Sailm Dhaibhidh 123

123
Salm 123
1Mo shùilean togam riutsa tha
'n còmhnaidh air nèamh nan speur.
2Feuch, mar tha sùil nan seirbhiseach
air làimh am maighstir fhèin,
'S mar shùilean banoglaich air làimh
a ban-tighearna faraon,
Feithidh ar sùil air Dia, gus 'n dèan
e tròcair oirnn gu caoin.
3Dèan tròcair oirnn, Iehòbhah Dhia,
dèan tròcair oirnn gu luath;
Oir tha sinn air ar lìonadh làn
de tharcais is de fhuath.
4Le fanaid luchd na seasgaireachd,
lìonadh ar n‑anam bochd;
'S le spìd na muinntir ud a tha
làn àrdain is an‑iochd.

Айни замон обунашуда:

Sailm Dhaibhidh 123: SD1992

Лаҳзаҳои махсус

Паҳн кунед

Нусха

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in

YouVersion uses cookies to personalize your experience. By using our website, you accept our use of cookies as described in our Privacy Policy