1
Marcas 2:17
An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017
ATN
Nuair a chuala Ìosa seo, thuirt e riutha, “Chan iadsan a tha slàn aig a bheil feum air lighiche, ach iadsan a tha tinn. Cha tàinig mise a ghairm nam fìrean, ach nam peacach.”
താരതമ്യം
Marcas 2:17 പര്യവേക്ഷണം ചെയ്യുക
2
Marcas 2:5
Nuair a chunnaic Ìosa an creideamh‑san, thuirt e ris an fhear air an robh a' phairilis, “A leanaibh, tha do pheacaidhean air am mathadh dhut.”
Marcas 2:5 പര്യവേക്ഷണം ചെയ്യുക
3
Marcas 2:27
An uair sin thuirt e riutha, “Chaidh an t‑Sàbaid a dhèanamh airson an duine, 's chan e an duine airson na Sàbaid.
Marcas 2:27 പര്യവേക്ഷണം ചെയ്യുക
4
Marcas 2:4
Nuair nach b' urrainn dhaibh faighinn faisg air Ìosa air sgàth an t‑sluaigh, thug iad air falbh mullach an taighe os a chionn, agus às dèidh dhaibh a tholladh, leig iad sìos an leabaidh air an robh am fear leis a' phairilis na laighe.
Marcas 2:4 പര്യവേക്ഷണം ചെയ്യുക
5
Marcas 2:10-11
Ach airson 's gum faod fios a bhith agaibh gu bheil ùghdarras aig Mac an Duine air thalamh airson peacaidhean a mhathadh”, thuirt e ris an fhear air an robh a' phairilis, “Tha mi ag ràdh riut, èirich, tog suas do leabaidh, agus thalla dhad thaigh.”
Marcas 2:10-11 പര്യവേക്ഷണം ചെയ്യുക
6
Marcas 2:9
Dè as fhasa, a ràdh ris an fhear air a bheil a' phairilis, ‘Tha do pheacaidhean air am mathadh dhut,’ no a ràdh, ‘Èirich, tog suas do leabaidh agus coisich’?
Marcas 2:9 പര്യവേക്ഷണം ചെയ്യുക
7
Marcas 2:12
Dh'èirich e agus sa bhad thog e suas a leabaidh agus chaidh e a‑mach mun coinneamh gu lèir. Bha iongnadh mòr orra uile agus ghlòraich iad Dia, ag ràdh, “Chan fhaca sinne riamh rud sam bith mar seo!”
Marcas 2:12 പര്യവേക്ഷണം ചെയ്യുക
ആദ്യത്തെ സ്ക്രീൻ
വേദപുസ്തകം
പദ്ധതികൾ
വീഡിയോകൾ