Sailm Dhaibhidh 32

32
Salm 32
1'S beannaicht' an duine sin a fhuair
na pheacadh maitheanas;
A fhuair le tròcair falach air
a chiont' is easaontas.
2'S beannaicht' an tì nach agair Dia
na sheachranan nas mò;
Is ann a spiorad fòs nach eil
claon-chealgaireachd no gò.
3A' fantainn dhomh gu fad am thàmh,
laigh air mo chnàmhan aois,
Is b'amhlaidh sin gach là mo chor,
le dol dom bhùireadh suas.
4Oir ormsa bha do làmh gu trom,
air feadh gach oidhch' is là:
Mo bhrìgh gu tart an t‑samhraidh theith
air atharrachadh a ta.
5Làn-fhoillsich mi mo pheacadh dhut,
nìor cheil mi m'aingidheachd:
Aidmheil (thuirt mi) do Dhia nì mis',
is mhaith thu cron mo lochd.
6Seo fàth mun guidhe riut gach naomh,
san àm am faighear thu:
Gu dearbh an tuil nan uisgean mòr',
cha ruig iad air gu dlùth.
7Tha thu ad ionad falaich dhomh,
nì coimhead orm o theinn;
Is nìthear leat mo chuartachadh
le òran saorsa binn.
8Dhut teagaisgidh is seòlaidh mi
am bealach is an t‑iùil,
San tigeadh dhutsa triall gu ceart;
sin seòlam dhut lem shùil.
9Na bi mar mhuileid, no mar each,
na h‑ainmhidhean gun chèill:
Rin cuirear, chum nach tig iad ort,
teann-sparrag srèin nam beul.
10Is lìonmhor bròn aig luchd an uilc:
ach neach dom barrant Dia,
Tha thròcair dol ma thimcheall-san
ga dhìonadh mar nì sgiath.
11A dhaoine treibhdhireach, an Dia
bibh aoibhneach agus ait:
Is dèanaibh gàirdeachas, gach neach
ga bheil an cridhe ceart.

Айни замон обунашуда:

Sailm Dhaibhidh 32: SD1992

Лаҳзаҳои махсус

Паҳн кунед

Нусха

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in

YouVersion uses cookies to personalize your experience. By using our website, you accept our use of cookies as described in our Privacy Policy