Sailm Dhaibhidh 125

125
Salm 125
1Tha 'n dream nì dòchas ann an Dia
mar shliabh Shioin a‑ghnàth,
Nach faodar fòs a charachadh,
ach mhaireas ann gu bràth.
2Ceart mar a tha na beanntan tric
timcheall Ierusaleim,
Tha Dia mar sin, a‑nis 's gu sìor,
timcheall a phobaill fhèin.
3Oir slat luchd-uilc cha ghabh i tàmh
air chrann nan daoine còir:
Eagal gun sìn na fìreanaich
an làmh gu peacadh mòr.
4An aitim ud tha math, a Dhè,
do mhaitheas pàirtich leò;
Is leis an dream tha treibhdhireach
's nan cridhe tha gun ghò.
5Ach iadsan uile thèid a thaobh
dan slighean claon le chèil',
Iomainidh Dia le luchd an uilc,
'S bidh sìth air Israèl.

Айни замон обунашуда:

Sailm Dhaibhidh 125: SD1992

Лаҳзаҳои махсус

Паҳн кунед

Нусха

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in

YouVersion uses cookies to personalize your experience. By using our website, you accept our use of cookies as described in our Privacy Policy