Gnàth‐fhacal 23
23
1 Tha saoibhreas talmhaidh neo‐tharbhach. 13 Is còir leanabh a smachdachadh. 21 Thig am misgeir agus an geòcaire gu bochdainn. 29 Buinidh bròn dhàsan a dh’iarras fìon measgta.
1Nuair a shuidheas tu a dh’ithe maille ri uachdaran, thoir an ro‑aire do na bheil fad chomhair;
2Agus cuir sgian rid sgòrnan, mas duine thu air do thabhairt do chraos.
3Na miannaich a nithean milis; oir is biadh mealltach iad.
4Na saothraich gu fàs saoibhir#1 Tim 6:9, 10; leig dhìot do ghliocas fhèin#Gnà 26:12.
5An cuir thu do shùilean air an nì nach eil ann? Oir gu cinnteach nì saoibhreas sgiathan dha fhèin#Gnà 27:24; Iob 1:14‐17; 1 Tim 6:17, mar iolair a dh’itealaicheas a‑chum nan nèamh.
6Na ith aran an tì aig a bheil droch shùil, agus na miannaich a nithean milis#Salm 141:4.
7Oir mar a smaoinicheas e na anam, mar sin bidh e: Ith agus òl, their e riut, ach cha bhi a chridhe leat.
8An greim a dh’ith thu, sgeithidh tu a‑nìos, agus caillidh tu do bhriathran milis.
9Na labhair ann an cluasan amadain; oir nì e tàir air gliocas do bhriathar.
10Na atharraich an seann chomharradh‐crìche#Gnà 22:28; agus air achaidhean nan dìlleachdan na bris a‑steach:
11Oir tha am fear‐saoraidh cumhachdach#Gnà 22:22; Ecs 22:22‐24; tagraidh e an cùis ad aghaidh.
12Aom do chridhe ri fòghlam, agus do chluasan ri briathran eòlais.
13Na cùm smachdachadh o leanabh#Gnà 13:24; 22:15; oir ma bhuaileas tu e le slait, chan fhaigh e bàs.
14Buailidh tu e le slait, agus saoraidh tu a anam o ifrinn#1 Cor 5:5.
15A mhic, ma bhios do chridhe glic#Gnà 29:3, nì mo chridhe‐sa gàirdeachas, eadhon mo chridhe‐sa:
16Seadh, nì m’àirnean gàirdeachas, nuair a labhras do bhilean nithean cearta.
17Na gabhadh do chridhe farmad ri peacaich#Salm 37:1‐3; 73:3, 17: ach bi ann an eagal an Tighearna air feadh an là uile.
18Oir gu deimhinn tha crìoch#23:18 duais, no, àm ri teachd. ann; ach#23:18 agus. cha ghearrar as do dhòchas.
19Eisd thusa, a mhic, agus bi glic, agus treòraich do chridhe anns an t‑slighe.
20Na bi am measg phòitearan fìona#Lùc 21:34; Ròm 13:13; am measg luchd co‑ithidh geòcach feòla.
21Oir thig am misgear agus an geòcaire gu bochdainn#Gnà 6:9‐11; agus èidichidh turra‑chadal duine le luideagan.
22Eisd rid athair a ghin thu#Gnà 30:17; Eph 6:1, 2, agus na dèan tàir air do mhàthair nuair a bhios i aosda.
23Ceannaich an fhìrinn#Isa 55:1; Mat 13:44; Tais 3:18, agus na reic i; mar an ceudna gliocas, agus fòghlam, agus tuigse.
24Nì athair an fhìrein mòr‐ghàirdeachas#Gnà 10:1; 15:20; agus nì esan a ghineas mac glic aoibhneas ann.
25Nì d’athair agus do mhàthair aoibhneas, agus nì ise a rug thu gàirdeachas.
26A mhic, thoir dhòmhsa do chridhe#Salm 119:2, agus coimheadadh do shùilean mo shlighean.
27Oir is staing dhomhain strìopach#Gnà 22:14; agus is sloc cumhang ban‐choigreach.
28Tha i mar an ceudna ri feall‐fheitheamh mar chreachadair#Gnà 7:12, agus cuiridh i luchd‐dòbheairt an lìonmhorachd am measg dhaoine.
29Cò dom buin truaighe#Isa 5:11, 22; Hab 2:5? Cò a tha ri bròn? Cò aig a bheil connsachadh? Cò a tha ri gearan? Cò aig a bheil lotan gun adhbhar? Cò aig a bheil deirge shùl?
30Iadsan a dh’fhanas fad aig an fhìon; iadsan a thèid a dh’iarraidh fìona measgte.
31Na amhairc thusa air an fhìon nuair a bhios e dearg, nuair a bheir e a dhath anns a’ chupan, a thèid e sìos dìreach.
32Mu dheireadh teumaidh e mar nathair, agus mar an rìgh‐nathair sàthaidh e a‑ghath.
33Amhaircidh do shùilean air mnathan coimheach, agus cuiridh do chridhe an cèill nithean claona:
34Agus bidh tu mar an tì a laigheas sìos ann am meadhon na fairge, no mar esan a laigheas air bàrr croinn‐siùil.
35Bhuail iad mi, their thu, agus cha robh mi tinn; ghabh iad orm, agus cha do mhothaich mi: cuin a dhùisgeas mi? An sin iarraidh mi fhathast e#Isa 56:12.
Actualmente seleccionado:
Gnàth‐fhacal 23: ABIG
Destacar
Copiar
Comparar
Compartir
¿Quieres guardar tus resaltados en todos tus dispositivos? Regístrate o Inicia sesión
© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017