An labhair sibhs', a choitheanail,
an fhìrinn cheart neo-chlaon?
'S an tabhair sibh gu cothromach
breith cheart, a chlann nan daoin'?
Is ann ur crìdh' tha sibh a' dealbh
mòr aingidheachd gun tàmh:
'S air talamh tha sibh tomhas fòs,
foireigin chruaidh ur làmh.