Sailm 5
5
1Dom bhriathraibh tabhair aire, Dhè,
is beachdaich air mo smaoin.
2Eisd guth mo ghlaoidh, mo Rìgh ’s mo Dhia,
oir guidheam ort gu dian.
3Mo ghuth do chluinnear leat, a Dhè,
air madainn gach aoin là:
Gu moch do dhèanam ùrnaigh riut,
is dearcam ort a-ghnàth.
4Cha tus’ an Dia lem miann an t-olc;
is lochd cha chaidir thu:
5Cha seas an t-amadan ad làth’r;
’s fuath leat luchd-uilc nach fiù.
6Do sgriosar leat luchd-labhairt bhreug:
is gràin le Dia faraon
An duine fuileachdach, ’s an tì
chum cealgaireachd a chlaon;
7Ach mise, thig mi chum do theach,
thaobh meud do ghràsan caomh’:
Is ann ad eagal adhraidh mi,
m’aghaidh rid theampall naomh.
8Fa chùis mo naimhdean, treòraich mi,
ad cheartas naomh, a Dhè,
Is dèan-sa romham, air gach ball,
do shlighe dìreach rèidh.
9Oir chan eil cinnt no ceart nam beul,
fìor aing’eachd annta tha;
An sgòrnan fosgailt’ tha mar uaigh,
le miodal teangaidh tlàth.
10Len comhairlibh leig tuiteam dhaibh;
sgrios iad, a Dhè, nan lochd:
Nam peacaibh lìonmhor fuadaich iad,
oir rinn iad ceannairc ort.
11Ach aoibhneas air gach neach gu robh
nì barrant dhìot nan airc:
Is dèanadh iad buan-ghàirdeachas,
oir nì thu dhaibh cùl-taic:
Biodh annad ait, len ionmhainn d’ainm,
12oir beannaichidh tu, Dhè,
am fìrean: nì thu le do ghràs
a chuartach’, mar le sgèith.
موجودہ انتخاب:
Sailm 5: SD1826
سرخی
کاپی
موازنہ
شئیر
کیا آپ جاہتے ہیں کہ آپ کی سرکیاں آپ کی devices پر محفوظ ہوں؟ Sign up or sign in
Sailm Dhaibhidh 1826 (le litreachadh ùr 2000)
© Comann Bhìoball na h-Alba (Scottish Bible Society) 2000