Sailm Dhaibhidh 118

118
Salm 118
1O molaibh Dia, oir tha e math,
sìor mhairidh tròcair Dhè:
2Abradh clann Israeil a‑nis,
gur buan a ghràs gach rè.
3Taigh Aaroin abradh iad a‑nis,
Sìor mhairidh tròcair Dhè.
4Abradh an dream don eagal Dia,
gur buan a ghràs gach rè.
5Am èiginn ghair mi air an Triath:
fhreagair e mi gu deas;
An ionad farsaing agus rèidh
shocraich e mi le treis.
6Tha Dia Iehòbhah air mo chrann;
chan eagal leam a‑chaoidh
Aon nì a dh'fhaodas clann nan daoin'
a dhèanamh orm gam chlaoidh.
7Measg luchd mo chuideachaidh tha Dia
a' seasamh leam gu beachd:
Air luchd mo mhìoruin, uime sin,
chì mi mo mhiann a' teachd.
8'S fheàrr na bhith 'g earbs' à duine beò,
ar dòchas chur an Dia.
9'S fheàrr na bhith 'g earbs' à prionnsan mòr',
ar dòchas chur san Triath.
10Do chuartaich umam air gach làimh
na dùthchannan gu lèir:
Ach sgatham agus sgriosam iad,
an ainm Iehòbhah thrèin.
11Do chuartaich iad mi air gach taobh,
chuartaich iad mise fòs;
Ach sgatham agus sgriosam iad
an ainm Iehòbhah mhòir.
12Mar bheachan chuartaich iad, ach chaidh
iad as mar theine dris;
Oir ann an ainm Iehòbhah thrèin
nì mi gu lèir an sgrios.
13Gam leagadh, theann thu orm gu dlùth;
ach chuidich leamsa Dia.
14'S e Dia mo cheòl, 's mo shlàinte fòs,
is e mo threòir an Triath.
15Guth gàirdeachais is slàinte tha
am pàilleanan nan saoi:
Deaslàmh Iehòbhah uile thrèin
fhuaireadh gu treubhach i.
16Tha gàirdean deas an Tighearna
air àrdachadh gu mòr;
Is rinneadh beairtean treubhantais
le deaslàimh Dhè na glòir'.
17Chan fhaigh mi bàs, ach maiream beò,
is innseam oibrean Dhè.
18Throm-smachdaich Dia mi, ach gu bàs
cha tug e thairis mi.
19O fosglaibh dhomh gu farsaing rèidh
geatan an ionracais:
Is racham orrasan a‑steach;
Iehòbhah molaidh mis'.
20Seo doras Dhè, air 'n tèid a‑steach
na daoine còire naomh'.
21Sìor mholam thu, oir chual' thu mi;
is tu mo shlàinte chaomh.
22A' chlach a dhiùlt na clachairean,
clach-chinn na h‑oisinn i.
23'S e Dia rinn siud, 's ro‑iongantach
nar sùilean-ne an gnìomh.
24Seo fhèin an là a dh'òrdaich Dia,
sam bi sinn suilbhir ait.
25Fòir, guidheam, guidheam ort, a Dhè;
nis soirbhich leinn gu pailt.
26Beannaicht' gu robh an neach a thig
an ainm Iehòbhah thrèin:
Thug sinne beannachd oirbhse mach,
à taigh Iehòbhah fhèin.
27'S e Dia Iehòbhah dhealraich oirnn;
ceanglaibh le còrdan cruaidh,
Ri adhaircean na h‑altair naoimh,
an ìobairt bheir sibh uaibh.
28'S tusa mo Dhia, is molam thu:
àrdaicheam thu, mo Dhia.
29O molaibh Dia, oir tha e math;
sìor mhairidh gràs an Triath.

Айни замон обунашуда:

Sailm Dhaibhidh 118: SD1992

Лаҳзаҳои махсус

Паҳн кунед

Нусха

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in

YouVersion uses cookies to personalize your experience. By using our website, you accept our use of cookies as described in our Privacy Policy