1
Mata 12:36-37
An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017
ATN
Ach tha mi ag ràdh ribh gun toir daoine cunntas airson gach facal mhì‑chùramaich a chanas iad, air latha a' bhreitheanais. Oir led fhacail thèid d' fhìreanachadh, agus led fhacail thèid do dhìteadh.”
နှိုင်းယှဉ်
Mata 12:36-37ရှာဖွေလေ့လာလိုက်ပါ။
2
Mata 12:34
A shìol nan nathraichean‑nimhe! Ciamar as urrainn dhuibh rudan matha a ràdh, agus sib' fhèin olc? Oir a‑mach à pailteas a' chridhe bruidhinnidh am beul.
Mata 12:34ရှာဖွေလေ့လာလိုက်ပါ။
3
Mata 12:35
Bheir duine math rudan matha a‑mach às a dheagh ionmhas, agus bheir an duine olc rudan olc a‑mach às a dhroch ionmhas.
Mata 12:35ရှာဖွေလေ့လာလိုက်ပါ။
4
Mata 12:31
Mar sin, tha mi ag ràdh ribh gum bi a h‑uile peacadh agus toibheum air am mathadh do dhaoine, ach cha bhi toibheum an aghaidh an Spioraid air a mhathadh.
Mata 12:31ရှာဖွေလေ့လာလိုက်ပါ။
5
Mata 12:33
“An dara cuid dèanaibh a' chraobh math agus a toradh math, no dèanaibh a' chraobh truaillidh agus a toradh truaillidh, oir is ann air a toradh a dh'aithnichear a' chraobh.
Mata 12:33ရှာဖွေလေ့လာလိုက်ပါ။