Sailm Dhaibhidh 91

91
Salm 91
1An neach sin tha na thàmh gach uair
an ionad uaigneach Dhè,
Fo sgàil an Uile-chumhachdaich
buan-chòmhnaidh nì gach rè.
2Their mi a‑nis mu thimcheall Dhè,
mo thèarmann e, 's mo neart;
Mo dhaingneach: cuiream dòchas ann:
mo Dhia, 's e Dia nam feart.
3Gu dearbh o rib an eunadair
nì esan fuasgladh ort,
Is nì do shaoradh mar an ceudn'
on phlàigh tha gràineil goirt.
4Le 'itich nì e d'fhalach fòs,
bidh d'earbsa fo a sgèith;
Is fhìrinn bidh na targaid dhut,
mar sgèith dod dhìon gach rè.
5Fa chùis an uamhais anns an oidhch'
cha bhi ort geilt no sgàth;
No fòs fa chùis na saighde bhios
a' ruith air feadh an là:
6Cha bhi maoin eagail ort ron phlàigh
tha triall an dorchadas:
No fòs fa chùis an uilc a bhios
mu mheadhon-là ri sgrios.
7Bidh mìle tuiteam sìos rid thaobh,
deich mìle fòs rid dheis;
Ach olc dhiubh siud cha tig ad chòir
no 'm fagas dhut am feasd.
8A‑mhàin led shùilean seallaidh tu,
is bheir fa‑near le beachd:
Droch-dhìol is tuarasdal nan daoi,
gun cheist do chìthear leat.
9A chionn gun d'roghnaich thusa Dia,
mar chòmhnaidh dhut gach àm,
An Dia ud tha na thèarmann dhomh,
's e 'n Tì as àirde th'ann:
10Aon olc chan èirich dhut; is plàigh
dod fhàrdaich cha tig dlùth.
11Oir bheir e àithn' da ainglean, chum
ad ròd gun dìon iad thu.
12Is togaidh iadsan thusa suas
gu h‑àrd air bhàrr am bos;
Eagal gum buailte leat air cloich,
aon uair air bith do chos.
13Air leòmhann is air nathair nimh'
gun dòrainn saltrar leat:
Pronnaidh tu 'n dràgon sìos led chois,
's an leòmhann òg led neart.
14A chionn gur ionmhainn leis-san mi,
sàr-fhuasgladh bheir mi dha;
Air m'ainm a chionn gur eòlach e,
àrdaicheam e gach là.
15Gairidh e orm, is freagram e:
na thrioblaid bitheam leis;
Onair is urram bheir mi dha,
is fuasglam air gu deas.
16Le saoghal fad is maireannach
sàsaicheam e gu leòr:
Mo shlàinte dhàsan mar an ceudn'
foillsichidh mi gu mòr.

Айни замон обунашуда:

Sailm Dhaibhidh 91: SD1992

Лаҳзаҳои махсус

Паҳн кунед

Нусха

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in

YouVersion uses cookies to personalize your experience. By using our website, you accept our use of cookies as described in our Privacy Policy