Gliocas Sholaimh 2
2
CAIB. II.
1Oir thubhairt na daoine mì‑dhiadhaidh, aʼ reusonachadh annta fein, ach cha ʼn ann gu ceart, Tha ar beatha goirid agus fadalach, agus ann am bàs duine cha ʼn ʼeil ath‑leasachadh idir; ni mò an robh fios air duine a phill riamh o ʼn uaigh.
2Oir rugadh sinn ann an tuiteamas; agus an déigh so bithidh sinn mar nach biodh sinn a riamh ann: oir tha ʼn anail ʼnar cuinneinibh mar dheatach, agus mar shraidaig bhig ann an gluasad ar cridhe:
3An nì sin an uair a chuirear as da, pillear ar corp gu luaithre, agus teichidh ar spiorad air falbh mar an oiteag thlà.
4Agus ri h‑ùine dì‑chuimhnichear ar n‑ainmean, agus cha bhi ar n‑oibre aig duine sam bith air chuimhne, agus teichidh ar beatha air falbh mar sgàile neòil, agus sgaoilear i mar cheò, a dhʼ fhògrar air falbh le gathannaibh na gréine, agus a chlaoidhear le ʼn teas.
5Oir is fìor fhaileas ar n‑ùine a theicheas air falbh; agus an déigh ar crìch cha ʼn ʼeil pilleadh ann: oir tha e gu teann air a sheuladh, air chor is nach tig duine sam bith a rìs.
6Uime sin thigibh, sealbhaichmaid na nithe maithe a ta làthair; agus deanamaid feum deth na creutairibh gu luath mar ann an làithibh ar n‑òige.
7Lìonamaid sinn fein le fìon luachmhor agus le nithibh cùbhraidh: agus na rachadh blàth idir ʼsan earrach seachad oirnn.
8Crùineamaid sinn fein le blàthaibh nan ròs mu ʼn seargar iad.
9Na rachadh a h‑aon againn gun aʼ chuid fein dʼ ar suaimhneas: fàgamaid comharan ar toilinntinn anns gach àite: oir is i so ar cuibhrionn, agus ar chrannchur is so i.
10Sàraichmaid an duine ionraic bochd; na caomhainmaid aʼ bhantrach, na cuireamaid urram air seann dualaibh liatha na h‑aoise.
11Biodh ar neart ʼna lagh ceartais: oir cha ʼn fhiach an nì sin a ta dìblidh a bheag sam bith.
12Uime sin deanamaid feall‑fholuch air an fhìrean; do brìgh nach ʼeil e a réir an dòigh againn, agus tha e calg‑dhìreach an aghaidh ar deanadais: tha e ʼgar cronachadh air son a bhi briseadh an lagha, agus aʼ cur an aghaidh ar maslaidh mar theachd geàrr ʼnar n‑àruchadh.
13Tha e ʼcumail a mach eòlas a bhi aige air Dia; agus goiridh e dheth fein leanabh do ʼn Tighearna.
14Rinneadh e a chronuchadh ar smuainte.
15Tha e searbh dhuinn a bhi eadhon ag amharc air: oir cha ʼn ʼeil a bheatha mar bheatha dhaoine eile, tha a shligheanna air dhòigh eile.
16Tha sinne air ar meas leis mar mhealltairean; tha e aʼ seachnadh ar sligheanna mar shalachar: tha e ʼcur an céill gu ʼm bi crìoch nan ionraic beannaichte, agus tha e aʼ deanamh uaill gur Dia a ʼs athair da.
17Faiceamaid am bheil a bhriathra fìor; agus dearbhamaid ciod a thachaireas aig a chrìch aige.
18Oir mar is mac do Dhia an duine ionraic, cuidichidh e leis, agus saoraidh se e o làimh a nàimhdean.
19Ceasnaichmid e le fuath agus àmhghar, chum eòlas fhaotuinn air a mhacantas, agus chum ʼfhaighdinn a dhearbhadh.
20Dìteamaid e le bàs maslachail: oir a réir a bhriathra fein cuirear urram air.
21Smuainich iad a leithid so do nithibh, agus mhealladh iad: oir dhalladh iad le ʼn aingidheachd fein.
22A thaobh dìomhaireachdan Dhé, cha bʼ aithne dhoibh iad: ni mò bha dòchas aca ri duais na fìreantachd, agus cha dʼ fhuair iad a mach ath‑dhìol do dhʼ anamaibh neo‑chiontach.
23Oir chruthaich Dia an duine gu bhi neo‑bhàsmhor, agus rinn se e ʼna ìomhaigh air a shìorruidheachd fein.
24Gidheadh, trìd farmaid an diabhail thàinig am bàs a stigh do ʼn t‑saoghal: agus gheibh iadsan e a nì gréim air a thaobh.
دیاریکراوەکانی ئێستا:
Gliocas Sholaimh 2: MacGAP
بەرچاوکردن
لەبەرگرتنەوە
بەراوردکردن
هاوبەشی بکە
دەتەوێت هایلایتەکانت بپارێزرێت لەناو ئامێرەکانتدا> ? داخڵ ببە
© Scottish Bible Society 2017
© Comann Bhìoball na h-Alba 2017