iarr thu dhut chur suas.
7An sin do labhair mise, feuch,
a‑nis a ta mi teachd:
An ròl' an leabhair ormsa fòs
siud sgrìobhte tha gu beachd.
8'S e siud mo thlachd 's mo mhiann, a Dhè,
do thoil gun dèante leam:
Do reachd gu dearbh a tha gu buan
am chridhe staigh, 's am chom.
9Air d'fhìreantachd sa choinneimh mhòir,
a Dhè, rinn mise sgeul:
Oir feuch, a Dhè, mar 's aithne dhut,
nìor chaisg mi fhèin mo bheul.
10Am chridhe d'fhìreantachd nìor cheil;
ach d'fhìrinn chuir mi 'n cèill:
Do shlàint', 's do choibhneas gràdhach caomh
on t‑sluagh nìor cheil mi fhèin.
11Do thròcair chaomh na cùm-sa uam,
a Thighearna gu bràth;
Do choibhneas gràdhach, d'fhìrinn fòs
gleidheadh iad mi a‑ghnàth.
12Oir is do‑àireamh iad na h‑uilc
tha 'g iadhadh orm mun cuairt:
Do ghlac mo pheacaidh mi cho teann
's nach faod mi sealltainn suas:
O 's lìonmhoir' iad na falt mo chinn,
is thrèig mo chridhe mi.
13Dhia, guma toil leat furtachd orm,
grad-chuidich leam, a Dhè.
14Biodh nàir' is amhluadh dhaibh faraon
dom anam dh'iarras claoidh:
Ruaig orr' air ais, is rudhadh gruaidh,
lem b'àill mo chur gu dìth.
15Gun àird, gun àiteach gu robh iad,
mar thuarasdal dan nàir',
A thubhairt rium gu fanaideach,
Ahà, ahà, le gàir.
16Aoibhneas is aighear do gach neach,
gad iarraidh fhèin a tha:
Is abradh iad len toigh do shlàint'
Dia guma mòr a‑ghnàth.
17Ach mis', ged tha mi ainnis bochd,
smaoinichidh orm an Triath:
M'fhear-cobhair thu 's mo Shlànaighear:
moille na dèan, a Dhia.

Айни замон обунашуда:

Sailm Dhaibhidh 40: SD1992

Лаҳзаҳои махсус

Паҳн кунед

Нусха

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in

YouVersion uses cookies to personalize your experience. By using our website, you accept our use of cookies as described in our Privacy Policy