Sailm Dhaibhidh 87

87
Salm 87
1Tha bhunaitean sna slèibhtean naomh':
2'S ro‑ionmhainneach le Dia
Geatachan Shioin, thar gach àit
a bha aig Iàcob riamh.
3Nithean ro‑ghlòrmhor innsear ort,
a chathair àlainn Dhè.
4Rahab is Bàbel cuimhnicheam
don dream don aithne mi;
Gabh beachd air Tìrus mar an ceudn',
is dùthaich Phalestin,
Maille ri Etiopia:
am fear seo rugadh 'n sin.
5Mu thimcheall Shioin theirear seo,
Am fear seo rugadh fòs,
'S am fear ud innt'; an Tì as àird
socraichidh i air chòir.
6Tràth sgrìobhas Dia le cuimhne mhaith
na fineachan fa leth,
'N sin àirmhidh e gum b'ann an siud
bha 'm fear seo air a bhreith.
7Luchd-seinn nan òran bidh an siud,
luchd innil-ciùil dan rèir:
'S ann annad fhèin, a Dhia nan gràs,
mo thobair tha gu lèir.

Айни замон обунашуда:

Sailm Dhaibhidh 87: SD1992

Лаҳзаҳои махсус

Паҳн кунед

Нусха

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in

YouVersion uses cookies to personalize your experience. By using our website, you accept our use of cookies as described in our Privacy Policy