Laoidhean 34

34
LAOIDH 34
Mat. 11.25-30
1Buidheachas follaiseach thug Criosd
d'a Athair féin, ag ràdh,
Sìor‑bheannaicht' bi‑sa, Dhia nam feart,
o linn gu linn gu bràth!
2'S tu cheil air daoinibh saogh'lta glic
dearbh‑fhìrinn shlàinteil nèimh.
Gidheadh a thaisbein soilleir i
do leanbaibh ùmhal sèimh.
3'Si so do thoil‑sa, Athair chaoimh!
's do naomh‑reachd seasmhach buan;
Na iarradh aingle naomh' no daoin'
làn‑fhios an aobhair uainn.
4Gach uile chumhachd dhomhs' thug Dia;
dha mhàin is fios mo ghnè;
Is dhomh‑sa mhàin a ghnè‑san 's eòl,
's do'n dream d'an seòl mi e.
5O sibhse ta le uallach trom
an uilc 's an eagail leòint',
Thigibh a m' ionnsuidh‑sa, is gheibh
bhur n‑anama fois is treoir.
6Le cridhe umhal togarach
mo chuing‑sa togaibh oirbh:
Do m' cheannsal géillibh, is do m' reachd,
gu beachd cha'n 'eil e doirbh.
7Oir caomh tha mise agus sèimh,
's cha dean mo chuing 'ur cràdh;
Foghlumaibh uam, 's 'ur n‑an'ma sgìth
fois shiorruidh gheibh is àgh.

ప్రస్తుతం ఎంపిక చేయబడింది:

Laoidhean 34: LSN1987

హైలైట్

కాపీ

సరిపోల్చండి

షేర్ చేయి

None

మీ పరికరాలన్నింటి వ్యాప్తంగా మీ హైలైట్స్ సేవ్ చేయబడాలనుకుంటున్నారా? సైన్ అప్ చేయండి లేదా సైన్ ఇన్ చేయండి