Sailm Dhaibhidh 94

94
Salm 94
1O Dhia, dom buin ceart-dhìoghaltas,
Iehòbhah neartmhoir thrèin,
Dom buin a‑mhàin ceart-dhìoghaltas,
gu dealrach nochd thu fhèin.
2O Bhritheimh cheirt na talmhainn, dèan
thu fhèin a thogail suas;
Is ìoc do luchd an uaibhreachais
ceart-luigheachd agus duais.
3Cia fhad a nì luchd aingidheachd,
cia fhad, a Dhia, a nì
Luchd aingidheachd ùr‑ghàirdeachas,
le aoibhneas mòr gun dìth?
4Cia fhad a bhrùchdar briathran leò,
a' teachd air nithean cruaidh?
'S a bhitheas luchd na h‑aingidheachd,
ri ràiteachas is uaill?
5Bhris iad do shluagh gu mìn, a Dhè,
is d'oighreachd chlaoidh gu goirt.
6Bantrachan, coigrich, 's dìlleachdain,
gam marbhadh, is gam mort.
7Their iad gidheadh, cha lèir do Dhia,
is fòs cha mhò a nì
Dia Iàcoib siud a thoirt fa‑near,
's cha chuir am feasd am prìs.
8O dhaoine brùideil measg an t‑sluaigh,
nis tuigibh agaibh fhèin,
Is amadain, cia fhad a bhios
sibh gabhail thugaibh cèill'?
9An neach a chuir air faillean cluas,
am bi gun chlàisteachd ghèir?
An Tì a dhealbh an t‑sùil faraon,
nach ann dha fhèin as lèir?
10'N tì smachdaicheas na fineachan,
an e nach cronaich e?
An tì bheir eòlas do gach neach,
an neach gun eòlas e?
11Air smuaintean dhaoin' is fiosrach Dia,
gur dìomhan iad gu beachd,
12Dhia, 's beannaicht' iad don toir thu smachd,
is teagasg as do reachd:
13Chum fois gun tugadh tusa dhaibh
o làithean àmhghair olc,
Gu ruig an uair an cladhaichear
do dhaoine daoi an sloc.
14Oir Dia cha tilg e dheth am feasd
an sluagh don tug e spèis:
'S cha mhò na sin a thrèigear leis
an oighreachd as leis fhèin.
15Ach tillidh breitheanas a‑rìs
ri fìreantachd air ais:
Is luchd a' chridhe threibhdhirich
leanaidh na dèidh gu cas.
16An aghaidh fòs luchd-dèanamh uilc
cò dh'èireas leam an àird?
An aghaidh luchd na h‑aingidheachd
cò sheasas air mo phàirt?
17Mur bitheadh Dia Iehòbhah leam,
gam chuideachadh le buaidh,
'S beag nach robh m'anam bochd an tàmh
gu tosdach anns an uaigh.
18Tràth thubhairt mi, a ta mo chos
air sleamhnachadh uam sìos;
Do thròcair chaomh-sa 'n sin, a Dhè,
chùm suas mi, agus dhìon.
19Air bhith dom smuaintean muladach
is lìonmhor ann am chom,
Do chomhfhurtachd-sa thug an sin
sòlas dom anam trom.
20Aig cathair rìoghail luchd an uilc
'm bi comann riut gu beachd,
Tha dealbh gu seòlta aimhleis mhòir,
's ga òrdachadh le reachd?
21An aghaidh anam 'n fhìrein chòir
chruinnicheadh leò gu dlùth;
A dh'fhàgail ris fuil neochiontaich,
le breitheanas nach fiù.
22Ach Dia mo dhaingneach 's e: mo Dhia
mo charraig dhìon gach lò.
23'S e dhìolas orra siud air ais
gach eucoir rinneadh leo,
An sgathadh sìos do nìthear leis
gu ceart nan eucoir fhèin;
Is nì Iehòbhah mòr ar Dia,
an sgathadh sìos gu treun.

Айни замон обунашуда:

Sailm Dhaibhidh 94: SD1992

Лаҳзаҳои махсус

Паҳн кунед

Нусха

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in

YouVersion uses cookies to personalize your experience. By using our website, you accept our use of cookies as described in our Privacy Policy