Sailm Dhaibhidh 34

34
Salm 34
1Iehòbhah beannaicheam gu h‑àrd,
gach aimsir is gach tràth:
A chliù 's a mholadh ann am bheul
gu h‑iomraiteach a‑ghnàth.
2Is anns an Tighearna ro‑threun
nì m'anam uaill is glòir:
Na daoine sèimh', tràth chluinneas siud,
nì gàirdeachas gu mòr.
3Àrdaichibh leamsa Dia nam feart,
molamaid 'ainm le chèil':
4Dh'iarr mise Dia, chual' e, is bhuin
mi as gach gàbhadh geur.
5Dh'amhairc iad air, is dhealraich iad;
gun nàire air an gruaidh.
6Do ghlaodh am bochd, is dh'èisd ris Dia,
is dh'fhuasgail as gach truaigh.
7Tha aingeal Dhè a' campachadh
mun dream don eagal e,
Gam fuasgladh is gan teasairginn
on trioblaidean gu lèir.
8O blaisibh agus faicibh seo,
gur math 's gur milis Dia:
Am fear sin 's beannaicht' e gu beachd
a dh'earbas as an Triath.
9Fìor eagal Dhè, biodh oirbh, a naoimh;
oir uireasbhaidh no dìth
Cha bhi air a luchd eagail-san,
fìor-chràbhadh dha a nì.
10Bidh easbhaidh air na leòmhnan òg',
is acras orr' air leth;
Ach air an dream a dh'iarras Dia
cha cheilear aon nì math.
11Thigibh, a chlann, is èisdibh rium:
dhuibh nochdam eagal Dhè.
12Cò 'm fear lem b'àill bhith fada beò,
chum math gum faiceadh e?
13Coimhead do theanga fhèin on olc,
's o labhairt ceilg' do bheul.
14Seachainn an t‑olc, is dèan am math:
iarr sìochaint, 's lean gu geur.
15Tha sùilean Dhè air fìreanan,
's a chluas rin glaodh gu fìor.
16Tha gnùis Dhè 'n aghaidh daoi, a‑chum
an cuimhne sgrios à tìr.
17Do ghlaodh na fìreanan ri Dia,
is dh'èisd e riu gu grad;
Thug furtachd agus fuasgladh dhaibh
on àmhghairean air fad.
18Don mhuinntir ga bheil cridhe brùit'
is dlùth dhaibh Dia gun cheist:
Nì esan furtachd fòs don dream
ga bheil an spiorad brist'.
19Is lìonmhor trioblaid agus teinn
thig air an fhìrean chòir;
Ach asd' air fad nì Dia nan gràs
a theasairginn fa‑dheòidh.
20A chnàmhan uile coimhdidh e:
chan eil a h‑aon dhiubh brist'.
21Ach marbhaidh olc an duine daoi,
is claoidhear e gun cheist:
Is luchd an fharmaid, a bheir fuath
do dhaoine còir is ceart,
Mòr-chiontach fàgar iad nan lochd,
dì‑mhilltear iad gu beachd.
22Anam a sheirbhiseach gu lèir
saor-fhuasglaidh Dia gach àm;
Cha mhillear idir neach dhiubh siud
chuireas an dòchas ann.

Айни замон обунашуда:

Sailm Dhaibhidh 34: SD1992

Лаҳзаҳои махсус

Паҳн кунед

Нусха

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in

YouVersion uses cookies to personalize your experience. By using our website, you accept our use of cookies as described in our Privacy Policy