Eclesiastes 9
9
1 Tachraidh an t‑aon nì do na h‑uile dhaoine. 4 Tha dòchas aig na beòthan a‑mhàin. 13 Is feàrr gliocas na neart.
1Oir chuir mi romham ann am chridhe seo uile a chur an cèill#Daniel 12:9, 10, Gu bheil na fìreanan agus na daoine glice, agus an obraichean, ann an làimh Dhè: chan aithne do dhuine sam bith aon chuid gràdh no fuath, leis na h‑uile nithean a tha fan comhair.
2Thig na h‑uile nithean air aon seòl do na h‑uile dhaoine#Daniel 8:14; Mal 3:15, 18: tachraidh an aon nì don fhìrean agus don aingidh; don mhath, agus don ghlan, agus don neòghlan; dhàsan a dh’ìobras, agus dhàsan nach ìobair: mar a tha an duine math, is ann mar sin a tha am peacach; agus esan a mhionnaicheas, mar an tì air a bheil eagal mhionn.
3Is olc seo am measg nan uile nithean a nìthear fon ghrèin, gun tachair an t‑aon nì dhaibh uile; agus mar an ceudna gu bheil cridhe clann nan daoine làn uilc#Gen 6:5; Ier 17:9; Mat 15:19, agus gu bheil cuthach nan cridhe am fad agus as beò iad, agus na dhèidh sin gun tèid iad a‑chum nam marbh.
4Oir aig gach neach a tha ceangailte ris na h‑uile bheòthan, tha dòchas: oir is fheàrr madadh beò na leòmhann marbh.
5Oir tha fhios aig na beòthan gum faigh iad bàs: ach chan eil fhios nì air bith aig na mairbh#Iob 14:21; Isa 63:16, cha mhò tha luigheachd aca nas mò; oir thèid an cuimhne air dhìochuimhn#Iob 7:8‐10; Isa 26:14.
6Chaidh as mar an ceudna a‑nis dan gràdh#Ecs 1:8, agus dam fuath#Mat 2:20, agus dam farmad; agus cha bhi cuibhreann aca tuilleadh gu bràth ann an aon nì a nìthear fon ghrèin.
7Imich romhad, ith d’aran le gàirdeachas#Daniel 8:15, agus òl d’fhìon le cridhe subhach#Daniel 10:19; oir tha Dia a‑nis toilichte led obraichean.
8Biodh d’earradh anns gach àm geal#Tais 16:15; agus na biodh dìth ola‑ungaidh air do cheann.
9Caith do bheatha gu subhach leis a’ mhnaoi as ionmhainn leat#Gnà 5:15‐19 rè uile làithean beatha do dhìomhanais, a thug e dhut fon ghrèin#Daniel 5:18: oir is e seo do chuibhreann anns a’ bheatha seo, agus ann ad shaothair a ghabhas tu fon ghrèin.
10Ge bè nì a gheibh do làmh ra dhèanamh, dèan e led dhìcheall#1 Cor 9:24‐26; oir chan eil obair, no innealachd, no eòlas, no gliocas anns an uaigh, da bheil thu a’ dol#Isa 38:18; Eòin 9:4.
11Thionndaidh mi, agus chunnaic mi fon ghrèin nach ann do na daoine luatha a tha an rèis#Salm 75:6, 7; Ier 9:23; Amos 2:14, 15, no do na daoine treuna an cath, no do na daoine glice aran, no do dhaoine tuigseach saoibhreas, no do dhaoine eòlach deagh‐ghean, ach gun tachair àm agus tuiteamas dhaibh uile:
12Oir gu deimhinn chan eil fhios aig duine air a àm fhèin: mar iasg a ghlacar ann an droch lìon, agus mar eòin a ghlacar ann an ribe, is ann mar sin a ribear clann nan daoine ann an droch àm#Lùc 21:34; 1 Tes 5:3, nuair a thuiteas e orra gu h‑obann.
13An gliocas seo mar an ceudna chunnaic mi fon ghrèin, agus bu mhòr agam e.
14Bha cathair#9:14 baile. bheag ann#2 Sam 20:16, agus beagan dhaoine innte; agus thàinig rìgh mòr na h‑aghaidh, agus shuidh e mun cuairt oirre, agus chuir e daingnichean mòra suas na h‑aghaidh.
15Agus fhuaireadh innte duine bochd glic, agus theasairg e a’ chathair le a ghliocas; ach cha do chuimhnich neach air bith air an duine bhochd sin.
16An sin thubhairt mise, Is fheàrr gliocas na neart#Gnà 21:22; 24:5, 6: gidheadh, nìthear tàir air gliocas an duine bhochd#Marc 6:2, 3, agus chan èisdear ra bhriathran.
17Eisdear ri briathran dhaoine glice ann an ciùineas#Gnà 28:23, nas mò na ri glaodh an tì a riaghlas am measg amadan.
18Is fheàrr gliocas na innealan‐cogaidh: ach millidh aon pheacach mòran maith#Ios 7:1, etc..
Actualmente seleccionado:
Eclesiastes 9: ABIG
Destacar
Copiar
Comparar
Compartir
¿Quieres guardar tus resaltados en todos tus dispositivos? Regístrate o Inicia sesión
© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017