Sailm Dhaibhidh 18

18
Salm 18
1Mo chion ort fhèin, a Dhia, mo threis.
2Mo charraig Dia gu ceart,
Mo dhaingneach, is mo Shlànaighear:
mo Thighearn, is mo neart:
An tì san cuir mi dòchas fòs,
mo thargaid is mo sgiath,
Adharc mo shlàinte e gu beachd,
mo bhaideal àrd 's e Dia.
3Nis goiream air an Tighearna,
don dlighear moladh sìor:
Mar sin om eascairdean gu lèir
coimheadar mi gu fìor.
4Chuir tuiltean dhroch dhaoin' eagal orm,
chaidh umam guin an èig.
5Pian ifrinn agus lìontan bàis,
romham 's gach àite feuch.
6Am èiginn ghoir mi air mo Thriath,
dh'èigh mi gu h‑àrd lem ghlaodh:
Is as a theampall naomha fhèin
dh'èisd e mo ghuth gu caomh.
Na fhianais is na èisdeachd fhèin,
mo ghlaodh do ràinig suas;
7An talamh air gach ceum an sin
do chriothnaich, chrathadh, ghluais:
Bunaitean nan cnoc 's nam beann,
do ghluaiseadh sin gu garg,
Do chriothnaicheadh is chrathadh iad,
a chionn gu robh air fearg.
8Chaidh deatach as a shròin a‑mach,
is teine loisgeach mòr
Chaidh as a bheul, is lasadh leis
de èibhlean na bu leòr.
9Is lùb e fòs na nèamhan foidh',
's a‑nuas do thuirling e:
Fìor dhorchadas is dubh-aigean
bha sin fo chasan Dhè.
10Air cherub mharcaich e gu h‑àrd,
air iteig fòs do chaidh;
Is bha e luath ag itealaich,
air bharran sgiath na gaoith'.
11Dubh-dhorchadas mar dhiamhaireachd
do chuir e uime fhèin:
Bu phàillean dha na h‑uisgean dorch',
is neultan tiugh' nan speur.
12Do chaidh a neultan tiugh' le chèil',
is clachan-meallain fòs,
Is eibhlean tein' air thoiseach air,
on dealradh bha na ghnùis.
13Rinn Dia sna speuran tàirneanach,
is leig an Tì as àird
A ghuth a‑mach, le cloich-shneachd chruaidh,
is èibhlean teth 's gach àit.
14A shaighdean leig e uaith' a‑mach,
is sgaoil e iad air fad,
Tein-adhair orra thilg gu mòr,
is chlaoidheadh iad gu grad.
15Aigean an uisge chunnacas ris,
bha stèidh an domhain nochdt',
Le sèideadh anail d'fheirge, Dhè,
led achmhasan 's do smachd.
16As 'ionad àrd do chuir e nuas,
is bhuin e mise mach,
Is rinn mo tharraing mar an ceudn'
à uisgean iomarcach.
17Om eascar thulchuiseach is threun
thug e dhomh fuasgladh deas,
'S o luchd mo mhìoruin agus m'fhuath,
bu treis' gu mòr na mis';
18An là mo thrioblaid is mo theinn,
thug ionnsaigh orm gun fhios:
Ach bha mo Dhia na thaice dhomh,
cha sleamhnaich uam mo chos.
19Gu ionad farsaing agus rèidh
thug esan mi a‑mach:
Mo theasairginn do rinneadh leis,
oir ghabh e annam tlachd.
20Rèir m'ionracais, is glaine làmh,
do chuitich Dia math rium:
21Air seachran uaith' cha deachaidh mi:
a shlighe choimhdeadh leam.
22Oir 'uile bhreith am fhianais tha:
a statuin uam nìor chuir.
23Bu treibhdhireach na làthair mi:
om aingidheachd fhèin do sguir.
24Rèir m'ionracais is glaine làmh,
an sealladh beachd a shùl,
Do rinneadh mise chuiteachadh
gu caomh le Dia nan dùl.
25Don duine ghràsail, gràsmhor thu,
dìreach don treibhdhireach.
26Glan thu don duine ghlan, is fiat'
don duine fhiat' fa seach.
27Na daoine tha fo thrioblaid mhòir,
làn-shaoraidh tu 's gach àit;
Ach bheir thu nuas a' mhuinntir sin
ga bheil an sealladh àrd.
28Oir lasaidh tu mo choinneal dhomh,
is nì mo Dhia 's mo Rìgh
Mo dhorchadas a shoillseachadh,
chum soilleir glan gum bi.
29Mòr bhuidheann sluaigh, led threis, a Dhè,
do bhriseadh leam air fad:
Le neart mo Dhia thar balla leum,
is chaidh mi fhèin gun stad.
30Ach Dia, a ta a shlighe ceart,
is dhearbhadh facal Dhè;
Don uile dhream a dh'earbas as,
gan dìon is targaid e.
31Oir cò as Dia, ach thusa, Dhè?
cò 's carraig ach ar Triath?
32An neach a nì mo shlighe ceart,
's a bheir dhomh neart, 's e Dia.
33Mar chasan fèidh tha luath chum ruith,
mo chasan do rinn e,
Air m'àitean àrd' gam shocrachadh,
a‑chum nach gluaiste mi.
34Gu còmhrag theagaisg e mo làmh,
ionnas gun tug mi buaidh,
A' briseadh le mo ghàirdeanan
bogha den stàilinn chruaidh.
35Thug thusa sgiath do shlàinte dhomh,
do dheaslàmh chùm mi suas;
Thug orm do choibhneas is do ghràdh
gu inbhe mhòir gun d'fhàs.
36Mo cheuman rinn thu farsaing fo'm;
sin dhomh mar fhuaireadh thus';
Ionnas gur socrach sheasas mi,
cha sleamhnaich uam mo chos.
37Lean mi mo naimhdean anns an ruaig,
is orra rug gu cas:
Is gus 'n do chlaoidheadh iad gu lèir,
nìor thill mi fhèin air m'ais.
38Gun chomas èirigh lot mi iad,
is thuit iad sìos fom chois.
39Le neart chum cath' 's tu chrioslaich mi;
na dh'èirich rium leag thus'.
40Air mhuineal thug thu dhomh mo nàmh;
luchd m'fhuath' gan claoidh gu lèir.
41Ghlaodh iad, 's dam furtachd cha robh neach:
air Dia, 's cha d'fhreagair e.
42Amhlaidh mar dhus a' dol le gaoith,
gu mìn do phronn mi iad;
Is thilg mi iad a‑mach a‑rìs
mar chlàbar air an t‑sràid.
43O strì nan daoine shaor thu mi;
rinn ceann nan cinneach dhìom;
Na daoine riamh nach b'aithne dhomh,
ri seirbhis dhomh do chìm.
44Air cluinntinn dhaibhsan iomradh orm,
gèillidh iad dhomh gun stad;
Is nì dhomh coigrich mar an ceudn'
an ìsleachadh air fad.
45Làn-sheargaidh is dubh-chrìonaidh as
na coigrich ud gu lèir,
A' teachd le eagal 's uamhann mhòr
a‑mach on garaidh fhèin.
46Dia beò a ta, beannaicht' gu robh
mo charraig fhèin gu bràth:
Is Dia mo shlàinte; bitheadh e
air àrdachadh a‑ghnàth.
47Mo dhìoghaltas, 's mo leasachadh,
's e Dia a bheir a‑mach;
'S e fòs a chuireas dhomh fo smachd
na slòigh gu h‑iomadach.
48'S e dh'fhuasglas mi om eascairdean:
's tu thog mi thar gach neach
A dh'èirich rium; is thug mi saor
o fhear na h‑eucorach.
49Am measg nan cinneach, uime sin,
bheir mise dhut, a Dhè,
Mòr bhuidheachas; dod ainm-sa fòs
àrd-mholadh seinnidh mi.
50Bheir esan fuasgladh mòr da rìgh:
le pailteas nì e gràs
Air Daibhidh, neach a dh'ungadh leis,
is air a shliochd gu bràth.

Айни замон обунашуда:

Sailm Dhaibhidh 18: SD1992

Лаҳзаҳои махсус

Паҳн кунед

Нусха

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in

YouVersion uses cookies to personalize your experience. By using our website, you accept our use of cookies as described in our Privacy Policy