Sailm Dhaibhidh 135

135
Salm 135
1Molaibh-se Dia, àrd-mholaibh fòs
deagh ainm Iehòbhah thrèin,
Is thugaibh cliù is moladh dha,
òglacha Dhè gu lèir.
2O sibhse tha nur seasamh fòs
an taigh Iehòbhah mhòir,
An cùirtean àlainn taigh' ar Dia,
molaibh e mar as còir.
3Molaibh an Tighearna, do bhrìgh
gu bheil e math gach rè:
Da ainm-san seinnibh moladh ait,
oir 's nì ro‑thlachdmhor e.
4Oir Iàcob fòs do roghnaich Dia
na thròcair mhòir dha fhèin:
Dha fhèin mar ionmhas is mar sheilbh,
do thagh e Israèl.
5Oir 's fiosrach mi 's is deimhinn leam
gu bheil Iehòbhah mòr.
Gu bheil ar Tighearna faraon
os cionn gach dia an glòir.
6Gach nì air bith bu mhiannach leis,
rinn Dia an nèamh nan speur,
'S air talamh, 's anns na cuantan mòr',
's na doimhneachdan gu lèir.
7Bheir esan air a' cheò dol suas
o chrìch a' chruinne-chè;
Is uisge nì le dealanaich;
gaoth as a stòr bheir e.
8Gach ciad-ghin anns an Eiphit bha,
do bhuaileadh leis gu trom,
De dhuine 's ainmhidh anns gach àit,
ag imeachd bha air fonn.
9O Eiphit! chuir e comharradh,
is mìorbhailean le chèil',
Ad bhuillsgean-sa; 's air Phàraoh fòs
's air 'òglaichean gu lèir.
10Na cinnich lìonmhor chlaoidheadh leis,
mharbh rìghrean cumhachdach.
11Do mharbhadh Og rìgh Bhasain leis,
Sihon nan Amorach:
Gach uile rìoghachd mar an ceudn',
cia iomadh tha iad ann,
Lom-sgriosadh agus mhilleadh leis,
den robh an tìr Chanàain:
12Am fonn 's am fearann ud air fad,
mar oighreachd thìodhlaic e;
Mar oighreachd do chloinn Israeil,
a phoball dìleas fhèin.
13Tha d'ainm, a Thighearna nam feart,
buan-mhaireannach a‑ghnàth;
Tha d'iomradh buan air chuimhne, Dhè,
o linn gu linn gu bràth.
14Oir air a phoball fhèin nì Dia
ceart bhreitheanas gu beachd;
Is gabhaidh esan aithreachas
ma òglaichean le iochd.
15Iodhail nan cinneach tha den òr,
's den airgead ghlas faraon;
Is chan eil annt' ach dìomhanas
rinneadh le làmhan dhaoin'.
16Tha beul ac', is gun chòmhradh ann;
is sùilean, leis nach lèir.
17Tha cluasan ac', 's cha chluinn iad leo;
gun anail fòs nam beul.
18A' mhuinntir tha gan dèanamh siud,
ro‑chosmhail iad riu fhèin;
'S amhlaidh gach neach tha annta fòs
ag earbsa mar an ceudn'.
19O beannaichibh Iehòbhah mòr,
a theaghlach Israèil;
'S a theaghlach Aaroin, beannaichibh
an Tighearna le chèil'.
20O theaghlach Lèbhi, beannaichibh,
is thugaibh cliù do Dhia:
Sibhse don eagal Dia faraon,
mòr-bheannaichibh an Triath.
21A Sion beannaicht' gu robh Dia,
ga bheil a chòmhnaidh bhuan
An cathair naoimh Ierusaleim;
Molaibhse Dia gach uair.

Айни замон обунашуда:

Sailm Dhaibhidh 135: SD1992

Лаҳзаҳои махсус

Паҳн кунед

Нусха

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in

YouVersion uses cookies to personalize your experience. By using our website, you accept our use of cookies as described in our Privacy Policy