Gliocas Sholaimh 5
5
CAIB. V.
1An sin seasaidh am fìrean le mòr dhànachd ʼnam fianuis‑san a thug àmhghar air, agus nach do ghabh suim do na h‑oibribh aige.
2An uair a chìth iad e bithidh iad fo thrioblaid le h‑eagal uamhasach, agus bithidh iongantas orra air son neònachais a shlàinte, aʼ dol os ceann gach nì ris an robh dùil aca.
3Agus aʼ deanamh aithreachais dhoibh, agus ag osnaich le h‑àmhghar spioraid, their iad annta fein, Is e so esan air an dʼ rinn sinn air uairibh fochaid, agus a bha againn mar fhocal maslaidh.
4Mheas sinne mar amadain a bheatha ʼna boile, agus a chrìoch a bhi as eugais urraim.
5Cia mar a ta e air àireamh am measg chloinn Dé, agus a chrannchur am measg nan naomh!
6Air an aobhar sin chaidh sinn air seachran o shlighe na fìrinn, agus cha do shoillsich solus na fìreantachd dhuinn, agus cha dʼ èirich grìan na fìreantachd oirnne.
7Sgìthich sinn sinn fein ann an slighe na h‑aingidheachd agus an sgrios; seadh, chaidh sinn trìd fhàsaichean, far nach robh slighe sam bith: ach a thaobh slighe an Tighearna, cha ʼn ʼeil eòlas againn oirre.
8Ciod aʼ bhuannachd tha againn o uaill? no ciod am maith a thug ar saibhreas agus ar spagluinn dʼ ar n‑ionnsuidh?
9Chaidh na nithe sin uile seachad mar fhaileas, agus mar ghille‑ruith ann an cabhaig aʼ dol seachad;
10Agus mar luing aʼ dol thairis air tonnaibh an uisge, air nach faighear lorg aon uair ʼs gu ʼn téid i seachad, ni mò a gheibhear slighe na droma aice anns na tonnaibh;
11No, an uair a dhʼ itealaich eun anns na speuraibh, cha ʼn fhaighear comhar idir air a shlighe; ach théid e troimh an adhair eutroim, air da a bhi air a bhualadh le buille nan sgiath aige, agus air a sgoltadh leis an searbh fhuaim agus ghluasad aca, agus an déigh sin cha ʼn fhaighear aon chomhar air far an deachaidh e;
12No, amhuil mar a thilgear saighead air comhar, sgoiltidh i an t‑adhar, a thig air ball cuideachd a rìs, air chor is nach urrainn fios a bhi aig duine cʼ àit an deachaidh i troimhe:
13Ceart dìreach air an dòigh cheudna, thòisich sinne air tarruing chum ar crìche, co luath ʼsa rugadh sinn, agus cha robh comhar subhailc idir againn a nochdamaid; ach chuireadh as duinn ʼnar n‑aingidheachd fein.
14Oir tha dòchas nan daoine mì‑dhiadhaidh cosmhuil ri duslach a shéidear air falbh leis aʼ ghaoith: mar chobhair thana a ta air fhuadachadh leis an doininn: cosmhuil ris an deataich a ta air a sgapadh an sud ʼsan so leis an ànradh, agus a theicheas air falbh mar chuimhne air fear‑turais nach fuirich ach aon là.
15Ach bithidh na fìreana beò gu bràth; tha an duais aca mar an ceudna maille ris an Tighearna, agus tha an cùram air an Tì a ʼs Airde.
16Uime sin gheibh iad rìoghachd ghlòrmhor, agus coron maiseach o làimh an Tighearna; oir còmhdaichidh se iad le a làimh dheis, agus le ʼghàirdein dìonaidh se iad.
17Gabhaidh e dʼ a ionnsuidh eud fein mar armachd iomlan, agus nì e an creutair ʼna inneal a dheanamh dìoghaltais air a nàimhdibh.
18Cuiridh e fìreantachd uime mar uchd‑éididh, agus fìor‑bhreitheanas mar sgiath.
19Gabhaidh e naomhachd mar thargaid air nach toirear buaidh.
20Bithidh a dhian chorruich ni ʼs géire na claidheamh, agus cogaidh an saoghal maille ris an aghaidh nan daoine neo‑ghlice.
21An sin théid na dealanaich neo‑mhearachdach a mach, agus buailidh iad dhʼ ionnsuidh aʼ chomhar o na neulaibh, mar o bhogha air a dheagh tharruing.
22Agus tilgear clachan‑meallain làn corruich mar le bogha cloiche, agus bithidh fearg air uisge aʼ chuain nan aghaidh, agus bàthaidh na tuilte gu h‑an‑iochdmhor iad,
23Seadh, éiridh gaoth chumhachdach suas nan aghaidh, agus mar dhoinionn séididh i air falbh iad; mar so fàsaichidh aingidheachd an saoghal uile, agus tilgidh droch dheanadas rìgh‑chaithrichean nan cumhachdach bun os ceann.
دیاریکراوەکانی ئێستا:
Gliocas Sholaimh 5: MacGAP
بەرچاوکردن
لەبەرگرتنەوە
بەراوردکردن
هاوبەشی بکە
دەتەوێت هایلایتەکانت بپارێزرێت لەناو ئامێرەکانتدا> ? داخڵ ببە
© Scottish Bible Society 2017
© Comann Bhìoball na h-Alba 2017