Sailm Dhaibhidh 82

82
Salm 82
1An coitheanal nan treun a ta
na sheasamh Dia nam feart:
Am measg nan dè bheir esan breith
le cothrom is le ceart.
2Cia fhad a bheir sibh breitheanas
gu h‑eucorach 's gach cùis;
Toirt leth-bhreith air na daoine daoi,
gam meas a rèir an gnùis?
3Do dhaoine bochd 's do dhìlleachdain
dèanaibh-sa dìon le ceart:
Is cumaibh còir riu siud a‑ghnàth
tha cràiteach bochd gun neart:
4An t‑ainnis lag 's an deòradh truagh,
sìor theasairgibh nam feum,
Dèanaibh o làimh nan aingidh fòs
deagh-fhuasgladh dhaibh gu treun.
5Eòlas no tuigse chan eil ac',
a' triall san dorcha tàid;
Tha bunaitean na talmhainn fòs
air gluasad as an àit.
6Is dè sibh (thubhairt mi,) 's is mic
don Tì as àirde th'ann:
7Ach tuitidh, 's gheibh sibh bàs mar dhaoin',
's mar aon de phrionnsan fann.
8Dhia, èirich, air an talamh dèan
deagh bhreitheanas gu grad:
Oir gabhaidh tu mar oighreachd dhut
na fineachan air fad.

Айни замон обунашуда:

Sailm Dhaibhidh 82: SD1992

Лаҳзаҳои махсус

Паҳн кунед

Нусха

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in

YouVersion uses cookies to personalize your experience. By using our website, you accept our use of cookies as described in our Privacy Policy