Sailm Dhaibhidh 127

127
Salm 127
1Mur tog Iehòbhah fhèin an taigh,
luchd-togail tha iad faoin;
Mur glèidh Iehòbhah 'm baile fòs,
luchd-faire chaill an saoth'r.
2Dhuibh 's dìomhain bhith ri moch-eirigh,
san oidhch' ri caithris bhuain,
Bhith 'g ithe arain bròin; mar sin
da sheircin bheir e suain.
3'S e Dia bheir toradh bronn mar dhuais;
mar oighreachd bheir e clann.
4Bidh mic na h‑òig' mar shaighdean geur',
'n làimh ghaisgich thrèin gach àm.
5Is sona 'm fear gam bi dhiubh siud
a ghlac 's a dhòrlach làn;
Gun rudhadh labhraidh iad sa gheat
rin naimhdean olc gu dàn.

Айни замон обунашуда:

Sailm Dhaibhidh 127: SD1992

Лаҳзаҳои махсус

Паҳн кунед

Нусха

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in

YouVersion uses cookies to personalize your experience. By using our website, you accept our use of cookies as described in our Privacy Policy