Sailm Dhaibhidh 14

14
Salm 14
1Na chridhe deir an t‑amadan,
chan eil ann Dia air bith:
Tàid truaillidh, 's oillteil, fòs an gnìomh;
chan eil ann neach nì math.
2An Tighearn dh'amhairc e o nèamh,
air cloinn nan daoine nuas;
A dh'fheuchainn an robh tuigs' aig neach
na dh'iarradh Dia nan gràs.
3Ach chlaon an t‑iomlan dhiubh a thaobh,
ro‑shalach tàid gu lèir;
Chan eil aon neach a' dèanamh maith,
chan eil fiù aon fon speur.
4A bheil aig droch-dhaoin' tuigs' air bith
tha 'g ithe suas gu dian
Mo phobaill-sa, mar aran blasd',
's nach eil a' gairm air Dia?
5An sin do ghabh iad eagal mòr,
airson gu bheil gu fìor
Dia ann an ginealach is linn
nam fìreanach do shìor.
6Comhairl' an truaghain nàraich sibh,
chionn Dia na thèarmann dha:
7A Sion, O gun tigeadh mach
slàint' Israeil gach là!
An uair bheir Dia air ais o bhruid
a phoball fhèin le chèil',
Air Iàcob bithidh aoibhneas mòr,
's aiteas air Israèl.

Айни замон обунашуда:

Sailm Dhaibhidh 14: SD1992

Лаҳзаҳои махсус

Паҳн кунед

Нусха

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in

YouVersion uses cookies to personalize your experience. By using our website, you accept our use of cookies as described in our Privacy Policy