لۆگۆی ئەپی پەرتووکی پیرۆز
ئایکۆنی گەڕان

Gliocas Sholaimh 4

4
CAIB. IV.
1Is fearr neach a bhi gun chloinn, agus subhailc a bhi aige; oir tha a cuimhneachan neo‑bhàsmhor: do bhrìgh gu ʼm bheil e aithnichte do Dhia, agus do dhaoinibh.
2An uair a ta e a làthair, gabhaidh daoine eiseimpleir deth; agus an uair a théid as da, miannaichidh iad e; caithidh e crùn, agus bheir e buaidh gu bràth, air dà làmh an uachdar fhaotuinn, aʼ deanamh strìth air son nan duais a ta neo‑thruallidh.
3Ach cha soirbhich sìol lìonmhor nan aingidh, ni mò a ghabhas e freumhachadh domhain o mheanglanaibh dìolain, no leagas e stéigh dhaingean.
4Oir ged a dhʼ fhàsas iad gu h‑àluinn ann an geugaibh rè ùine; gidheadh, gun a bhi gu daingean ʼnan seasamh, crathar iad leis aʼ ghaoith, agus le neart nan sìan, bithidh iad air am freumhachadh a mach.
5Brisear sìos na geuga neo‑iomlan, air dʼ an toradh a bhi neo‑tharbhach, anabuich rʼ a itheadh, seadh, gun fheum sam bith.
6Oir tha ʼchlann a ghineadh air leapaichibh neo‑laghail ʼnan fianuisibh air aingidheachd an aghaidh am pàranta ʼnan deuchainn.
7Oir ged tha ʼm fìrean air amaladh leis a bhàs, gidheadh bithidh e a ʼm foise.
8Oir cha ʼn i aois urramach an nì sin a sheasas ann an sìneadh a mach ʼna h‑aimsire, no a ta air a thomhas le àireamh bhliadhnaichean:
9Ach tha gliocas mar dhualaibh liatha do dhaoinibh, agus tha beatha neo‑lochdach ʼna sean aois.
10Thoilich e Dia, agus ghràdhaicheadh leis e: air chor is gun dʼ atharraicheadh e, ʼn àm da bhi ʼteachd beò am measg pheacach.
11Seadh, thugadh gu h‑ealamh air falbh e, air eagal gu ʼn atharraicheadh aingidheachd a thuigse, no gu ʼm mealladh cealg anam.
12Oir nì druidheachd an uilc dòrch na nithe a ta ionraic; agus cladhaichidh seacharan na h‑ana‑mianna fo ʼn inntinn aoin‑fhillte.
13Esan, a rinneadh iomlan ann an ùine ghoirid, choimhlion e ùine fhada:
14Oir thoilich ʼanam an Tighearna; uime sin rinn e cabhag ʼga thoirt air falbh o mheasg nan aingidh.
15So chunnaic an sluagh, agus cha do thuig iad e, ni mò a chàraich iad suas ʼnan inntinn e, Gu ʼm bheil a ghràs agus a thròcair maille rʼ a naoimh fein, agus gu ʼm bheil suim aige dʼ a phobull taghta.
16Mar so dìtidh na fìreanʼ a ta marbh na neo‑fhìrean a ta beò; agus an òige a ta gu h‑ealamh air a coimhlionadh, na bliadhnaichean lìonmhor agus an sean aois aig na neo‑fhìreanaibh.
17Oir chìth iad crìoch an duine ghlice, agus cha tuig iad ciod a shònraich Dia ʼna chomhairle mʼ a thimchioll, agus ciod i aʼ chrìoch air son an do shuidhich Dia ann an tèaruinteachd e.
18Chìth iad e agus nì iad tàir air; agus nì Dia gàire fanoid riutha: agus bithidh iad an déigh so ʼnan closaich bhréin, agus nam masladh am measg ʼnam marbh a chaoidh.
19Oir reubaidh se iad, agus tilgidh e sìos an coinneamh an cinn iad, chum gu ʼm bi iad gun chainnte; agus crathaidh se o ʼm bunait iad; agus bithidh iad air am fàsachadh, agus ann an àmhghar; agus théid an cuimhneachan a dhìth.
20Agus an uair a bheir iad cùnntas air am peacannaibh, thig iad le h‑eagal; agus dìtidh an aingidheachdan iad anns an aghaidh.

دیاریکراوەکانی ئێستا:

Gliocas Sholaimh 4: MacGAP

بەرچاوکردن

لەبەرگرتنەوە

بەراوردکردن

هاوبەشی بکە

None

دەتەوێت هایلایتەکانت بپارێزرێت لەناو ئامێرەکانتدا> ? داخڵ ببە