Sailm Dhaibhidh 121

121
Salm 121
1Mo shùilean togam suas a‑chum
nam beann, on tig mo neart.
2On Dia rinn talamh agus nèamh,
tha m'fhurtachd uile teachd.
3Cha leig dod chois air chor air bith
gun sleamhnaich i gu bràth;
Tàmh-neul cha tig sin air an neach
's fear-coimhid ort a‑ghnàth.
4Feuch, air fear-coimhid Israeil,
cadal chan aom no suain:
5'S e Dia d'fhear-coimhid; 's e do sgàil
air do làimh dheis gu buan.
6A' ghrian cha bhuail i thu san là,
no ghealach fòs san oidhch'.
7Nì Dia do choimhead o gach olc;
nì d'anam dhìon a‑chaoidh.
8Do dhol a‑mach, 's do theachd a‑steach,
coimheadaidh Dia a‑ghnàth;
On aimsir seo a‑nis a th'ann,
's o sin a‑mach gu bràth.

Айни замон обунашуда:

Sailm Dhaibhidh 121: SD1992

Лаҳзаҳои махсус

Паҳн кунед

Нусха

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in

YouVersion uses cookies to personalize your experience. By using our website, you accept our use of cookies as described in our Privacy Policy