Sailm 6
6
1A Thighearn, ann ad chorraich mhòir
na cronaich mi gu garg;
Na dèan mo smachdachadh gu geur,
an uair a lasas d’fhearg.
2Dèan tròcair orm, a Dhia nan gràs,
oir lag tha mi gun cheist;
Dhia, slànaich mi a-nis am fheum,
oir tha mo chnàmhan brist’.
3Tha m’anam air a chràdh gu geur:
ach thusa, Dhè, cia fhad?
4Till, fuasgail m’anam; agus fòir
le tròcair orm gu grad.
5Oir ort, a Thighearna, sa bhàs,
cha chuimhnichear gun cheist:
Cò bheir dhut buidheachas san uaigh,
no bheir ort luaidh am feasd?
6Lem osnaich tha mi sgìth; san oidhch’
a’ cur mo leap’ air snàmh;
Lem dheuraibh m’uirigh uisgicheam
san àm bu chòir dhomh tàmh.
7Mo shùil a ta air fàilneachadh
fa chùis mo bhròin gach tràth;
Is tha i dol gu aois airson
m’uil’ eascairdean a-ghnàth.
8A luchd na h-aingidheachd gu lèir,
imichibh uam am fad:
Oir chuala Dia gu tròcaireach
àrd-ghuth mo chaoidh gun stad.
9An athchuinge a chuir mi suas,
chuala Iehòbhah i;
Is gabhaidh e gu toileach uam
an ùrnaigh a nì mi.
10Air m’eascairdibh gu robh air fad
nàir’ agus cùradh geur:
Is tilleadh iad air ais gu luath
le masladh mòr gu lèir.
موجودہ انتخاب:
Sailm 6: SD1826
سرخی
کاپی
موازنہ
شئیر
کیا آپ جاہتے ہیں کہ آپ کی سرکیاں آپ کی devices پر محفوظ ہوں؟ Sign up or sign in
Sailm Dhaibhidh 1826 (le litreachadh ùr 2000)
© Comann Bhìoball na h-Alba (Scottish Bible Society) 2000